15.12.2015
A rèir Comataidh ann an Taigh an Roid, dh’fhaodadh gum bi “tòrr” fiosrachaidh chudromaich ann nach bi air a chlàradh ri linn a’ Bhile Choiteachaidh (Alba) mar a tha am Bile an-dràsta.
Tha a’ mhòr-chuid de bhuill air a’ Chomataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach den bheachd gu bheil na planaichean gus dìreach conaltradh aghaidh-ri-aghaidh le Ministearan is BPA a chlàradh ann an clàr-coiteachaidh a’ dol a dhèanamh eadar-dhealachadh nach bu chòir a bhith ann, agus tha iad a’ moladh gun toir Riaghaltas na h-Alba sùil air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith ann nam biodh gach dòigh-chonaltraidh air an gabhail a-steach sa Bhile.
Ged a chaidh taic a thoirt do phrionnsapalan coitcheann a’ Bhile san aithisg airson Ìre 1, tha a’ Chomataidh cuideachd a’ moladh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba atharraichean a dhèanamh gus a’ chiall a th’ aig coiteachadh riaghailteach a leudachadh gu bhith gabhail a-steach conaltradh ri oifigearan poblach eile, cho math ri Ministearan is BPA.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach, Stiùbhart Stevenson BPA:
“Dh’èist a’ Chomataidh gu faiceallach ri daoine a thug fianais seachad san rannsachadh againn, agus mar thoradh air sin, tha a’ mhòr-chuid againn den bheachd gum bu chòir don Riaghaltas beachdachadh air cuid a chumhachan cudromach sa Bhile a leudachadh.
“Tha a’ Chomataidh a’ tuigsinn gun deach mìneachadh cumhang a thoirt air coiteachadh mar chonaltradh labhairteach gus nach biodh taghadh ro fharsaing de dh’fhiosrachadh ga chlàradh agus gus nach biodh cus uallaichean obrach ann leis an t-siostam ùr.
“Ge-tà, tha a’ mhòr-chuid againn den bheachd mura clàraichear ach conaltradh labhairteach gun dèan sin eadar-dhealachadh eadar dòighean-conaltraidh nach bu chòir a bhith ann agus gum bi tòrr fiosrachaidh ann nach bi air a chlàradh.
“Tha sinn a’ moladh gun toir an Riaghaltas sùil air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith ann nan atharraicheadh iad a’ chiall a th’ aig coiteachadh riaghailteach gu bhith gabhail a-steach conaltradh de sheòrsa sam bith, agus le sùil atharraichean sam bith a bhios a dhìth air a’ Bhile a dhèanamh.”
Tha aithisg na Comataidh cuideachd a’ togail dragh mu mar a tha am Bile a’ moladh nach bi coinneamhan a chuireas BuPA no Ministearan fhèin air dòigh air an gabhail a-steach fon chiall seo. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh air an Riaghaltas coimhead às ùr air cho pragtaigeach agus a bhios sin, agus tha a’ Chomataidh ag iarraidh orra beachdachadh air an cumha seo a thoirt às no rudeigin eile a chur na àite aig Ìre 2.
Cùl-fhiosrachadh
Tha am meòrachan-poileasaidh airson a’ Bhile Choiteachaidh (Alba) ag ràdh:
* ’s e a tha fa-near don Bhile gum bi obair riochdairean a chaidh a thaghadh nas fhosgailte
* ’s e prìomh amas a’ Bhile clàr freagarrach is iomchaidh a stèidheachadh airson gnìomhan coiteachaidh
Bha taic aona-ghuthach ann, am measg nan daoine a thug freagairt seachad ann an rannsachadh na Comataidh, airson a’ phrionnsapail nach fheumadh daoine fa leth a bha coiteachadh clàradh.