Comataidh Thaigh an Ròid: Bile nas treasa riatanach gus àrd-amasan a lìbhrigeadh a thaobh ath-leasachadh fearainn

04.12.2015

Feumaidh pàirtean cudromach den Bhile Ath-leasachadh Fearainn aig Riaghaltas na h-Alba a bhith air an daingneachadh, ma tha àrd-amasan radaigeach a’ Bhile gu bhith air an lìbhrigeadh, a rèir aithisg bho Chomataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus an Àrainneachd (a’ Chomataidh RACCE).

Tha a’ Chomataidh a’ cur cuideam air sreath de chuspairean anns an aithisg aca air Bile Ath-leasachadh Fearainn (Alba), nam measg:

  • Feumaidh am Bile a ràdh gu soilleir gur e so-mhaoin nàiseanta  a tha ann am fearann agus gu bheil e ann airson leas a’ phobaill uile ann an Alba, agus feumaidh gu bheil am Bile air a chur an gnìomh gu soilleir agus gu daingeann ann an co-theacsa de dhleastanasan eadar-nàiseanta a thaobh chòraichean daonna.
  • Tha feum air atharrachaidhean ris an dreachd den reachdas, gus barrachd trìd-shoilleireachd a thoirt gu buil a thaobh cò aige a bheil fearann, cò aige a bheil smachd air agus cò tha a’ faighinn buannachd às, agus tha a’ Chomataidh a’ toirt mholaidhean air mar a dh’fhaodas sin a bhith air a choileanadh.
  • Is fheudar gu bheil ceumannan air an gabhail gu bhith a’ mìneachadh nas èifeachdaiche carson a tha am Bile a’ solarachadh gum feum conaltradh a bhith ann eadar uachdarain, manaidsearan fearainn agus coimhearsnachdan, air chor ’s gun dèanar cinnteach nach bi pàrtaidh sam bith a’ toirt cluais bhodhar don stiùireadh air conaltradh agus gum bi a h-uile duine eòlach gum faod peanasan a bhith air an leagail mura bheil daoine a’ leantainn ris an stiùireadh.
  • Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air “còir ri cheannach gus leasachadh seasmhach a thoirt air adhart”, a tha am Bile a’ moladh mar chòir ùr airson choimhearsnachdan, ach tha a’ Chomataidh ag iarraidh air an Riaghaltas a dh’ath-bheachdachadh air na tha riatanach fon Bhile gus a’ chòir seo a chleachdadh, air eagal ’s gu bheil na deuchainnean cho àrd is nach tèid aig coimhearsnachdan air na solaran seo a chur gu feum.
  • Tha a’ Chomataidh a’ gairm gum bu chòir don ath-bhreithneachadh air stiùireadh fèidh, a bhathar an dùil gu bhith ann co-dhiù, a bhith air a thoirt air adhart agus a thighinn gu co-dhùnadh nas luaithe, air chor ’s gun tèid aig Riaghltas na h-Alba na co-dhùnaidhean a chur an gnìomh aig deireadh 2016.
  • Tha iomagain throm aig a’ Chomataidh mu dheidhinn an dìth fiosrachaidh mionaidich a thaobh reataichean gnothachais, a bhios air an ath-thoirt a-steach airson ionadan-urchaireachd agus frìthean. Tha a’ Chomataidh a’ gairm air Riaghaltas na h-Alba a thoirt, cho luath ’s a ghabhas agus gu deimhinn ro thoiseach Ìre 2, mion-sgrùdadh domhainn, susbainteach agus stèidhichte air fianais, a tha a’ sealltainn dè na buaidhean a thig bho bhith toirt gu crìch an saoradh bhon chìs airson oighreachdan spòrs, ma tha a’ Chomataidh gu bhith ann an suidheachadh far an toir iad taic don phàirt seo den Bhile.
  • A thaobh seilbh-àiteachais, tha a’ Chomataidh a’ ceasnachadh an tèid aig a’ Bhile a bhith a’ lìbhrigeadh air na h-amasan aige: is iad sin gum bi an uiread de dh’fhearann airson màl air a chumail mar a tha e no air a mheudachadh; gum bi còraichean a’ mhàl-shealbhadair air an daingneachadh air chor ’s gum bi e nas fhasa dha a bhith a’ cur a chuid airgid a-steach anns a’ ghabhaltas aige; agus gun dìonar còraichean an uachdarain. *
  • Tha e cudromach gu bheil, an dèidh làn cho-comhairleachaidh, còd obrachaidh reachdail airson bàillidhean oighreachdan air a leasachadh le Coimiseanair nan Tuathanach Màil agus gu bheil an còd air a chur an gnìomh gu pèingilteach.
  • Tha a’ Chomataidh a’ gairm air Riaghaltas na h-Alba a bheachdachadh air roghainnean a dh’fhaodas a bhith a’ toirt dhaibhsan le gabhaltas fon Achd 1991 còir ri cheannach “ann an suidheachaidhean àraidh”.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus an Àrainneachd Rob Gibson BPA:

“Tha a’ Chomataidh ag aontachadh le amas an Riaghatais air ath-leasachadh radaigeach a lìbhrigeadh, agus tha sinn a’ toirt taic do mhòran de na solaran agus do phrionnsabalan coitcheann a’ Bhile. Ach nar beachd-ne, tha barrachd obrach a dhìth air feadhainn de na pàirtean ann an dreachd a’ Bhile an-dràsta, ma tha iad gu bhith a’ lìbhrigeadh air na h-àrd-amasan aca.

“Tha feum air tuilleadh smuaineachaidh no tuilleadh mìneachaidh air cuspairean cudromach, leithid: trìd-shoilleireachd nas fheàrr air cò aige a bheil fearann, cò aige a bheil smachd air agus cò tha a’ faighinn buannachd às; a’ dèanamh a’ phròiseis nas cothromaiche agus nas trìd-shoilleire a thaobh ath-bhreithneachadh màil; agus a’ cruthachadh àrainneachd nas fheàrr airson cur airgid a-steach ann an seilbh-àiteachais, gach cuid le uachdarain agus le màl-shealbhadairean. Tha sinn ag iarraidh barrachd fiosrachaidh ron deasbad Ìre 1 ann am Pàrlamaid na h-Alba, air chor ’s gum  faod a’ Chomataidh a bhith soilleir air na tha an dùil agus mar a dh’obraicheas e.”

Lean Mgr Gibson air:

“Tha am Bile air deasbad mòr adhbharachadh air feadh Alba air fearann agus air na tha e a’ ciallachadh airson  na dùthcha.

“Tha e cudromach, mar a tha am Bile a’ dol air adhart tron phròiseas phàrlamaideach, gu bheil buill bho gach pàrtaidh anns an t-seòmar, an co-bhoinn ris a’ Chomataidh agus ris an Riaghaltas, ag obair gus na h-àrd-amasan a lìbhrigeadh, a bharrachd air an t-soilleireachd, a tha a’ chuid as motha ann an Alba ag iarraidh fhaicinn.”

Cùl-fhiosrachadh

* Chan eil Ailig MacFhearghais BPA, le cead bhon Chomataidh, ag aontachadh leis na tha a’ Chomataidh ag ràdh air seilbh-àiteachais no leis a’ chòir ri cheannach a tha am Bile a’ toirt do choimhearsnachdan, agus tha na beachdan aige ri fhaotainn mar phàirt den aithisg.

Chan eil Jim Hume BPA, a-rithist le cead bhon Chomataidh, ag aontachadh leis an earrann anns a’ phàirt den Bhile air seilbh-àiteachais a tha a’ toirt còir ri cheannach dhaibhsan a tha nam màl-shealbhadairean fon Achd 1991.

Tha aithisg Chomataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus an Àrainneachd (“a’ Chomataidh RACCE”) a’ sgrùdadh a’ Bhile Ath-leasachadh Fearainn (Alba), a chaidh a thoirt a-steach le Riaghaltas na h-Alba. Gheibhear aithisg na Comataidh RACCE tron cheangal seo bho 10m, Dihaoine 4 Dùbhlan:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/94538.aspx

Bidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus an Àrainneachd (a’ Chomataidh RACCE) a’ sgrùdadh mholaidhean airson poileasaidhean a bhuineas ri cùisean dùthchail, atharrachadh clìomaid agus an àrainneachd.

A bharrachd air seiseanan-fianais foirmeil ann an Taigh an Ròid, bha a’ Chomataidh a’ sgrùdadh a’ Bhile Ath-leasachadh Fearainn le tursan gu Arcaibh, an t-Eilean Sgiathanach, Ìle, Diùra, Fìobha agus Crìochan na h-Alba. Ann an coinneamhan poblach, chuala a’ Chomataidh beachdan agus barailean bho ghrunn bhuidhnean agus daoine, nam measg: luchd-seilbh oighreachdan, geamairean, luchd-poileasaidh, tuathanaich màil, eòlaichean àrainneachd agus buidhnean coimhearsnachd. A bharrachd air sin, anns an t-seisean phàrlamaideach seo tha a’ Chomataidh air sgrùdadh a thoirt do bhileachan air: seilbh-àiteachais; croitearachd; cumhachdachadh choimhearsnachdan agus na h-atharrachaidhean ris a’ chòir ri cheannach; agus gabhaltasan fada.

Leugh an Aithisg

Report on Land Reform (Scotland) Bill

Fios Conaltraidh

Fios do na Meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.