Latha na Pàrlamaid a’ toirt àite is èisteachd don choimhearsnachd

03.12.2015

Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ tighinn gu Dùn Phàrlain air 7 Dùbhlachd. Bidh an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA, a’ tadhal air diofar àiteachan sa bhaile.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:

“Seo Latha na Pàrlamaid mu dheireadh againn airson an t-seisein seo den Phàrlamaid agus mar chuidegin à Fìobha, tha mi air mo dhòigh gu bheil sinn a’ cumail latha ann an Dùn Phàrlain. Tha fhios agam gu bheil coimhearsnachd làidir ann an Dùn Phàrlain agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri faicinn mar a tha pròiseactan mar Fire Station Creative air diofar a dhèanamh ann am beatha dhaoine.

“Bidh mi cuideachd a’ coinneachadh ri sgoilearan bho Àrd-sgoil na Banrigh Anna agus tha mi cinnteach gum bi iad a’ cur ceistean gu math cruaidh orm!”

A thuilleadh air an turas aig an Oifigear Riaghlaidh, cumaidh a’ Chomataidh Foghlaim is Cultair coinneamh oifigeil ann an Dùn Phàrlain mar phàirt de Latha na Pàrlamaid. Aig a’ choinneimh sin bidh a’ Chomataidh a’ sgrùdadh Bile an Fhoghlaim (Alba) agus bidh iad a’ cur cheistean air Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha a thaobh nam planaichean a tha sa bhile gus ìrean coileanaidh ann am foghlam àrdachadh.

Cùl-fhiosrachadh

Air Latha na Pàrlamaid bidh muinntir na Pàrlamaid a’ fàgail Dhùn Èideann agus a’ tadhal air coimhearsnachdan gus coinneanachadh ri daoine sna coimhearsnachdan sin agus gus cluinntinn mu na cùisean a tha cudromach dhaibh. Chaidh an latha a chumail ann an diofar choimhearsnachdan air feadh Alba, bho Arcaibh gu Dùn Phris.

Mar phàirt de Latha na Pàrlamaid ann an Dùn Phàrlain, thèid co-labhairt a chumail a tha an-asgaidh ann an Ionad Cho-labhairtean Carnegie air Disathairne 5 Dùbhlachd. Gheibh daoine barrachd fiosrachaidh an sin mu mar a gheibh iad èisteachd aig Pàrlamaid na h-Alba.

Airson barrachd fiosrachaidh mun latha agus a’ cho-labhairt, tadhail air: www.scottish.parliament/PDDunfermline

Chaidh Bile an Fhoghlaim (Alba) a thoirt a-steach sa Mhàrt 2015 agus tha grunn mholaidhean ann. Nam measg tha:

* A’ brosnachadh co-ionannachd do chlann bochda a thaobh ìrean coileanaidh san sgoil agus a’ gabhail cheumannan gus a’ bheàrn eadar iadsan is clann eile a dhùnadh a thaobh soirbheachadh san sgoil.

* A’ fàgail dleastanas air ùghdarrasan foghlaim gus measadh a dhèanamh feuch a bheil feum air Foghlam tron Ghàidhlig nuair a gheibh iad iarrtas bho phàrant(an) agus gus brosnachadh is taic fhollaiseach a thoirt do dh’Fhoghlam tron Ghàidhlig (FtG).

Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil dà sheata de dh’atharraichean a mholadh airson a’ Bhile aig Ìre 2, a thaobh Ìrean Dreuchdail airson Cheannardan agus Frèam Adhartais Nàiseanta a bheir measaidhean coitcheann nàiseanta a-steach airson clann air BS1, 4, 7 agus air ÀS3.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu sgrùdadh na Comataidh air a’ Bhile air:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/88283.aspx

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.