Pàrlamaid na h-Alba a’ tadhal air Inbhir Chluaidh

23.09.2015

Thèid tachartas coimhearsnachd a chumail ann an Grianaig air 5 Dàmhair gus cothrom a thoirt do dhaoine a tha a’ fuireach agus ag obair ann an sgìre Inbhir Chluaidh bruidhinn ri Buill Pàrlamaid na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh Riaghaltais Ionadail is Ath-bheothachaidh airson beachdan a chluinntinn bho dhaoine fa leth agus buidhnean coimhearsnachd ann an Inbhir Chluaidh a thaobh rudan a bheir buaidh air beatha làitheil dhaoine, rudan mar sheirbheisean poblach agus mar a tha iad air an lìbhrigeadh agus an diofar a rinn an t-ath-nuadhachadh, a chaidh a dhèanamh air sgìre Inbhir Chluaidh, air beatha nan daoine a tha fuireach agus ag obair an sin. Bidh iad cuideachd ag iarraidh beachdan a chluinntinn mu dheidhinn nan atharraichean a thathar a’ moladh airson Innealan Gheall le Gill Stèidhichte (Fixed Odds Betting Terminals) – a tha cuideachd leis an ainm innealan roulette le sgrìon air am faod thu buntainn – far am bi atharraichean air na riaghailtean air an son nuair a tha iad ann an ionadan-gheall ùghdarraichte.  

Aig coinneamh na Comataidh, beachdaichidh a’ Chomataidh air mar a ghabhas maoinean peinnsein riaghaltais ionadail a chur gu feum gus airgead a chur an seilbh bun-structair. Brosnaichidh sin obair gus an sgìre ath-nuadhachadh agus thig buannachdan às cuideachd ma dh’fhaodte a chithear nuair a tha buidhnean neo-eisimeileach bhon taobh a-muigh (ALEOs) a’ lìbhrigeadh sheirbheisean poblach.

Bidh buill na Comataidh a’ tadhal air pròiseactan aig Riverside Inverclyde agus ionad chur-seachadan coimhearsnachd fo stiùir Cur-seachadan Inbhir Chluaidh (Inverclyde Leisure). Tha an dà bhuidheann seo nam buidheann neo-eisimeileach bhon taobh a-muigh agus bidh iad a’ toirt seachad fianais bheòil aig coinneamh na Comataidh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caomhain Stiùbhairt BPA:

“Gach nì a nì sinn, ’s ann do dhaoine is na coimhearsnachdan aca a tha e. Tha sinn air a chur romhainn mar phrìomhachas gun tadhail sinn air daoine sna coimhearsnachdan aca fhèin gus cluinntinn mu chùisean a tha cudromach dhaibh. Sin an dearbh rud a tha fa-near dhuinn le bhith tadhal air Inbhir Chluaidh. Tha sinn airson cluinntinn mu chùisean a tha cudromach do dhaoine a tha a’ fuireach agus ag obair an sin.

“Tha atharraichean dha-rìribh air tighinn ri linn nan coinneamhan a tha air a bhith againn air feadh na dùthcha: atharraichean air reachdas mar an Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan, agus a thaobh mar a ghabhas seirbheisean a lìbhrigeadh gus frithealadh air feuman nan daoine a tha gan cleachdadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris an tachartas ann an Talla Bhaile Ghrianaig agus ri bhith cluinntinn bho dhaoine air mar a tha iad a’ toirt atharrachadh air cùisean.”

Cùl-fhiosrachadh

Thèid an tachartas coimhearsnachd a chumail aig 1.15f ann an Salùn Talla a’ Bhaile, Grianaig agus thèid coinneamh na Comataidh a chumail aig 2.30f ann an Seòmar Comhairle Inbhir Chluaidh.

Airson tiogaid an-asgaidh a ghleidheadh airson coinneamh na Comataidh, no airson àite a ghleidheadh aig an tachartas coimhearsnachd, cuir post-d gu: lgr.committee@scottish.parliament.uk no fòn gu 0131 348 5223.

Rannsachadh air innealan gheall le gill stèidhichte

Tha a’ Chomataidh air an rannsachadh aca a thòisicheadh air ìrean riaghlaidh airson innealan gheall le gill stèidhichte (FOBTs) ann an Alba. Mar phàirt de Bhile na h-Alba a tha dol tro Westminster an-dràsta, bidh cumhachdan aig Riaghaltas na h-Alba an àireamh de FOBTs a tha ceadaichte ann an ionadan-gheall ùr atharrachadh.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun rannsachadh air duilleagan-lìn na Comataidh:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/91126.aspx

Rannsachadh air buidhnean neo-eisimeileach bhon taobh a-muigh

Tha a’ Chomataidh a’ coimhead air cùisean co-cheangailte ri modhan-obrach aig buidhnean neo-eisimeileach bhon taobh a-muigh – ’s iad sin companaidhean air an stèidheachadh le ùghdarrasan ionadail gus feadhainn de dhleastanasan an ùghdarrais ionadail a choileanadh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.