04.09.2015
Rinn
Comataidh a’ Cheartais moladh air Patricia NicFhearghais BPA agus Bile nan
Rannsachaidhean air Bàis (Alba) a tha i air a thoirt a-steach don Phàrlamaid,
ach mhol iad gum bu chòir dhi obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba gus am Bile
airson Rannsachaidhean air Tubaistean Marbhtach is Bàis Aithghearr msaa (Alba)
acasan a neartachadh.
Coltach ri
Bile an Riaghaltais, chuireadh am Bile aig a’ Bh-uas NicFhearghais às do agus
raachadh e an àite Achd nan Tubaistean Marbhtach is nam Bàs Aithghearr (Alba)
1976 agus bheireadh e gu buil tòrr de na molaidhean a thàinig bhon Sgrùdadh aig
a’ Mhorair Cullen air reachdas airson Rannsachaidhean air Tubaistean Marbhtach.
Ged a tha a’
Chomataidh a’ cur taic ri tòrr de na prionnsapalan sa Bhile aice, tha iad den
bheachd gur e an dòigh as fheàrr tòrr de na prionnsapalan bhon Bhile aice a
chur an sàs nan obraicheadh i gu dlùth còmhla ris an Riaghaltas.
Thuirt
Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona Ghreumach BPA.
“Tha am
pròiseas air fad co-cheangailte ri Rannsachaidhean air Tubaistean Marbhtach
(FAI) air a bhith fon phrosbaig o chionn ghoirid. Tha na cuspairean ris a bheil
an reachdas seo a’ buntainn a’ ciallachadh gum bi daoine a tha air cuideigin a
chall tòrr nas buailtiche a bhith ga fhaicinn mar nì cudromach.
“Mar
Chomataidh tha sinn gu mòr air an aon ràmh ris a’ Bh-uas NicFhearghais agus i
den bheachd nach obraich siostam nan Rannsachaidhean air Tubaistean Marbhtach
ach nuair a tha comasach air ionnsachadh bho rudan a thachair roimhe, agus tha
sinn a’ cur taic ri tòrr de na molaidhean aice airson cùisean a leasachadh.
“Tha sinn a’
cur fàilte air mar a tha a’ Bh-uas NicFhearghais ag iarraidh piseach a thoirt
pròiseas nan rannsachaidhean feuch an toir e barrachd taic do theaghlaichean is
caraidean nan daoine a bhàsaich. Ge-tà, tha sinn cuideachd den bheachd gur e an
dòigh as fheàrr cùisean atharrachadh sna dòighean a tha i a’ moladh sa Bhile aice,
ma dh’obraicheas i gu dlùth còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus iad a’
beachdachadh air atharraichean air a’ Bhile acasan aig Ìre 2.
Cùl-fhiosrachadh
Gheibhear an
Aithisg air Ìre 1 an seo
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29845.aspx
Faodaidh tu
sùil a chumail air obair na Comataidh air Twitter @SP_Justice.
Fios conaltraidh
Fios do na Meadhananan
- Murray Meikle: 0131 348 6266
- Fàilte ro Text Relay
- murray.meikle@scottish.parliament.uk
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: