Pàrlamaid na h-Alba a' tighinn dhan Eilean Sgitheanach

18.08.2015

Bidh Comataidh Pàrlamaid na h-Alba a’ sgrùdadh ceist fearann na h-Alba aig coinneamh phoblach a chumas iad aig Ionad Àros. 

Tha Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd (RACCE) Pàrlamaid na h-Alba a’ tighinn don Eilean Sgìtheanach Diluain 7 Sultain a chluinntinn bho eòlaichean airson an sgrùdaidh aca air a’ Bhile Ath-leasachadh Fearainn (Alba) aig Riaghaltas na h-Alba.    

Bidh panail luchd-fianais a’ toirt seachad am beachdan agus, nam measg, tha an t-ùghdar agus neach-iomairt air ath-leasachadh fearainn Andy Wightman; Ùisdean MacLeòid Dhùn Bheagain, aig a bheil Caisteal Dhùn Bheagain agus 42,000 àcair fearainn anns an Eilean Sgìtheanach; Uilleam Swann, Coimiseanair Choimisean na Croitearachd, Scott Walker, ceannard Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach Albannach (NFUS) agus Anndra Prendergast bho Fhonndas Phlunkett, a tha a’ cuideachadh dhaoine, mar as tric ann an sgìrean dùthchail, gus co-chomainn coimhearsnachd a stèidheachadh agus a ruith.    

Bidh a’ Chomataidh a’ ceasnachadh an luchd-fianais air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig molaidhean Riaghaltas na h-Alba air cùisean cudromach leithid còir ceannaich aig coimhearsnachd gu leas muinntir na sgìre an-dràsta agus san àm ri teachd; cruinneachadh is cothrom air fiosrachadh mu dhaoine agus buidhnean a tha a’ riaghladh fearann; agus mar a tha fearann coitcheann ga chleachdadh.   

Thathar an dùil cuideachd ri beachdan làidir, fiosrachail a chluinntinn mu Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ deasachadh aithris shoilleir air còirichean is dleastanasan fearainn; agus air ciamar a b’ urrainn Coimisean Fearainn na h-Alba poileasaidh a stiùireadh san àm ri teachd.   

Thuirt Neach-gairm Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd, Rob Gibson BPA:

 “Seo a’ chiad chothrom aig daoine is buidhnean san Eilean Sgìtheanach a dh’fhaodadh tighinn fo bhuaidh nan atharrachaidhean a tha san amharc a thaobh sealbh is riaghladh fearainn, na beachdan aca innse dhuinn air na cuspairean as cudromaiche dhaibh.

 “Tha Bile an Riaghaltais a’ dèiligeadh ri cuspairean mòra leithid ath-leasachadh fearainn, gabhaltas tuathanachais agus riaghladh fhiadh.  Tha e riatanach gun cleachd a’ Chomataidh fios, eòlas agus sgilean luachmhor gach neach le leas anns an fhearann uair sam bith a ghabhas sin a dhèanamh.

 “Aig Ionad Àrois, tha a’ Chomataidh an dòchas beachdan a chluinntinn air cùis bhunaiteach, chudromach: ciamar a bu chòir sealbh is cleachdadh fearann na h-Alba a bhith ag obair gu leas na h-uile.”

Bidh a’ Chomataidh a’ dèanamh tuilleadh sgrùdaidh air a’ Bhile Ath-leasachadh Fearainn san t-Sultain le turasan a dh’Ìle, Diùra, Fìobha agus na Crìochan. Cluinnidh iad beachdan grunn bhuidhnean agus daoine, a’ gabhail a-steach luchd-seilbh oighreachdan, geamairean, luchd-poileasaidh, luchd-tac, eòlaichean àrainneachd agus buidhnean coimhearsnachd.   

Nì a’ Chomataidh aithisg air sgrùdadh Bile Ath-leasachadh Fearainn Riaghaltas na h-Alba ro dheireadh na bliadhna.  

 

 Cùl-fhiosrachadh

Tha Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd a’ sgrùdadh mholaidhean poileasaidh Riaghaltas na h-Alba a bhuineas ri cùisean dùthchail, atharrachadh clìomaid is an àrainneachd.

 

Coinneamh Phoblach Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd,

Àros, Rathad Viewfield, Port Rìgh, An t-Eilean Sgìtheanach, IV51 9EU

Diluain 7 Sultain 2015, 10:00 – 14:00

 

Airson tiogaid an asgaidh

Làrach-lìn: https://www.scottish.parliament.uk/visitandlearn/28754.aspx

Fòn: 0131 348 5200

Post-d: sp.bookings@scottish.parliament.uk

 

Mura h-urrainn dhut a bhith an làthair:

· cuir do bheachdan air a’ Bhile do landreformbill@scottish.parliament.uk ro 14 Lùnastal 15

· Lean na tweets beò bhon choinneimh aig @SP_RuralClimate

· Cuir tweets thugainn le do bheachdan no ceistean a’ cleachdadh #landreformbill

· Leugh na tha daoine air a bhith ag ràdh ris a’ Chomataidh gu ruige seo mu ath-leasachadh fearainn: http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/91072.aspx

 

 

Bidh an luchd-fianais a leanas aig coinneamh na Comataidh:

 

Panail 1

Malcolm Combe, Oilthigh Obar Dheadhain agus neach-comhairle don Bhuidhinn Sgrùdaidh air Ath-leasachadh Fearainn  

Andy Wightman

Neach-labhairt, Colaiste Chùisean Dùthchail na h-Alba (SRUC)

 

Panail 2

Neach-labhairt, Fearann is Oighreachdan na h-Alba

Peadair Peacock, Stiùiriche Poileasaidh, Fearann Coimhearsnachd na h-Alba

Eàirdsidh Rintoul, Institùid Rìoghail Luchd-suirbhidh Cùmhnantaichte (RICS)

Iain King, Stiùiriche Leasachadh Gnothaich, Clàraidhean na h-Alba (the Keeper)

Scott Walker, Ceannard Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach Albannach (NFUS)

Uilleam Swann, Coimiseanair, Coimisean na Croitearachd

Peadair Ritchie, Stiùiriche, Nourish Scotland

Anndra Prendergast, Oifis Leasachaidh, Plunkett Alba, Fonndas Phlunkett

 

Panail 3

Teàrlach Fforde, Oighreachd Àrainn

Ùisdean MacLeòid, Caisteal Dhùn BheagainT

Fios conaltraidh

Fios conaltraidh:

Fiosrachadh mun chomataidh 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.