Gairm airson bheachdan mu Bhile Toirmeasg Smocaidh

29.04.2015

Chaidh gairm a-mach an-diugh bhon Chomataidh Slàinte is Spòrs airson bheachdan air reachdas a stèidhicheas gur e eucoir a th’ ann do dh’inbhich a bhith a’ smocadh ann an carbad rathaid sa bheil leanabh.

Tha am Bile Toirmeasg Smocaidh (Clann ann an Carbadan Rathaid) (Alba) airson clann a dhìon bho cheò thoiteanan dhaoine eile agus chaidh a thoirt a-steach le Jim Hume BPA.  

A rèir a’ Bhile, b’ e Poileas na h-Alba a bhiodh an urra ris an lagh a chur an gnìomh. Bhiodh casaid eucoir a’ dol fo ghrad-chùis lagha le càin a’ dol cho àrd ri ìre 3 air a’ sgèile chumanta (£1000 an-dràsta).  Bhiodh cead cuideachd aig poileas sanas-càin stèidhichte a thoirt seachad seach casaid a chur an sàs.  

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA: 

“Tha e follaiseach gur e amas an reachdais dèanamh cinnteach gun tèid clann a thogail ann an àrainneachd glan bho cheò thoiteanan ach ’s e obair na Comataidh seo mion phuingean an reachdais a tha ga mholadh a sgrùdadh.    

“Tha a’ Chomataidh againn a’ dèanamh fiughair ri cluinntinn bho dhaoine agus bhuidhnean a thig fo bhuaidh an reachdais agus buidhnean aig a bheil gnothach sa chùis, air èifeachd a’ Bhile seo nan gabhte ris.    

“Bheir seo cothrom don Chomataidh beachdachadh air buaidh fharsaing an reachdais seo, a’ gabhail a-steach ciamar a b’ fheàrr a ghabhadh cumhachan a’ bhile a chur an sàs.” 

Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan air na leanas: 

  • A bheil thu ag aontachadh ris a’ Bhile? Innis carson a tha thu den bheachd seo.
  • A bheil thu den bheachd gum biodh am Bile (nan gabhte ris) a’ dìon cloinne bho cheò thoiteanan agus a’ dìon an slàinte?
  • A bheil dad sa Bhile a dh’atharraicheadh tu?
  • Cò a bu chòir an reachdas a tha ga mholadh a chur an gnìomh agus carson?
  • Dè na carbadan a bu chòir saoradh fhaighinn bhon reachdas agus carson?
  • Dè do bheachd air a’ chumha sa Bhile gum biodh e na dhìon nach b’ urrainn fios a bhith aig an neach a bha smocadh gu robh daoine eile sa charbad fo aois 18?

Cùl-fhiosrachadh 

Tha gairm bheachdan na Comataidh fosgailte gu 27 Cèitean.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.