Foillseachadh aithisg a’ sgrùdadh mholaidhean a thaobh cuideachadh dhaoine gus làmh a chur nam beatha fhèin

30.04.2015

Chaidh aithisg phàrlamaideach fhoillseachadh an-diugh leis a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs a tha a’ sgrùdadh mholaidhean airson a dhèanamh laghail daoine a chuideachadh ann a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin.

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA: 

“An toiseach, tha a’ Chomataidh airson comharradh gur e deagh ghean a bhrosnaich Pàdraig Harvie BPA gus an reachdas seo a thoirt seo air adhart.  

“Ged a tha sinn mothachail air na cùisean toinnte moralta agus laghail a thàinig am bàrr nuair a bha sinn ris a’ mhion-sgrùdadh againn, bha e cudromach gun robh sinn ag èisteachd, a’ deasbad agus a’ cluinntinn an iomadh beachd dìoghrasach air dà thaobh na ceiste seo.

“Tha a’ Chomataidh a’ tuigsinn, tron obair a rinn iad, gu bheil buaidh anabarrach pearsanta air an reachdas a tha ga mholadh air beatha cuid a dhaoine agus tha sinn a’ toirt taing don fheadhainn a dh’inns an sgeulachd fhèin dhuinn.   

“B’ e amas na Comataidh fiosrachadh a chur ris an deasbad agus cha b’ e buaidh a thoirt air co-dhùnadh oir ’s e cùis cogais a tha an sin don Phàrlamaid nuair a bhòtas iad nas fhaide sa mhìos. 

“Ach, tha a’ Chomataidh air aontachadh gu feum atharrachadh mòr a dhèanamh air a’ Bhile ma thèid e fo sgrùdadh pàrlamaideach.”

Anns an aithisg ìre a h-aon aca den Bhile Cuideachadh le Fèin-mharbhadh (Alba), tha iad air tighinn gu na co-dhùnaidhean a leanas:  

  • Tha a’ Chomataidh a’ comharradh deagh ghean a’ Bhuill a tha a’ stiùireadh a’ Bhile agus mothachail air a’ ghrunn chùisean moralta is modhanail a tha an lùib a bhith a’ beachdachadh air a’ Bhile seo.
  • Tha a’ Chomataidh mothachail air na beachdan làidir a chuir daoine air dà thaobh na cùise an cèill nuair a thug iad fianais seachad a’ cur taic ri no an aghaidh prionnsapalan farsaing a’ Bhile. Tha a’ Chomataidh  a’ moladh gun toir a’ Phàrlamaid urram don h-uile beachd seo nuair a tha iad a’ tighinn gu co-dhùnadh Ìre 1.
  • Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil grunn lochdan mòra sa Bhile a tha a’ cur cnap-starra susbainteach san t-slighe air adhart.  Chan eil a’ mhòr-chuid den Chomataidh ag aontachadh ri prionnsapalan farsaing a’ Bhile ach, a chionn gur e cùis-chogais a th’ ann an cuideachadh le fèin-mharbhadh, chan eil iad a’ dèanamh moladh foirmeil don Phàrlamaid ma dheidhinn.

Tha fianais agus anailis ann an aithisg na Comataidh air na cùisean a leanas: cuideachadh le fèin-mharbhadh agus an lagh a th’ ann an-dràsta; tròcair agus am feum co-fhaireachdainn a nochdadh do dh’èiginn dhaoine eile;  urram a thoirt do chòir dhaoine a bhith a’ stiùireadh am beatha fhèin; cuideachadh le fèin-mharbhadh agus gnothaichean eile a bhuineas ri deireadh beatha ann an cùram slàinte; prìomh chumhaichean nach eil air am mìneachadh sa Bhile, comas inntinn, àite nam proifeiseantaich cùraim-slàinte, dìon cogais, àite an neach-cuideachaidh barrantaichte agus roi-innleachd airson fèin-mharbhadh a bhacadh.   

Cùl-fhiosrachadh 

Ghabhadh beachdan sgrìobhte còrr is 800 neach is buidheann nuair a rinn a’ Chomataidh an aithisg. Thug còrr is 30 neach is buidheann fianais labhairteach seachad nuair a rinneadh an sgrùdadh air a’ ghnothach.  

Tha a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs a-nis air cunntas a thoirt seachad air a’ Bhile agus tha an t-àm ann don làn Phàrlamaid deasbad a dhèanamh air na prionnsapalan farsaing le aire air aithisg na Comataidh. Co-dhùinidh a’ Phàrlamaid an gabh iad ri prionnsapalan farsaing a’ Bhile. Bu chòir don deasbad tachairt ro cheann-latha Ire 1 air 29 Cèitean.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.