Feumar beachdan luchd-cleachdaidh BSL a shireadh gus piseach a thoirt air cùisean

27.04.2015

Chaidh ceum eile a ghabhail an-diugh gu ruige modhan reachdail ùra a tharraingeas aire dhaoine gu Cànain Soidhnidh Bhreatainn (BSL) agus a bhrosnaicheas iad gu bhith ga cleachdadh. Ach ma tha piseach a’ dol a thighinn air cùisean, feumaidh buidhnean poblach a chur romhpa beachdan a shireadh bho luchd-cleachdaidh BSL, a rèir aithisg bho Chomataidh Foghlam is Cultar Pàrlamaid na h-Alba air Bile Cànain Soidhnidh Bhreatainn (Alba).

Tha am Bile, a chuir Mark Griffin BPA air adhart, a’ fàgail dleastanas air Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean poblach planaichean fhoillseachadh a mhìnicheas na tha iad a’ dol a dhèanamh a thaobh BSL. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart Maxwell BPA: 

“Gu dearbh, tha sinn a’ cur fàilte mhòr air a’ Bhile seo. ’S e ceum cudromach a th’ ann gu ruige cothrom nas fheàrr air seirbheisean BSL air feadh na h-Alba agus, tha sinn an dòchas, gun cuidich e le bhith dèiligeadh ris an duilgheadas a tha cuid a luchd-fianais air innse dhuinn mu dheidhinn, ‘an t-eadar-dhealachadh ann an seirbheisean a rèir dè an còd-puist a th’ agad’.  

“Thathar an dòchas gum bi seirbheisean nas fheàrr ann do luchd-cleachdaidh BSL mar thoradh air a’ Bhile, agus sin as coireach gu bheil an aithisg againn ga dhèanamh soilleir gum feumar oidhirp cheart a dhèanamh gus beachdan luchd-cleachdaidh BSL a shireadh. Ann a bhith beachdachadh air a’ Bhile, chuir sinn seachad tòrr ùine a’ conaltradh ri daoine bodhar agus luchd-cleachdaidh BSL, agus mar phàirt de sin bha duilleag Facebook againn a dh’obraich fìor mhath agus tha 2,000 ball againn air sin a-nis. Tha e follaiseach gu bheil miann làidir aig luchd-cleachdaidh BSL gum faigh iad cothrom beachdan a thoirt dhuinn air mar as urrainnear seirbheisean poblach a dhèanamh nas fheàrr.” 

“Tha sinn air grunn mholaidhean eile a thoirt seachad a tha sinn a’ smaoineachadh a bheir piseach air a’ Bhile.” 

Am measg nam moladh eile san aithisg tha: 

  • Bu chòir beachdachadh air dleastanasan fhàgail air barrachd bhuidhnean poblach gus cleachdadh BSL a chur air adhart.
  • Bu chòir na clàran-ama a tha sa Bhile an-dràsta airson aithrisean air planaichean BSL a bhith nas sìmplidh. 

Tha am Bile a’ stèidheachadh sgrùdaidhean coileanaidh, a bhiodh a’ ciallachadh gum b’ urrainn do Riaghaltas na h-Alba tomhas a dhèanamh air an adhartas a bha ga dhèanamh ann a bhith toirt planaichean BSL gu buil. Dh’aontaich a’ Chomataidh leis a’ mholadh, gum bu chòir na buidhnean poblach nach eil a’ coileanadh nan slatan-tomhais a bhith air ‘an ainmeachadh is a an nàrachadh gu poblach’. 

Cùl-fhiosrachadh 

Rinn a’ Chomataidh conaltradh gu dìreach ri luchd-cleachdaidh BSL fad na h-ùine a bha iad a’ beachdachadh air a’ Bhile. Stèidhich a’ Chomataidh buidheann BSL air Facebook, sa bheil còrr is 2,000 ball a-nis, agus tha sin a’ leigeil le luchd-cleachdaidh BSL na beachdan aca a chur a-steach ann an clàraidhean bhidio. Bha cothrom air na prìomh sgrìobhainnean ann am BSL, agus cuideachd chaidh seiseanan fianaise air a’ Bhile a chraoladh beò ann am Beurla/le eadar-theangachadh BSL. 

Cuideachd, thadhail a’ Chomataidh air Sgoil is Seirbheis Mothachaidh Pàirce Windsor, san Eaglais Bhric, gus coinneachadh ri sgoilearan bodhair is luchd-obrach. San Fhaoilleach 2015, chùm a’ Chomataidh coinneamh fhosgailte aig Deaf Action ann an Dùn Èideann. 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bheachdan na Comataidh air a’ Bhile, agus aithisg na Comataidh, anns na duilleagan-lìn gu h-ìosal: 

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/83760.aspx

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.