Comataidh a’ Cheartais a’ cur fàilte air molaidhean ann am Bile Trafaigeachd is Gabhail-brath Dhaoine

24.04.2015

An-diugh, tha Comataidh a’ Cheartais a’ toirt taic do phrionnsabail choitcheann a’ Bhile, a tha ag amas air an lagh eucorach a neartachadh an aghaidh trafaigeachd is gabhail-brath dhaoine agus a tha airson dèanamh cinnteach gum bi iadsan a dh’fhuiling bhon eucoir a’ faighinn cobhair iomchaidh sa bhad.

Chaidh Bile Trafaigeachd is Gabhail-Brath Dhaoine (Alba) a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba air 11 Dùbhlachd 2014. Anns an aithisg Ìre 1 aca, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh a’ Cheartais a’ cur fàilte air amasan a’ Bhile, ach tha iad cuideachd a’ dèanamh grunn mholaidhean gus na h-ullachaidhean anns a’ Bhile a leasachadh mar a tha e a’ dol tron t-slighe phàrlamaidich aige. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairstìona Ghreumach BPA

“Tha trafaigeachd is gabhail-brath dhaoine nam fìor dhroch eucoirean, a tha iom-fhillteach agus a tha a’ tachairt thar chrìochan dhùthchannan. Tha sinn a’ cur fàilte air na h-oidhirpean a rinn Riaghaltas na h-Alba ri a’ mhalairt mhì-laghail seo a chasg, dèanadairean na h-eucoire a chomharrachadh is a thoirt do cheartas agus cobhair a thoirt dhaibhsan a dh’fhuiling. Chan e a-mhàin iadsan a chaidh an trafaigeachd a-steach don dùthaich seo a tha a’ fulaing, ach tha seo na thrioblaid mhòr taobh a-staigh bailtean na dùthcha againn agus eatorra. 

“Ged a tha sinn a’ toirt làn thaic do dh’amasan a’ Bhile, tha sinn air grunn mholaidhean a chur air adhart gus an eucoir singilte trafaigeachd a dhèanamh nas soilleire, an cobhair a thathar a’ toirt do dh’fhulangaichean a neartachadh agus an taic a bhios ri fhaotainn a dhèanamh nas soilleire, gu h-àraid far a bheil clann a’ fulang.

“A bharrachd air sin, ged a bheachdaich sinn anns na seiseanan-fianaise againn air am bu chòir dhuinn ceannachd feise a dhèanamh na eucoir, tha a’ Chomataidh soilleir nach eil am Bile seo iomchaidh mar uidheam a bhith a’ dèiligeadh ris a’ chùis cudromach sin, a dh’aindheoin nan argamaidean mu thimcheall.” 

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear lethbhreac den aithisg aig http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/81842.aspx 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air obair Comataidh a’ Cheartais aig: http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29845.aspx

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.