Comataidh Taigh an Ròid a’ tadhal air Ìle mar phàirt de rannsachadh air aonaranachd

23.04.2015

Ciamar a tha coimhearsnachd iomallach a’ toirt cuideachadh do dhaoine a tha aonaranach agus leotha fhèin? ’Se sin a’ cheist air am bi Comataidh Co-ionnanachd Chothroman Pàrlamaid na h-Alba a’ beachdachadh agus iad a’ leantainn orra leis an sgrùdadh aice air aois agus aonaranachd le bhith a’ cur na prosbaig air na tha a’ tachairt do dhaoine air eilean Ìle.

Bho chaidh an rannsachadh a stèidhicheadh aig toiseach na bliadhna, tha a’ Chomataidh air a bhith a’ cluinntinn bheachdan bho dhaoine, sean is òg, a tha a’ fulang aonaranachd agus bho na buidhnean a tha ag obair gus taic a thoirt dhaibh. Tha a’ Chomataidh a’ tadhal air Ìle leis an amas gu bhith a’ tuigsinn nan dùbhlan àraid a thig bho bhith a’ fuireach air eilean iomallach.  

Tha rannsachaidhean ùra air fuireach ann an sgìrean dùthchail iomallach a sealltainn:

  • gu bheil muinntir ann an sgìrean dùthchail iomallach na h-Alba air an sgapadh gu math farsaing a thaobh cruinn-eòlas: tha 95 sa cheud de dh’fhearann na h-Alba ainmichte mar sgìrean dùthchail’, agus tha mu 1 mhillean de mhuinntir na h-Alba a’ fuireach anns an sgìrean sin; 

gu bheil 89 sa cheud de mhuinntir ann an còrr de dhAlba a’ fuireach taobh a-staigh 6 mionaidean bhon stad-bus as fhaisge, ach tha 11 sa cheud de mhuinntir ann an sgìrean dùthchail iomallach gun seirbheis bus idir;

  • gu bheil 23 sa cheud de mhuinntir ann an sgìrean dùthchail thairis air an aois leigeil seachad dreuchd, an coimeas ri 18 sa cheud ann an sgìrean baileil, agus thathar an dùil gun èirich an àireamh seo. Tha cosgaisean airson cùram sòisealta a thoirt do sheann daoine nas àirde ann an coimhearsnachdan dùthchail na ann an sgìrean baileil, agus air an adhbhar sin tha mòran ùghdarrasan ionadail a’ solarachadh cùram dhaibhsan a-mhàin aig a bheil cruaidh-fheum air.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Co-ionnanachd Chothroman Mairead NicCullaich BPA: 

“Tha fàilte ron a h-uile duine a thighinn do dhIonad Chaluim Chille Ìle, Bogha Mòr, air Diluain 11 Cèitean aig 10m a dh’fhaicinn Comataidh Co-ionnanachd Chothroman agus sinn a’ leantainn oirnn a’ beachdachadh air na fìor dhuilgheadasan aig daoine a tha leotha fhèin agus air aonaranachd.  

’S iad na prìomh cheistean airson na Comataidh: dè a’ bhuaidh a thig bho aonaranachd agus daoine a bhith leotha fhèin ann an sgìrean eileanach iomallach? A bheil an suidheachadh a’ sìor-dhol am miosad? Ciamar a dh'fhaodas sinn a bhith a’ dèiligeadh ris gu h-èifeachdach?” 

Lean Mairead NicCullaich oirre:

“Ma tha thu sean no òg agus a’ fuireach ann an Ìle agus a’ fulang aonaranachd, tha sinn a’ tuigsinn gum faod a’ bhuaidh a bhith sgriosail. Tha fhios againn gu bheil stiogma ann, ge be air bith càit a bheil thu a’ fuireach, ma dh’aidicheas tu gu bheil thu aonaranach, agus uaireannan faodaidh seo a bhith na chnap-starra do lorg nam buidhnean sòisealta agus seirbheisean a dh’fhaodadh cuideachadh.  

“Ach tha fios againn cuideachd gu bheil fad a barrachd dhaoine ann an sgìrean dùthchail iomallach ag ràdh gu bheil iad measail air a ‘chàirdeas’ a gheibh iad anns a’ choimhearsnachd aca, an coimeas ri sgìrean bailteil, agus gu bheil barrachd dhaoine ann an sgìrean dùthchail iomallach na h-Alba, an coimeas ri sgìrean eile, a’ toirt suas an cuid ùine a bhith ag obair gu saor-thoileach.  

“Am faod a’ Chomataidh ionnsachadh bho dhaoine agus bho bhuidhnean ann an Ìle air dòighean airson dèiligeadh ri aonaranachd? A bheil pròiseactan ann a tha a' cleachdadh dòighean ùra a chuidicheas daoine ann an Alba a dhèanamh nan ceanglaichean sòisealta ris a bheil a’ mhòr-chuid dhinn a’ gabhail mar-thà? Tha sinn airson cluinntinn mu dheidhinn nan dùbhlan mu choinneimh dhaoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean iomallach.”  

Tha rannsachaidhean ùra a’ sealltainn gum faod aonaranachd èifeachdan dìobhalach adhbharachadh, a thaobh slàinte-inntinn agus slàinte corporra, gu h-àraid am measg seann daoine agus daoine òga. Tha na rannsachaidhean air sealltainn: 

  • gur ma dh’fhaoidte gun dùblaich aonaranachd a’ bhuaidh a thig bho tharraing tuilleadh ’s a chòir cudthrom, agus gum faod ro-aonaranachd a bhith ag àrdachadh a’ choltais, gu ìre 14 sa cheud, gun toirear bàs ro thràth ri seann daoine;
  • gu bheil 59 sa cheud de dh’inbhich aig a bheil droch shlàinte ag ràdh gu bheil iad aonranach uaireannan no tric; agus
  • gum faod dìth cheanglaichean sòisealta a bhith a cheart cho sgriosail ’s a bhiodh a’ smòcadh 15 toitean gach latha. 

Tha cuireadh ga thoirt do mhuinntir Ìle a dh’fhaicinn obair na Comataidh agus iad a’ dol air adhart leis an rannsachadh aca aig Ionad Chaluim Chille Ìle, Bogha Mòr, air Diluain 11 Cèitean, 10m - 12.30f.  

Bidh solar ri fhaotainn aig an ionad.  

Cuideachd, tha planaichean aig a’ Chomataidh a bhith a’ cur air dòigh còmhraidhean neo-fhoirmeil le daoine ionadail feuch an cluinnear na beachdan acasan. Bidh barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn air seo tràth anns a’ Chèitean.

Cùl-fhiosrachadh

Mar is àbhaist, thathar a’ cleachdadh na h-abairt ‘seann daoine agus daoine òga’ airson daoine a tha nas òige na 25 bliadhna a dh’aois agus nas sine na 50.  

Foillsichidh a’ Chomataidh aithisg air farsaingeachd aonaranachd sòisealta  agus abhuaidh a thig bhuaipe air seann dhaoine agus daoine òga a’ fuireach ann an Alba. Gheibhear molaidhean airson poileasaidh anns an aithisg, a dh’fhoillsichear anns an t-samhradh 2015.  

Airson barrachd fiosrachaidh air Comataidh Co-ionnanachd Chothroman, air an turas aig a’ Chomataidh gu Ìle agus air rannsachadh na Comataidh air aois agus aonaranachd, rach gu

www.scottish.parliament.uk/age-and-social-isolation

A rèir rannsachadh a rinneadh le Age UK ann an 2014:  

  • Thuirt barrachd air 80,000 daoine a bha nas aosta na 65 agus a bha a’ fuireach ann an Alba gun robh iad a’ faireachdainn aonaranach uaireannan no tric. Thairis air an Rìoghachd Aonaichte, tha seo co-ionnan ri 1 mhillean.
  • Tha mu dhithis a-mach à còignear (39 sa cheud no mu 350,000) ann an Alba ag ràdh gur e an telebhisean am prìomh chompanach aca.
  • Thuirt mu aon fhear a-mach à sianar (16 sa cheud) a bha nas aosta na 65 agus a bha a’ fuireach ann an Alba gun robh iad a’ faireachdainn gun robh iad air an gearradh dhiubh bho chomann, agus bha an cairteal dhiubh ag ràdh gum bu mhath leotha a bhith a-mach barrachd. 

Rinn an NSPCC rannsachadh air aonaranachd am measg na cloinne a chuir fòn gu ChildLine, seirbheis dhiamhair phrìobhaideach airson clann agus daoine òga suas gu 19 bliadhna a dh’aois. Seo toraidhean an rannsachaidh:  

  • Eadar Giblean 2008 agus Màrt 2009, chomhairlich ChildLine 5,525 clann mu aonaranachd, mu thùirse agus mu bhith leotha fhèin mar am prìomh dhuilgheadas.
  • A thuilleadh air sin, chomhairlicheadh 4,399 clann mu aonaranachd mar dhuilgheadas a bharrachd.
  • B’ iad duilgheadasan le dàimhean teaghlaich, burraidheachd agus droch dhìol na prìomh dhuilgheadasan ceangailte ri aonaranachd (mar phrìomh dhuilgheadas no mar dhùilgheadas a bharrachd). Tha trom-inntinn agus trioblaidean le slàinte-inntinn, trioblaidean san sgoil agus bàs cuideigin a b’ ionmhainn leotha cuideachd co-cheangailte ri aonaranachd. 

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.