19.04.2015
An dèidh caochladh Tom McCabe, a bha roimhe na Bhall Pàrlamaid na h-Alba airson a’ Phàrtaidh Làbaraich agus a bha uair na Mhinistear, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh an Fhìor Urr. Tricia Marwick BPA:
“Tha mi cho duilich an naidheachd a chluinntinn gun do shiubhail Tom.
“Bha e cho dèidheil air an teaghlach aige, gu h-àraid a nighean bheag Ava. Bha a ghàirdeachas nuair a rugadh i, agus an tlachd a ghabh e a’ coimhead oirre agus i a’ fàs, follaiseach do gach duine timcheall air.
“Dh’obair sinn còmhla gu dlùth air Biùro na Pàrlamaid ann an làithean tràth na Pàrlamaid agus a-rithist nuair a chaidh an dithis againn a bhòtadh air a’ Bhuidhinn Chorporra.
“Rinn Tom tòrr airson na Pàrlamaid agus bha sinn duilich a bhith gun duine cho ealanta bho 2011.
“Tha mo smuaintean agus m’ ùrnaighean leis an teaghlach aige.”