Coimisean Còraichean Daonna na h-Alba – oifigearan ùra

07.04.2015

Tha SPCB air suidheachadh dithis oifigearan ùra a chur an cèill an dèidh eacarsaich fhosgailte fastaidh.

Tha na suidheachaidhean mar a leanas:

Buill de Choimisean Còraichean Daonna na h-Alba (SHRC) – Bmh. Susan Kemp agus Dr Alan Mitchell

Tòisichidh Bmh. Kemp agus Dr Mitchell ann an dreuchd mar bhuill phàirt-thìde den Choimisean air 1 Cèitean 2015. Mairidh na dreuchdan aca 6 bliadhna. 

Bidh buill phàirt-thìde ag obair 24 latha an comhair na bliadhna agus gam pàigheadh aig ìre £257.57 san latha.

Tha Bmh. Kemp na neach-lagha le eòlas sònraichte air an lagh eadar-nàiseanta air eucoir agus còraichean daonna. O chionn sia bliadhna deug tha i air a bhith ag obair ann an Ameireagaidh a Deas, Afraga agus san Roinn Eòrpa, a' riochdachadh dhaoine a dh'fhuiling, a' sgrùdadh mì-ghnàthachadh chòraichean daonna agus a' toirt cuideachadh teicnigeach do luchd-casaid stàite. Bha Susan air Sgioba Eòlaichean nan Dùthchannan Aonaichte mu Riaghailt an Lagha agus Ainneart Gnèitheil ann an Strì fo Arm, fhad is a bha i ag obair aig Roinn Cumail na Sìthe ann an New York. Roimhe sin bha i na Neach-sgrùdaidh aig a' Chùirt Eucorach Eadar-nàiseanta sa Hague agus na comhairliche laghail do bhuidhnean ris a' chomann chatharra, Comhairle Luchd-tèarmainn na h-Alba, Impunity Watch agus an t-Ionad Eadar-nàiseanta airson Ceartas Eadar-amail nam measg. 

Tha Dr Alan Mitchell air a bhith an sàs ann an Leigheas agus tha e na Stiùiriche Clionaigeach air Com-pàirteachas Slàinte is Cùram sa Choimhearsnachd ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear an-dràsta. Tha a' chuid as motha den obair chlionaigich aig Ailean ann an Ionad Imrich Thaigh Dhùn Gabhail far a bheil e na dhotair-teaghlaich a' toirt sheirbheisean-leigheis don fheadhainn a tha gan cumail an lùib na h-imrich. Bha 2002, tha Ailean air a bhith an sàs mar eòlaiche ann an Comataidh Eòrpach airson Casg air Droch-làimhseachadh is Peanasachadh Tàmailteach agus bha e air caochladh chuairtean leis a' Chomataidh gu ionadan-gleidhidh thar nan 47 de stàit-bhallrachd aig Comhairle na h-Eòrpa. 

Chaidh an Coimisean a stèidheachadh fo Achd Coimisean Còraichean Daonna na h-Alba 2006. Is e dleastanas coitcheann a' Choimisein còraichean daonna a chur air adhart agus, gu h-àraidh, deagh chleachdas mu chòraichean daonna a bhrosnachadh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun Choimisean aig:  http://www.scottishhumanrights.com/ 

Chaidh eacarsaich an fhastaidh a stiùireadh le neach-measaidh neo-eisimeileach.

Tha na buill ùra an àite nam ball a bhios a' fàgail, an t-Ollamh Kay Hampton agus Shelagh McCall, a tha air a bhith ann an dreuchd nan dithis bho chaidh an Coimisean a stèidheachadh ann an 2008.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.