Dè na leasachaidhean a bheir reachdas ùr air cosnadh foghlaim?

01.04.2015

Dè na leasachaidhean a bheir reachdas ùr air cosnadh foghlaim (educational attainment)? Seo dìreach aon de na ceistean a tha ga cur le Comataidh Foghlam is Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba agus i a' tòiseachadh air sgrùdadh a dhèanamh air Bile Foghlam (Alba) Riaghaltas na h-Alba.

Cuiridh am Bile dleastanas air ùghdarrasan ionadail foghlam a thoirt seachad ann an dòigh leis an amas neo-ionannachd thoraidhean (inequality of outcomes) a lùghdachadh airson clann-sgoile fo aimhleas sòiseo-eaconomach. Bidh am Bile ag iarraidh cuideachd gun tèid aithisgean fhoillseachadh gu cunbhalach a bheir seachad ùrachadh mun obair seo.  

Tha fàs is neartachadh foghlam Ghàidhlig gan còmhdach leis a' Bhile cuideachd. Tha e air modh ùr a stèidheachadh far am feum ùghdarrasan-foghlaim freagairt a thoirt air iarrtasan le pàrantan gun tèid measadh a dhèanamh air feum air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile. 

Tha a' Chomataidh air gairm airson bheachdan a chur a-mach an-diugh, agus i ag iarraidh bheachdan mun Bhile air pàrantan, luchd-teagaisg agus a h-uile duine aig a bheil ùidh ann am foghlam.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Stiùbhart MacSuail BPA: 

“Tha lùghdachadh air neo-ionannachd (inequality) ann am foghlam na phrìomhachas mar as còir do Riaghaltas na h-Alba agus tha e mar amas aig a' Bhile seo sin fhèin a dhèanamh. Tha leasachadh air cosnadh clann-sgoile na h-Alba, an fheadhainn fo aimhleas sòiseo-eaconomach (socially disadvantaged) gu sònraichte, deatamach chan ann a-mhàin do phàrantan agus do chlann-sgoile fhèin ach cuideachd do luchd-fastaidh. 

“Agus sinn a' tòiseachadh air an sgrùdadh againn, tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach dè na leasachaidhean a bheir an reachdas air cosnadh is adhartas (attainment and achievement) anns na sgoiltean agus mar a bheir e lùghdachadh air neo-ionannachd gu buil. 

“Tha am Bile cuideachd a' moladh modhan ùra gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig iarraidh agus gus a’ cànain a chur air adhart anns an fharsaingeachd. Tha a' Chomataidh againn airson cluinntinn a bheil na ceuman seo dha-rìribh mar na dòighean as fheàrr gus Gàidhlig a chur air adhart agus taic a chur rithe sna sgoiltean.”  

Na bhroinn cuideachd tha ullachaidhean mar a leanas: dearbhadh gu bheil an luchd-teagaisg air fad aig sgoiltean neo-eisimeileach air an clàradh le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba; leasachadh a thoirt air a' mhodh gus gearanan a thogail le Ministearan na h-Alba agus; post de Phrìomh Oifigear Foghlaim a chruthachadh anns gach ùghdarras ionadail.  

Am measg nan ceist eile a tha gan cur ann an gairm na Comataidh airson bheachdan sgrìobhte tha: 

Cosnadh 

·         Is e dleastanas a' Bhile a bhith 'mothachail air a' mhòr-mhiann' (have regard to the desirability) 'Neo-ionannachd thoraidhean a lùghdachadh' (reducing inequalities of outcome). A bheil na briathran seo brìoghmhor gu leòr gus a' bhuaidh a tha a dhìth a thaobh poileasaidh a thoirt a-mach?   

·         Ciamar a bu chòir dhuinn tuigsinn “neo-ionannachdan ann an toraidhean” (inequalities of outcome), agus ciamar a bu chòir don abairt seo a bhith air a shònrachadh anns a’ Bhile? 

·         Am bu chòir gum biodh peanasan anns a' Bhile mas e gum fairtlich air Riaghaltas na h-Alba no ùghdarrasan ionadail an rùn a thaobh poileasaidh neo-ionannachd thoraidhean a lùghdachadh a thoirt gu buil? Mas e gum bu chòir, dè na peanasan a bhiodh iomchaidh na do bheachd? 

Gàidhlig 

·         Dè cho cudromach agus a bhios an t-atharrachadh a bheir am Bile air foghlam Gàidhlig sa bhun-sgoil? A bheil thu ag aontachadh gum bu chòir na h-ullachaidhean seo a chumail ri foghlam bun-sgoile a-mhàin?    

·         Dè na dòighean as iomchaidh a tha ann do dh'ùghdarrasan foghlaim, gu sònraichte an fheadhainn le ìrean ìseal de chleachdadh Gàidhlig, gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh a chur air adhart agus a chuideachadh? Dè a' bhuaidh a bheireadh an obair adhartachaidh (promotional work) seo air a’ Ghàidhlig agus àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig?     

Taic a bharrachd airson Ionnsachadh 

·         Dè na buaidhean a bheir leudachadh chòraichean fo Achd Foghlam (Taic a Bharrachd airson Ionnsachadh) air clann-sgoile aig aois 12 agus nas sine aig a bheil comas? Thoir eisimpleirean practaigeach mas e do thoil e. 

·         A bheil thu ag aontachadh leis a’ mholadh nach bu chòir gum bi na còraichean uile anns an reachdas ASL a bhith air a leudachadh don chloinn (faic earrannan 49 is 50 den Mheòrachan Phoileasaidh)? 

·         Dè do bheachdan air an t-seirbheis-taice airson clann a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh a chur ann an reachdas? 

Prìomh Oifigear Foghlaim 

·         Dè na buannachdan agus na mì-bhuannachdan a dh’fhaodadh tighinn bho reachdachadh airson Prìomh Oifigear Foghlaim anns gach ùghdarras foghlaim ann an Alba? A bheil eisimpleirean eile ann, anns an do dh’fheuch Riaghaltas na h-Alba òrduighean a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail gum feum iad cuideigin fhastadh ann an dreuchd àraid? Ma tha, am faodar leasanan ionnsachadh bho mar a dh'obraich sin? 

·         Dè an obair shònraichte a dhèanadh am Prìomh Oifigear Foghlaim, agus dè an ìre dham bheil an obair sin air a dèanamh ann an ùghdarrasan foghlaim cheana?    

Clàradh Luchd-teagaisg 

·         Dè a’ bhuannachd a thigeadh gu sgoiltean neo-eisimeileach, gu sgoiltean air an cumail le tabhartasan agus gu na sgoilearan aca bhon riatanas gum feum an luchd-teagaisg aca a bhith air an clàradh le Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba? Dè na sgilean ùra no eadar-dhealaichte a gheibheadh an luchd-teagaisg seo bhon chlàradh? A bheil e coltach gum biodh cosnadh foghlaim nas fheàrr anns na sgoiltean seo? 

Cùl-fhiosrachadh 

Agus e air a thoirt a-steach anns a' Mhàrt 2015, tha am Bile Foghlam a' feuchainn ri Alba a dhèanamh mar “an t-àite as fheàrr gus fàs suas agus dol a sgoil” agus far am bi foghlam aig gach pàiste “a bhios gam brosnachadh gus a bhith cho soirbheachail agus as urrainn dhaibh agus an comas aca a thoirt a-mach”.  

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun Bhile an seo: 

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/Bills/87330.aspx 

Thèid beachdachadh na Comataidh air a' Bhile a chumail fhad is a bhios i a' beachdadh air cosnadh foghlaim anns an fharsaingeachd. Tha a' Chomataidh air trì seiseanan a chumail air:   

·         a' bhuaidh a bheireadh an aithisg leis a' Choimisean gus Luchd-obrach Òg na h-Alba (air a bheil ‘Coimisean Wood’) air sgoiltean, luchd-teagaisg agus clann-sgoile 

·         àite nan roinnean prìobhaideach is poblach gus cosnadh àrdachadh

·         mar a dh'fhaodas pàrantan obrachadh le sgoiltean gus leasachadh a thoirt air cosnadh.  

Tha a' Chomataidh air tòiseachadh cuideachd air sgrùdadh geàrr air cosnadh clann-sgoile air a bheil ciorram a thaobh mothachaidh a' cur. 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu obair na Comataidh air cosnadh anns na duilleagan-lìn aice: 

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/85486.aspx 

Is e an ceann-latha deireannach a tha gus beachdan a chur a-steach Diluain 18 Cèitean 2015. Bu chòir freagairtean a chur gu: 

Clàrc Chomataidh Foghlam agus Cultar 

Seòmar T3.40 

Pàrlamaid na h-Alba 

Dùn Èideann 

EH99 1SP

No mar phost-dealain gu:

ec.committee@scottish.parliament.uk

Tha sinn a' cur fàilte air fianais sgrìobhte sa Bheurla, sa Ghàidhlig no ann an cànain sam bith eile.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.