A’ chiad duais Ruigsinn Uathachais a’ dol gu Pàrlamaid na h-Alba

02.04.2015

Is e Pàrlamaid na h-Alba a’ chiad togalach poblach air an deach duais Ruigsinn Uathachais a bhuileachadh leis a’ Chomann Uathachais Nàiseanta.

Ghabh an t-Oifigear Riaghlaidh, an Fhìor Urramach Tricia Marwick BPA, an duais às leth Pàrlamaid na h-Alba bho Jenny Paterson, Stiùiriche a’ Chomainn Uathachais Nàiseanta (Alba), ann an Taigh an Ròid.

Tha an t-ainmeachadh an-diugh air Latha Mothachaidh Uathachais na Cruinne a’ leantainn air cur an gnìomh àireamh de leasachaidhean a thaobh eòlas luchd-tadhail le uathachas a bhios a’ cleachdadh togalach Taigh an Ròid.  

Mhìnich an t-Oifigear Riaghlaidh:  

“Tha mi air leth toilichte gu bheil Pàrlamaid na h-Alba mar a’ chiad togalach poblach air an deach duais Ruigsinn Uathachais a bhuileachadh. Tha e cudromach nach eil neach sam bith air a bhacadh bho ghnìomhan na Pàrlamaid agus tha mi an dòchas gum misnich an duais seo buidhnean eile gus an dòighean air taic a thoirt do dh’ fheumalachdan dhaoine le uathachas ann an Alba, a leasachadh.

“Tha sinn air àireamh de dh'ùr-ghnàthachaidhean a thoirt a-steach, ag amas air eòlas an luchd-tadhail le uathachas a leasachadh agus tha mi toilichte gun d’ fhuair  seo aithne bhon Chomann Uathachais Nàiseanta.” 

Thuirt Jenny Paterson, Stiùiriche a’ Chomainn Uathachais Nàiseanta (Alba): 

“Tha mi fìor thoilichte duais Ruigsinn Uathachais a bhuileachadh air Pàrlamaid na h-Alba. Tha e freagarrach gur h-e Pàrlamaid na h-Alba, mar dhachaigh do luchd-dèanamh poileasaidh agus lagh a dh’fhaodas piseach a thoirt air beatha iadsan le uathachas, a’ chiad togalach poblach ann an Alba a tha a’ faotainn an aithne a tha seo. Tha e air còrdadh rinn a bhith ag obair leis a’Phàrlamaid ann an cur ri bhith a’ dèanamh Alba na dùthaich le mothachadh do dh’uathachas, dùthaich far am faod iadsan leis an duilgheadas seo a bhith comasach air goireasan coimhearsnachd a chleachdadh gun eagal agus gun imcheist.”   

Cùl-fhiosrachadh  

·         Is e inbhe ùr do thogalaichean agus do ghoireasan a th’ anns an Duais Ruigsinn Uathachais. Tha i a’ taisbeanadh dealas a thaobh toirt air falbh chnapan-starra do dhaoine le uathachas. Tha i air a buileachadh leis a’ Chomann Uathachais Nàiseanta do ghoireasan a tha air atharrachaidhean a dhèanamh gus am faod e a bhith nas fhasa do dhaoine le uathachas, an teaghlaichean agus an luchd-cùraim, tadhal. 

·         Tha fiosrachadh do dhaoine le uathachas a thaobh na dh’fhaodar a dhùileachadh bho thadhal air Pàrlamaid na h-Alba ri fhaotainn air an làraich-lìn agus aig doras-aghaidh na Pàrlamaid.   

·         Tha àireamh de bhuill luchd-obrach na Pàrlamaid air trèanadh fhaotainn ann am mothachadh do dh’uathachas, agus bidh iad a’ caitheamh bràiste le ‘Tha mi mothachail do dh’ uathachas’ gus luchd-tadhail a chuideachadh ann an aithneachadh cò iad.  

·         Tha seòmar sàmhach air a chur mu seach do dhaoine aig am bi feum air àite ciùin fhad ’s a bhios iad a’ tadhal.  

·         Is e 2 Giblean Latha Mothachaidh Uathachais. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an làrach-lìn aca a thaobh mar a tha an Comann Uathachais Nàiseanta air a bhith a’ comharrachadh Seachdain Mothachaidh Uathachais na Cruinne.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.