Taigh Sear, Glaschu, a’ cur fàilte air Latha na Pàrlamaid sa Mhàrt

26.02.2015

A’ brosnachadh barrachd dhaoine bhon a h-uile dòigh-beatha a bhith an sàs anns a’ phròiseas phoilitigeach: sin am fòcas airson Pàrlamaid na h-Alba is i a’ tadhal air Taigh Sear (Easterhouse) ann an Glaschu air Diluain 16 Màrt aig an ionad ealain The Bridge air Rathad Westerhouse.

Tha Làithean na Pàrlamaid ag amas air a’ Phàrlamaid a thoirt a-mach à Dùn Èideann agus a-steach do choimhearsnachdan timcheall na h-Alba, a’ toirt misneachd do dhaoine ann an coimhearsnachdan ùidh a ghabhail anns a’ Phàrlamaid agus a bhith an sàs anns an obair a th’ aice.

’Se an t-Oifigear Riaghlaidh am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA a thòisich Làithean na Pàrlamaid ann an 2012, agus tha i airson fòcas fiù ’s nas fheàrr a bhith air bruidhinn ri daoine air feadh Alba.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:

“Tha fhios againn gu bheil muinntir na h-Alba airson a bhith an sàs anns a’ phròiseas phoilitigeach agus mar sin tha mi airson gum bi a’ Phàrlamaid a’ faighinn a-muigh agus timcheall na h-Alba. 

“ ’S ann aig muinntir na h-Alba gu lèir a tha a’ Phàrlamaid, agus tha Taigh Sear a’ toirt deagh chothrom do Bhuill na Pàrlamaid a chluinntinn bho dhaoine sa choimhearsnachd mu dheidhinn nan cùisean a tha cudromach dhaibh.”

Tha Latha na Pàrlamaid a’ toirt fiathachadh do dhaoine a bhith a’ faicinn na Pàrlamaid air an son fhèin, co-dhiù ge be an lùib “gnothaichean oifigeil” no aig ìre nas neo-fhoirmeil. Tha seo a’ cuideachadh na Pàrlamaid a bhith ag èisteachd ri daoine ionadail.

Air Diluain 16 Màrt, tha Comataidh Co-ionnanachd Chothroman Pàrlamaid na h-Alba a’ leantainn orra le bhith a’ sgrùdadh nan duilgheadasan a tha aig daoine a tha leò fhèin. Tha coinneamh fhoirmeil gu bhith aig a’ Chomataidh airson fianais a ghabhail, agus bidh a’ Chomataidh a’ coinneachadh ri daoine ionadail, buidhnean agus gnìomhachasan.

Thòisich a’ Chomataidh air sgrùdadh a dhèanamh air aois agus aonaranachd anns an Fhaoilleach 2015. Tha a’ Chomataidh a’ gairm airson bheachdan bho dhaoine, sean ’s òg, a tha a’ fulang aonaranachd agus bho na buidhnean a tha ag obair gus taic a thoirt dhaibh. Tha an sgrùdadh seo a’ tachairt aig àm nuair a tha rannsachadh ùr a’ sealltainn gum faod aonaranachd èifeachdan dìobhalach adhbharachadh a thaobh slàinte-inntinn agus slàinte corporra, gu h-àraid am measg seann daoine agus daoine òga.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Mairead NicCullaich BPA:

“Ma tha thu sean no òg agus a’ fuireach ann an Taigh Sear agus a’ fulang aonaranachd, tha sinn a’ tuigsinn gum faod a’ bhuaidh a bhith sgriosail. Tha fhios againn gum faod faireachdainnean aonaranachd uaireannan a bhith fiù ’s nas treasa nuair a tha thu a’ fuireach ann am baile mòr le mòran daoine timcheall. Tha sinn airson do ruigsinn, do bheachdan a thuigsinn agus deagh gnìomhan a bhrosnachadh às do leth.

“Tha fhios againn gu bheil dlùth-cheangal am measg na coimhearsnachd ann an Taigh Sear agus gu bheil daoine a’ sealltainn ri maitheas càch a chèile. Am faod a’ Chomataidh ionnsachadh bho dhaoine agus bho bhuidhnean ann an Taigh Sear air dòighean airson dèiligeadh ri aonaranachd? Tha sinn airson coinneachadh ri buidhnean a tha a’ cleachdadh dòighean ùra a chuidicheas daoine aonaranach na cothroman sòisealta fhaighinn a tha a’ mhòr-chuid dhinn a’ gabhail ri mar-thà.”

Foillsichear fiosrachadh a bharrachd anns na seachdainean ri tighinn air na tachartasan a tha gu bhith ann mar phàirt de Latha na Pàrlamaid ann an Taigh Sear.  

Cùl-fhiosrachadh

Làithean na Pàrlamaid gu ruige seo:

23 Gearran 2015 - Dùn Phris

8 Dùbhlachd 2014 – Inbhir Lìobhainn

24 Gearran 2014 - Dùn Breatann

4 Samhain 2013 - Obar Bhrothaig

21 Ògmhios 2013 – Sruighlea

15 Màrt 2013 – Steòrnabhagh

5 Samhain 2012 – Hawick

Airson fiosrachadh a bharrachd, tadhail air www.scottish.parliament.uk/parliamentdays

Faodaidh tu a bhith gar leantail air Twitter cuideachd: @scotparl is @SP_EqualOpps is #PDEasterhouse 

*Mar is àbhaist, thathar a’ cleachdadh na h-abairt ‘seann daoine agus daoine òga’ airson daoine a tha nas òige na 25 bliadhna a dh’aois agus nas sine na 50.

Ann an gairm airson bheachdan, tha a’ Chomataidh a’ dèanamh soilleir ciamar a tha a’ Chomataidh fhèin a’ tuigsinn ‘seann dhaoine agus daoine òga’.

Tha rannsachaidhean ùra air sealltainn:

* gur ma dh’fhaoidte gun dùblaich aonaranachd a’ bhuaidh a thig bho tharraing tuilleadh ’s a chòir cudthrom, agus gum faod ro-aonaranachd an coltas àrdachadh, gu ìre 14 sa cheud, gun toirear bàs ro thràth ri seann daoine;

* gu bheil 59 sa cheud de dh’inbhich aig a bheil droch shlàinte ag ràdh gu bheil iad aonranach uaireannan no tric; agus

* gum faod dìth cheanglaichean sòisealta a bhith a cheart cho sgriosail ’s a bhiodh a’ smòcadh 15 toitean gach latha.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.