Thig Latha na Pàrlamaid gu Dùn Phris

09.02.2015

Bidh fòcas air sgoilearan òga tàlantach, gnìomhachasan soirbheachail agus ceistean connspaideach ionadail a mhìos seo nuair a thig Pàrlamaid na h-Alba gu Dùn Phris air Diluain 23 Gearran.

Chaidh Làithean na Pàrlamaid a thòiseachadh leis a’ Phàrlamaid ann an 2012. Agus an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr. Tricia Marwick, os cionn na cùise, tha a’ Phàrlamaid a’ tighinn a-mach à Dùn Èideann agus a’ dol gu coimhearsnachdan air feadh na h- Alba. S e amas Làithean na Pàrlamaid ach daoine ionadail a bhrosnachadh gus ùidh a thogail anns a Phàrlamaid agus a h-obair, cho math ri dol an sàs gu dìreach innte.

Air Latha Pàrlamaid Dhùn Phris, innsidh boireannaich òga a tha ri foghlam aig Àrd-sgoil Maxwelltown don Oifigear Riaghlaidh mu na rudan a nì am brosnachadh, agus cuideachd gheibh iad a-mach mar as urrainn dhaibh a bhith an sàs ann am poilitigs. 

Cuideachd, coinnichidh n t-Oifigear Riaghlaidh ris na daoine a dh’adhbhraich s gun do shoirbhich cho math gu h-ionadail le Muileann-sàbhaidh BSW. S e BSW Timber an gnìomhachas muileann-sàbhaidh as motha anns an RA le timcheall air ciad neach-obrach aca air làrach leth-chiad s a sia heactair ann an Dail Bheithe (Dalbeatie), agus e nan comas còrr is 300,000 ceàrnag ciùbach de dh’fhiodh sàibhte a sholarachadh gach bliadhna airson obair-thogail, làraichean agus stuthan-pasgaidh. 

Thathar an dùil gun tèid èisteachd ri dà athchuing mu cheistean connspaideach ionadail aig Comataidh Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba nuair a chumas iad coinneamh ann an Talla Easterbrook. 

Bidh an comhairliche ionadail Andrew Wood ag iarraidh air BPAan sgrùdadh a dhèanamh air na riaghailtean a dh’fheumar leantainn le h-ionadan-giullachd feòla; agus bidh an neach-gnìomhachais ionadail David R. Sands ag iarraidh air an Riaghaltas gun barrachd maoineachaidh a thoirt seachad fa chomhair planaichean na Comhairle gus seallaidhean eachdraidheil ann an Whitesands atharrachadh gu sgeama dìon-dìle £12m. Cuideachd, bidh seisean ceist is freagairt ann, far as urrainn do dhaoine ionadaile barrachd fhaotainn a-mach mu ciamar a thogar athchuing sa Phàrlamaid mu na ceistean a tha cudromach dhaibh. 

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh: 

“Tha fios againn gu bheil muinntir na h-Alba airson a bhith an sàs sa phròiseas phoilitigeach agus is e sin an t-adhbhar a tha mise ag iarraidh gum bi a’ Phàrlamaid a’ tighinn a-mach ‘s a’ dol air feadh na h-Alba nas trice. 

“’S ann le muinntir uile na h-Alba a tha Pàrlamaid na h-Alba, agus gheibh a’ Phàrlamaid fìor dheagh chothrom ann an Dùn Phris èisteachd ris a’ choimhearsnachd mu na ceistean a tha cudromach dhaibh.” 

Gu ruige seo fhuair Comataidh Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba còrr is 1,500 athchuinge on phoball. Faodaidh raon farsaing de ghnìomhan tighinn gu bith mar bhuil air athchuingean, nam measg deasbadan na pàrlamaid, atharrachaidhean ann an laghan agus ann am poileasaidhean agus eadhan leisgeulan oifigeil an riaghaltais airson eucoirean san àm a dh’fhalbh. 

Thug Neach-gairm na Comataidh, Iain Pentland BPA, iomradh: 

“’S e aon de na rudan às a bheil mise as moiteil mar Neach-gairm na Comataidh ach gum faigh, eucoltach ri siostam Westminster, a h-uile athchuinge a chuirear a-steach chugainn  beachdachadh ceart aig a’ Chomataidh aig coinneamh fhoirmeil. Tha Comataidh Athchuingean Poblach air a dèanamh de sheachdnar BhPA bho gach prìomh phàrtaidh. Ged as dòcha gu bheil sinn diofraichte nar beachdan poilitigeach, tha sinn aona-ghuthach gu bheil sinn ag iarraidh gum bi tòrr a bharrachd dhaoine ann an Dùn Phris, daoine a tha dealasach mu dheidhinn iomairtean a bheir deagh atharrachadh a-steach, a’ cur athchuinge a-steach gu Pàrlamaid na h-Alba gu dìreach.” 

Airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air www.scottish.parliament.uk/parliamentdays 

Cuideachd, faodar ar leantainn air twitter @scotparl agus @SP_Petitions agus #PDDumfries  

Cùl-fhiosrachadh

Bidh dealbhan-camara de Latha Pàrlamaid Dhùn Phris ri fhaotainn an asgaidh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.