Turas BPAan gu Malawi

06.02.2015

Thathar a’ comharradh 10 bliadhna de cho-obrachadh na pàrlamaid le Malabhaidh an-diugh agus triùir BhPA a’ togail orra gu Seanadh Nàiseanta Mhalabhaidh.

Tha an Leas-Oifigear Riaghlaidh, Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA,   os cionn na buidhne a tha a’ dol ann, cuide ri James Dornan BPA agus Liam MacArthur BPA. Gabhaidh a’ bhuidheann clàr de choinneamhan is de thursan-tadhail os làimh gu Seanadh Nàiseanta Mhalabhaidh agus Lilongwe is Blantaidhr.

Lìbhrigidh na BPAan bùthan-obrach do BhPAan Mhalabhaidh air cuspairean sònraichte, nam measg obair-sgrùdaidh air reachdas lagha agus mar a ruithear rannsachaidhean chomataidhean. Cuideachd, bidh iad còmhla ri Neach-labhairt an t-Seanaidh Nàiseanta is BPAan Mhalabhaidh ann a bhith a’ comharradh deich bliadhna de cho-obrachadh eadar pàrlamaidean na h-Alba is Mhalabhaidh .

Thuirt an Leas-Oifigear Riaghlaidh, Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA:

“Tha e mar onoir mhòr an cothrom seo a bhith ann tadhail air Seanadh Nàiseanta Mhalabhaidh. Thar deich bliadhna, tha ar Pàrlamaidean air deagh chàirdeas de cho-obrachadh is de cho-ionnsachadh a stèidheachadh agus tha mise a’ dèanamh fiughair ri faicinn air mo shon fhìn cuid den obair bhunaiteach seo.”

A bharrachd air a’ chlàr aca aig an t-Seanadh Nàiseanta, bidh a’ bhuidheann cuideachd a’ tadhail air grunn phròiseact a fhuair taic o bhuidhnean Albannach, nam measg Mary’s Meals agus MUMs Recipes (Malawi Underprivileged Mothers), Mendulo Girls Go for Health agus Riaghaltas na h-Alba fad nan deich bliadhna a chaidh seachad.

Lean a’ Bh.Uas Nic a’ Ghobhainn oirre:

“Tha an càirdeas air leth eadar Alba is Malabhaidh, a tha a’ dol air ais gu linn tursan miseanaraidh Dhàibhidh MhicDhunleibhe thar Afraga, fhathast a’ ceangail ar dùthchannan. Tha iomadach neach Albannach, cuid de dhaoine na mo roinn-phàrlamaid fhìn nam measg, air a bhith ri obair luachmhor shoirbheachail ann am Malabhaidh agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri cuid dhen obair seo fhaicinn dhomh fhìn.”

 

Cùl-sgeul

Tha triùir BhPA is dithis oifigear às Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail pàirt sa bhuidhinn seo, a’ riochdachadh Meur Alba de Chomann Pàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis (CPA), a bhios a’ fàgail na dùthcha gus dol a Mhalawi air 5 Gearran.

B’ ann an 2005 a chaidh ciad bhuidheann aig a' Chomann gu Malabhaidh. Tha gun leasaichear deamocrasaidh na pàrlamaid ann, tro chomhairle le fòcas is cuideachadh sònraichte, mar phàirt meadhanach de dh’obair Pàrlamaid na h-Alba ann am Malabhaidh.

‘S e tha sa CPA ach gach pàrlamaid is reachdas nàiseanta, sgìreil, stàite is dùthchail den Cho-fhlaitheas. Tha mu 185 meur sa CPA agus 17,000 neach-pàrlamaid mar bhuill. Bidh e a’ cur air adhart meas air ceannas an lagha agus còraichean is saorsa neachan air leth, a’ sireadh buannachdan pàrlamaid dheamocratigich.

 

Fios conaltraidh

Fios conaltraidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.