Iarrtas airson dòigh ùr gus dèiligeadh ri neo-ionannachdan slàinte ann an Alba

05.01.2015

A dh’aindeoin a’ chaitheamh shusbaintich a rinneadh gus dèiligeadh ri neo-ionannachdan slàinte bho thòisich tiomnadh cumhachd, tha a’ bheàrn eadar beairteach is bochd ann an Alba fhathast farsaing, a rèir rannsachadh le Comataidh Slàinte is Spòrs.

Fhuair a’ Chomataidh a-mach gu bheil freumhan neo-ionannachdan slàinte (health inequalities) ann an cùisean nach buin ris an t-siostam slàinte ach a tha ceangailte ri teachd-a-steach is a’ bhochdainn. Chuala iad cuideachd gun robh an dòigh eadar-dhealaichte a bha beartach is bochd a’ gabhail ri iomairtean Riaghaltais gus dèiligeadh ri smocadh, deoch làidir, droch dhaithead (poor diet) agus cion eacarsaich tric a’ cur am meud a’ bheàrn ann an inbhean slàinte seach a bhith ga dùnadh.

A chionn ’s gu bheil ceangal eadar a’ bhochdainn agus droch shlàinte, bha a’ Chomataidh cuideachd draghail gu bheil ath-leasachadh shochairean a’ lùghdachadh teachd-a-steach nan daoine agus teaghlaichean as bochda agus as laige, agus gum bi barrachd droch bhuaidh aig seo air slàinte is mathas.

Cho-dhùin a’ Chomataidh cuideachd, ged a tha NHS a’ dèanamh mòran gus dèiligeadh ri neo-ionannachdan slàinte, nach urrainn dhi a bhith èifeachdach ag obair na h-aonar agus gu bheil feum air iomairt ann an iomadh raon eile gus a’ chùis fhuasgladh. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Slàinte is Spòrs, Donnchadh MacNèill BPA:

“Is e cùis nàire nach beag dhuinn mar chomann-sòisealta gu bheil staid slàinte dhaoine a’ crochadh air an teachd-a-steach, am foghlam agus far a bheil iad a’ fuireach.

“Bho thòisich tiomnadh cumhachd, tha seo air a bhith na phrìomhachas poilitigeach aig Riaghaltasan leantainneach agus tha iad air a bhith a’ caitheamh sùim shusbainteach de dh’airgead phoblach a’ deiligeadh ris a’ chùis thoinnte seo. Gu mì-fhortanach, tha na h-oidhirpean aca air a bhith gu beag feum.  

“Gu tric, chan ann ann an seirbheis na slàinte a tha am fuasgladh ri lorg.  Faodaidh an NHS againn beagan cobhair a thoirt seachad ach, as aonais dòigh-obrach ùr, chan urrainn dhuinn dèiligeadh ri bun-adhbharan neo-ionannachd agus piseach a thoirt air slàinte mìltean de dhaoine air feadh na h-Alba.”

Thuirt Leas-neach Gairm na Comataidh, Bob Doris BPA:

“Chan eil dìreach aon fhuasgladh ann airson neo-ionannachdan slàinte a thaobh dhaoine fa leth no choimhearsnachdan. Tha e soilleir gu bheil luchd-poilitigs ag iarraidh piseach a thoirt air a’ chùis seo, agus chuala an rannsachadh againn mu obair innleachdach a’ tachairt, mar eisimpleir gus màthraichean òga a chuideachadh anns a’ Chom-Pàirteachadh Bhanaltram Teaghlaich no tro Cho-obrachadh nam Bliadhnaichean Tràtha.

“Ach feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach eil neo-ionannachdan san fharsaingeachd air am fagail an urra rithe agus ris am feum i deiligeadh, leithid na tha air an toirt a-steach mar thoradh air ath-leasachadh shochairean na RA (UK) agus cuideachd gum bi neo-ionannachdan slàinte nam prìomhachas thar an Riaghaltais gu lèir – chan ann dìreach ann am poileasaidh slàinte.”

Rinn a’ Chomataidh grunn mholaidhean, leithid:

Tha bun-adhbharan neo-ionannachdan slàinte toinnte agus, ged a tha piseach a’ tighinn air slàinte an Alba, chan eil na chaidh a dhèanamh gu ruige seo gus neo-ionannachdan a lùghdachadh air a bhith glè shoirbheachail idir;

Bha an fhianais gu lèir a’ sealltainn ceangal soilleir eadar a’ bhochdainn agus droch shlàinte is mathas, a’ cur ìrean briseadh-slàinte (morbidity levels) am meud agus a’ lùghdachadh dùil-aoise (life expectancy);

Tha atharraichean a dh’fhaodte a dhèanamh anns na siostaman cìse agus shochairean gus neo-ionannachdan teachd-a-steach a lùghdachadh. Tha poileasaidhean eile ann an cumhachd na Pàrlamaid, mar eisimpleir ann am foghlam agus taigheadas, a dh’fhaodadh a bhith feumail cuideachd;

Mar as tric bidh an NHS ag obair gus tinneasan a leigheas nuair a nochdas iad no a’ feuchainn ri cleachdaidhean a nì cron air slàinte atharrachadh, leithid smocadh, ana-caitheamh deoch làidir agus dhrugaichean, droch dhaithead, cion eacarsaich agus mar sin air adhart. Chuala a’ Chomataidh iomadh turas gu robh na h-iomairtean “dòigh-beatha” a’ meudachadh na beàrna ann an slàinte seach a bhith ga lùghdachadh;

Airson fìor phiseach a thoirt air a’ ghnothach, feumar oidhirp mhòr a dhèanamh ann an grunn raointean poileasaidh agus le diofar bhuidhnean a’ co-obrachadh agus ag obair ann an dòigh nas èifeachdaich còmhla;

Tha a’ Chomataidh cuideachd airson iarraidh air a’ Phàrlamaid agus na Comataidhean beachdachadh air na dh’fheumas iad a dhèanamh gus poileasaidh a leasachadh agus obair Riaghaltais a sgrùdadh ann an grunn raointean;

Gu tric, is iad na daoine is coimhearsnachdan as bochda agus as laige aig a bheil na cothroman as miosa airson prìomh sheirbheisean slàinte a chleachdadh agus is e seo cùis a dh’fheumas NHS leasachadh.

Cùl-fhiosrachadh

B’ e adhbhar na h-Aithisg air Neo-ionannachd Slàinte a bhith a’ feuchainn ri crìochan obrach làn rannsachadh air neo-ionannachdan slàinte a dhealbhadh. Ach, bha e soilleir nach innseadh làn rannsachadh air a’ chùis seo dad nach robh follaiseach mar-thà.   

Chùm a’ Chomataidh a’ rannsachadh a’ chuspair seo, a’ dèanamh aithisg air deugairean a tha trom le leanabh ann an 2013.  Nì a’ Chomataidh aithisg air neo-ionannachd slàinte anns na bliadhnaichean tràtha aig toiseach 2015.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.