Teagamh mu na ghabhas toirt a-mach a thaobh amannan-feitheimh Ionadan Tubaist & Èiginn (A&E)

15.12.2014

Tha amas a thaobh amannan-feitheimh do dh’euslaintich a thèid fhaicinn ann an ùine nas lugha na 4 uairean a thìde ann an 98% den a h-uile turas do dh’ionadan A&E air a thighinn fo cheist aig Comataidh Sgrùdadh Poblach (Public Audit Committee) aig Pàrlamaid na h-Alba. 

Tha a’ Chomataidh air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh a bheil an ìre de 98% cothromach iomchaidh ‘s an gabh seo a thoirt a-mach, leis gu bheilear air a chur an cèill gur dòcha gum bi aig cuid de dh’euslaintich ri feitheamh ann an A&E nas fhaide na ceithir uairean ri linn adhbharan meadaigeach. 

Chaidh an targaid 4 uairean de 98% de thursan gu A&E aontachadh mar ìre aig Riaghaltas na h-Alba ann an 2008. Ann an Giblean 2013, chaidh targaid eadar-ama de 95% a chur air dòigh, rud a bha ri lìbhrigeadh ro Shultain 2014. Na bu tràithe am-bliadhna, sheall aithisg o Àrd-neach Sgrùdaidh na h-Alba (Auditor General Scotland, AGS) gum biodh e doirbh do ghrunn Bhòrd Slàinte targaid eadar-ama Riaghaltas na h-Alba, 95%, a choileanadh, agus san t-Samhain chaidh dàta fhoillseachadh a sheall gun do choilean Seirbheis na Slàinte amas na bliadhna gu ruige Sultain 2014 le 93.4%, mar a bha nuair a chaidh an targaid a thoirt a-steach an toiseach. 

Taobh a-staigh na h-aithisge, cuiridh a’ Chomataidh fàilte air a’ mhaoineachadh a bharrachd a gheibh na Bùird mar thaic is mar fhreagairt do mar a thuit ìre coileanaidh A&È, maoineachadh £27m a thàinig o Riaghaltas na h-Alba thar ama trì bliadhna o Ghearran 2013. 

Thuirt Neach-gairm Comataidh Sgrùdadh Poblach, Hugh Henry BPA: 

“Tha e car tàmailteach aig a’ char is lugha nach eil 5 de na 14 bùird slàinte a’ coileanadh targaid eadar-ama de 95%, gu h-àraid gun ach 3 bùird NHS a’ coileanadh ìre 98% a chaidh a chur air dòigh le Riaghaltas na h-Alba. Ach, tha daonnan feum clionaigeach (clinical need) ann cothromachadh a dhèanamh eadar luathas is feabhas cùram, agus tha sinne ag aontachadh ri AGS gum faod amannan-feitheimh aon roinn A&E a bhith mar chomharradh cudromach air an dùbhlan a tha ro shiostam na slàinte san fharsaingeachd. Le seo mar chùl-fhiosrachadh, agus o chionn ‘s nach eil a’ chuid is motha de bhùird a’ coileanadh ìre na h-amais a chaidh a chur air dòigh, tha sinn a’ cur na ceist a bheil an ìre sin fhathast reusanta no an gabh a thoirt a-mach.” 

Tha aithisg na Comataidh a’ cur an cèill gum bi feum air atharrachadh-ceuma a thaobh na nì bùird NHS, cho math ri ath-dhealbhadh seirbheise, a chor is gun coilean iad ìre 98% de dh’amannan-feitheimh A&E. Thathar cuideachd a’ cur cuideam air cho cudromach is a tha: 

·      Dàta daingean ceart mu gach uair is adhbhar a thèid daoine a chur gu roinnean A&E. 

·      Gun tuig bùird NHS a’ bhuaidh a bhios aig diofar adhbharan gun tèid daoine a chur gus ionadan A&E a fhrithealadh. S e seo toiseach-tòiseachaidh a thaobh oidhirp air daoine a stiùireadh a bhios a’ frithealadh roinnean A&E nuair nach bi seo còir no ceart agus a dh’fhaodadh leigheas fhaotainn àiteigin eile no a bhith a’ dol gu àiteachan eile taobh a-staigh seirbheis na slàinte nam b’ e ‘s gun robh na seirbheisean seo ri fhaotainn aig an àm. Dh’fhaodadh seo cuideachd a bhith mar chuideachadh do dh’euslaintich roghainnean eile a dhèanamh. 

·      Obair le Riaghaltas na h-Alba air na tha bùird NHS a’ dèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil gu leòr a ghoireasan ann an ionadan eile de sheirbheis na slàinte gus taic a thoirt do na h-euslaintich sin a dh’fhaodadh dol a dh’àiteigin eile seachas A&E. 

·      Taic o Riaghaltas na h-Alba a thaobh feabhas a thoirt air mar a thèid euslaintich tro ionadan A&E, a’ gabhail a-steach mar a chumar taic ri ospadalan gluasad air falbh on chleachdadh chumanta air feadh na seachdain ann a bhith ag obair ann am pàirtean àraid de sheirbheis ospadail. Tha a’ Chomataidh cuideachd air soilleireachadh iarraidh o Riaghaltas na h-Alba air mar a tha e san amharc aca tuigse nas fheàrr fhaotainn air na h-adhbharan  a bhios euslaintich gan cur fhèin air adhart a fhrithealadh ionadan A&E, agus cuiridh a’ Chomataidh fàilte air comhairle fhaighinn cho luath ‘s a ghabhas o luchd-meadaigeach eòlach. 

Lean Neach-gairm na Comataidh Hugh Henry BPA air: 

“Aig an àm-sa den bhliadhna gu sònraichte, feumaidh roinnean A&E a bhith comasach fòcas air an adhbhar a tha iad ann – tubaistean is èiginn. Feumaidh bùird NHS tuigse nas fheàrr a bhith aca air carson a tha daoine a’ tighinn gu A&E, nuair dh’fhaodadh euslaintich a bhith air an ath-threòrachadh gu roinnean eile de sheirbheis na slàinte far am faigheadh iad leigheas a tha a cheart cho èifeachdach. 

“Tha cuid de bhùird a’ dèanamh sàr-obair san raon seo agus tha fhios againn gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ri seo. Ach eadar ‘s gu bheil seirbheisean eile ann nuair a thig feum orra, agus eadar ‘s gu bheil gu leòr a dh’fhiosrachadh aig daoine air na ghabhas dèanamh seach frithealadh air A&E, feumar sgrùdadh nas doimhne a dhèanamh air a’ chùis. Tha sinn air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba rudeigin a dhèanamh a chor is gun cuirear tuigse am meud san raon seo agus gun leasaichear an dòigh san tèid dàta a chruinneachadh. Cha ghabh duilgheadas sam bith a leasachadh gu h-iomchaidh ach tro thuigse.” 

Taobh a-staigh na h-aithisge, tha a’ Chomataidh cuideachd a’ toirt beachd air fastadh is cumail luchd-obrach sna roinnean A&E agus tha iad ag iarraidh: 

·      Soilleireachadh o Riaghaltas na h-Alba mu mar a chuireas cur-an-gnìomh Ath-sgrùdadh Greenaway feabhas air mar a dh’fhastaichear is a chumar iadsan a bhios fo thrèanadh – agus a fhuair ceum - ann an ionadan A&E. 

·      Fiosrachadh o Riaghaltas na h-Alba a thaobh dè cho fada ‘s a thuigeas iad gu bheil an cùmhnant nàiseanta a’ toirt gu leòr a dh’aitheantas gu bheil cor-obrach luchd-comhairleachaidh, gu h-àraid iadsan ann an A&E, ag atharrachadh, agus dè an taic a chumas an Riaghaltas ri ath-dhealbhadh sheirbheisean le bhith ga chur an comas gun tèid cleachdaidhean obrach ùr-ghnàthaichte aithneachadh le duais iomchaidh. 

Cùl-fhiosrachadh 

Ann an Alba tha 31 roinn A&E a bheir seachad seirbheisean deatamach taobh a-staigh NHS, mar is trice a’ measadh is a’ leigheas nan euslainteach aig a bheil cor-slàinte fìor dhona neo cunnartach. Dh’aithris AGS gun do fhritheil mu 1.35m neach na roinnean seo ri linn 2012/13 air chosgais £163m. Cuideachd tha 64 ionad leòn beaga (Minor Injury Units) ann an Alba a bheir leigheas do 266,439 neach gach bliadhna air chosgais £25m. 

Ann an 2004 chuir Riaghaltas na h-Alba targaid air dòigh gum bu chòir, le teachd deireadh 2007, ‘s nach biodh aig euslaintich ri feitheamh na b’ fhaide na ceithir uairean a thìde on àm a thigeadh iad ‘s gun rachadh gabhail riutha gu ruige an t-àm a rachadh iad a chur a dh’àiteigin eile neo a leigeil ma sgaoil. Bhuin seo ri A&E cho math ri MIU. Am Màrt 2008 b’ i an targaid seo ìre àbhaisteach leigheis, leigeil ma sgaoil no gabhail ri 98% de dh’euslaintich taobh a-staigh ceithir uairean a thìde on àm a nochdadh iad an toiseach aig A&E. Sna trì mìosan gu ruige deireadh Màrt 2010, chaidh dèiligeadh ri 98% (365,949 neach) taobh a-staigh ceithir uairean a thìde, an taca ri 88% (334,907 neach) sna trì mìosan gu ruige deireadh Ògmhios 2006. 

Dh’aithris AGS gun do thuit – on àm a dh’fhoillsicheadh aithisg mu dheireadh na h-oifise sin  ann an 2010 (fon tiotail Roinnean Èiginn) – ìre coileanaidh fa chòir targaid 98% o 97.2% ann an Dùbhlachd 2009 gu 93.5% ann an Dùbhlachd 2013, ged a bha rud beag de dh’fheabhas ann ri linn 2013. Ann am fiosrachadh-fianaise, thug Riaghaltas na h-Alba fa-near... “gu bheil am figear de 94% air a bhith air a luaidh mu choinneamh an dàta a chaidh fhoillseachadh gu ruige Ògmhios 2014”. 

Dh’aithris AGS nach eil – ri linn cho diofraichte is a tha seirbheisean a thèid a thoirt seachad ann an roinnean A&E thar na dùthcha – aon rud singilte ann a mhìnicheas carson a chrìon coileanadh amannan-feitheimh o 2008/09. Faodaidh na leanas buaidh a thoirt air coileanadh amannan-feitheimh--

·    Cuideam a thaobh na tha ri fhaotainn de leabannan-ospadail ri linn ‘s gun gabhar ri tuilleadh is tuilleadh euslainteach air bhonn èiginn cho math ri dàil ann a bhith a’ leigeil euslainteach ma sgaoil

·    Iom-fhillteachd cùram a’ dol am meud

·    Poileasaidhean ionadaile a thaobh nan daoine a ghabhar a-steach mar luchd-èiginn

·    Poileasaidhean ionadaile a thaobh fios a thoirt do dh’euslaintich A&E mu sheirbheisean eile a tha ann

·    An t-àm den latha a leigear euslaintich ma sgaoil o sheòmraichean-ospadail

·    Cuideam a thaobh na th’ ann de luchd-obrach.

Cuideachd, dh’èist a’ Chomataidh ri fianais gum faod gum bi coileanadh amannan-feitheimh a’ tighinn fo bhuaidh na th’ ann de chùram-dachaigh is de dh’àiteachan ann an ionadan-cùraim ann an cuid a sgìrean, rud a dh’fhaodas dàil a chur ann a bhith a’ leigeil euslainteach on ospadal fhad ‘s a bhios iad a’ feitheamh air cùram iomchaidh taobh a-muigh den ospadal. A bharrachd, dh’aithris AGS gun robh an t-iarrtas san fharsaingeachd air ionadan A&E agus Ionadan Leòn Mòra (Major Injury Units) air a dhol am meud o 1.57m a thaobh frithealaidh ann an 2008/09 gu ruige 1.62m ann an 2012/13.

An Giblean 2013, thug Riaghaltas na h-Alba a-steach targaid eadar-ama ùr de 95% de dh’euslaintich a gheibh leigheas taobh a-staigh ceithir uairean a thìde gu ruige deireadh na bliadhna ann an Sultain 2014.

Aig an àm a dh’èist a’ Chomataidh ri fianais (ann an Dàmhair 2014) mu aithisg A&E, cha robh e an comas Riaghaltas na h-Alba comhairle a thoirt eadar ‘s gun rachadh aca air an targaid seo a ruigsinn no nach rachadh ri linn ‘s nach biodh na fiogairean mu choinneamh Sultain 2014 air an toirt am follais gu ruige Samhain 2014. Ach dh’aithris AGS gum biodh e doirbh do ghrunn bhòrd an targaid eadar-ama de 95% a choileanadh ro Shultain 2014.

Air 25 Samhain 2014, dh’aithris Roinn Seirbheisean Fiosrachaidh (RSF) na h-Alba gura h-e coileanadh NHS ann an Alba a thaobh targaid eadar-ama 95% mu choinneamh na bliadhna gu ruige Sultain 2014 ach 93.4%, dìreach mar a bha aig àm-tòiseachaidh na targaid eadar-ama de 95% ann an Giblean 2013. A-mach às 14 bùird NHS, dh’aithris RSF gun do choilean 9 bùird clach-mhìle na targaid de 95% (NHS nan Crìochan, NHS Dhùn Phris is Gall-ghaidhealaibh, NHS Fìobha, NHS Roinn a’ Mhonaidh, NHS na Gàidhealtachd, NHS Arcaibh, NHS Shealltainn, NHS Taobh Tatha agus NHS nan Eilean Siar).

Tha Ath-sgrùdadh Greenaway a’ toirt iomradh air: Securing the future of excellent patient care - final report of the independent review led by Professor David Greenaway (http://www.shapeoftraining.co.uk/static/documents/content/Shape_of_training_FINAL_Report.pdf_53977887.pdf)

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.