Buaidh nan gnìomhachas cruthachail air eaconamaidh na h-Alba ri thighinn fon phrosbaig

08.12.2014

Ciamar a nì sinn cinnteach gum fàs na gnìomhachais chruthachail gu soirbheachail ann an Alba? Sin a’ cheist aig cridhe rannsachadh ùr a chaidh ainmeachadh an-diugh le Comataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd ann am Pàrlamaid na h-Alba.

A’ toirt sùil gu h-àraidh air gnìomhachais TBh agus filmaichean na h-Alba agus air earrann gèamannan bhidio, bidh an rannsachadh a’ beachdachadh air dè ghabhas dèanamh gus taic a thoirt dhaibh agus iad a’ fàs agus a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Murchadh Friseal BPA:

“Mar earrann le tionndadh ionmhasail measraichte (estimated turnover) £12 billean gach bliadhna agus i a’ fastadh cha mhòr 130,000 neach-obrach ann an earrainn nan gnìomhachas cruthachail, chan eil teagamh ann gu bheil buaidh mhòr aig an earrainn seo an coimeas ri a meud.

“Tha an gnìomhachas ioma-thaobhach seo a’ toirt a-steach raon farsaing de ghnothaichean. Bidh a’ Chomataidh againn a’ coimhead air mar a tha earrannan gèamannan-bhidio agus TBh agus filmaichean a’ soirbheachadh an-dràsta agus dè eile a ghabhas dèanamh air chor’s gum fàs na gnìomhachais seo. Tha sinn gu sònraichte airson fianais fhaighinn air dè seòrsa taic a tha na gnìomhachais seo a’ faighinn agus dè cho èifeachdail ’s a tha i a’ cuideachadh le bhith a’ fàs ann an dòigh a tha seasmhach agus a bhith a’ gluasad a-steach gu margaidhean ùra

Tha a’ Chomataidh air gairm airson fianais fhoillseachadh an-diugh agus tha i a’ sireadh freagairtean gu h-àraidh bho dhaoine le ùidh anns na cuspairean mar na leanas:

  • An ròl a tha aig buidhnean-gnìomha (agencies) anns an earrainn phoblaich agus dè cho èifeachdail ’s a tha an taic a tha iad a’ tairgsinn;
  • An ròl a tha aig an earrainn phrìobhaidich ann a bhith a’ toirt taic do dh’earrannan gèamannan bhidio, TBh is filmaichean;
  • Ciamar a gheibhear thairis air na nithean a tha a’ bacadh nan gnìomhachas cruthachail bho bhith a’ fàs gus brath a ghabhail air cothroman;
  • Ciamar a chumar ann an Alba na sgilean a tha riatanach do na gnìomhachais chruthachail;
  • Ciamar a leasaicheas sinn na sgilean gnothaich aig an fheadhainn an sàs anns na gnìomhachais TBh agus bhidio;
  • Eisimpleirean de ro-innleachdan eadar-nàiseanta airson cuideachadh nan earrannan seo a bhith a’ fàs.

Cùl-fhiosrachadh

Ann an 2012, dh’fhoillsich Alba Chruthachail aithisg a chuir an cèill gu bheil gnìomhachas nan ealan agus an gnìomhachas cruthachail ann an Alba a’ toirt taic do 130,000 dreuchd agus tionndadh ionmhasail £12.48 billean.

Tha na gnìomhachais chruthachail am measg seachd earrannan an eaconamaidh a tha Riaghaltas na h-Alba air chomharradh mar earrannan àraidh aig a bheil comas fàs.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air rannsachadh na Comataidh air an làrach-lin tron cheangal seo.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.