Comataidh ag iarraidh leasachadh air mar a lorgar is a pheanasaichear eucoir an aghaidh fiadh-bheatha

08.12.2014

Feumar feabhas a chur air mar a lorgar is a pheanasaichear eucoir an aghaidh fiadh-bheatha, a rèir rannsachadh le Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh deimhinne nach fhaod sinn a bhith coma-co-dhiù s iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air na ghabhas dèanamh gus ìrean aithris is lorg a chur am meud.

Ann am fios-fianaise a bha mar sgrùdadh air Aithisg Bhliadhnail Eucoir an aghaidh Fiadh-bheatha 2013 aig an Riaghaltas, bha dragh air a’ Chomataidh cluinntinn mu bheachd Poileas na h-Alba gu bheil eucoir ann nach tèid aithris no innse ‘s mar sin nach tèid a chlàradh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:

“Agus tuigse air leudachd is iom-fhillteachd eucoir an aghaidh fiadh-bheatha a’ dol am meud, tha sinne gu làidir dhen bheachd nach fhaod neach sam bith againn a bhith coma-co-dhiù agus sinn a’ dol an gleac ris a’ chùis chudromach seo. Chuir sinn a’ cheist, a bheil Poileas na h-Alba agus Oifis a’ Chrùin a’ cur eucoir an aghaidh fiadh-bheatha air thoiseach gu ìre iomchaidh.”

“’S e am freagairt a fhuair sinn ach ‘tha’, agus mar sin tha dùil againn gun tig feabhas air mar a lorgar is a pheanasaichear ìrean eucoir an aghaidh fiadh-bheatha sna bliadhnaichean ri teachd.”

Cuideachd anns an litir aca, thog a’ Chomataidh dragh a thaobh mar a sgaoil Poileas na h-Alba fiosrachadh mu rannsachadh a rinneadh o chionn ghoirid mu bhàs fichead eun-creiche ‘s a dhà ann an Siorramachd Rois. Chuir a’ Chomataidh fàilte air an dearbhadh gu bheil Riaghaltas na h-Alba, ann an co-bhann ris a’ phoileas, a-nis a’ feuchainn ri ìre àrd leantainneachd a thoirt a-mach a thaobh mar a sgaoilear fiosrachadh am measg nam meadhanan.

Mhìnich Mgr Gibson:

“Bha uabhas air a’ Chomataidh gun deach fichead eun-creiche s a dhà a mharbhadh le puinnsean o chionn ghoirid faisg air Drochaid Sguideil. Tha sinn a’ cur fàilte nach beag air rùn Riaghaltas na h-Alba sgeama a thoirt air aghaidh a thaobh cuidhteas stuthan-puinnseanachaidh, sgeama a nì focas air stuthan mì-laghail a thèid a chur gu feum nas motha ann an eucoir an aghaidh fiadh-bheatha. Tha na thachair o chionn ghoirid a’ sealltainn dìreach rud beag de bhuaidh uabhasach a leithid air ar fiadh-bheatha.”

Ann an litir sia-duilleag chun a’ Mhinisteir ùir airson Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid is Ath-leasachadh Fearainn, Èibhlin NicLeòid BPA, cuiridh a’ Chomataidh cuideam air na prìomh cheistean, nam measg:

  • Tha e coltach nach tèid cùisean a thoirt gu lagh a thaobh eucoir an aghaidh fiadh-bheatha ach sa chòigeamh chuid de chàsan a thèid aithris don Phoileas, agus dhiubh sin thèid 20.7% a chomharradh mar ghnothach ‘Na Dèan Dad’ le Seirbheis Oifis Neach-casaid a’ Chrùin (an taca ri 9.5% de dh’eucoirean eile).
  • ‘S e dragh an iar-Mhinisteir airson Àrainneachd is Atharrachadh Clìomaid, Paul Wheelhouse, gu bheil seòrsaichean sònraichte de dh’fhiadh-bheatha cha mhòr gu tur air iarraidh ann am ceàrnan de dh’Alba far am biodh dùil riutha a bhith an làthair.

  • Cuiridh a’ Chomataidh fàilte air dearbhadh gun deach ceuman a thoirt mu-thràth gus protocal a thaobh fiosrachadh a roinn a chur air chois eadar Dualchas Nàdair na h-Alba (DNA) agus Poileas na h-Alba far am buin seo ri casg air cead san fharsaingeachd eòin fhiadhaich a chur an ribeadh is a mharbhadh le gunna.
  • Gun cuirear tuilleadh feuma air luchd-obrach Comann na h-Alba an aghaidh Mì-thròcair do dh’Ainmhidhean (CAAMDA) mar thaic do Phoileas na h-Alba san obair aca, ged a chuireas a’ Chomataidh cuideam air ‘s gum feum earbsa mheasarra a bhith aig a’ mhòr-shluagh sna ceuman seo agus gum bi CAAMDA cunntachail anns a chùis.
  • Feum air far an tèid eucoir an aghaidh fiadh-bheatha a dhèanamh, a’ toirt a-steach àiteachan puinnseanachaidh is ribean mì-laghail, a chur air clàr-mapa gu h-èifeachdach is gu leantainneach.
  • Dragh mu dè cho soilleir is a bhios dàta mu eucoir an aghaidh fiadh-bheatha, mu mar a mheasgaichear fiosrachadh a thaobh nam mìosan agus bliadhna an ionmhais, agus mu dìth-ruigsinneachd dàta fa chòir 2013-14.

Cùl-fhiosrachadh

Seirbheis Oifis Neach-casaid a’ Chrùin.

Gheibhear litir a’ Mhinisteir ùir airson Àrainneachd, Atharrachadh Clìomaid is Ath-leasachadh Fearainn, Èibhlin NicLeòid BPA, tron cheangal seo.

Thug Oifis a’ Chrùin agus àrd-oifigearan sa phoileas fianais seachad am beulaibh an t-sluaigh ann am Pàrlamaid na h-Alba air 29 Dàmhair mu Aithisg Bhliadhnail Riaghaltas na h-Alba air Eucoir an aghaidh Fiadh-bheatha an Alba 2013.

Bidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is Àrainneachd a’ sgrùdadh molaidhean-poileasaidh a bhuineas ri cùisean dùthchail, atharrachadh clìomaid, biadh agus na h-àrainneachd.

Gheibhear dealbhan-camara den Chomataidh is de Neach-gairm na Comataidh saor s an asgaidh. Cuideachd, gheibhear pios clàraichte claistinneach de dh’agallamh ri Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA, ma dh'iarrar.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.