Tha Comataidh a’ faighneachd, am bu chòir Luchd-gairm aig Taigh an Roid a bhith air an taghadh?

01.12.2014

Tha a’ Chomataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach air rannsachadh ùr fhoillseachadh an-diugh (1 Dùbhlachd) agus iad gu bhith sgrùdadh mholaidhean ùra gus Luchd-gairm Chomataidhean Pàrlamaid na h-Alba a thaghadh.

Chuir an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA, molaidhean air adhart san Dàmhair a bha a’ moladh gum biodh a’ Phàrlamaid air fad a’ taghadh Luchd-gairm nan Comataidhean.

Tha an t-Oifigear Riaghlaidh den bheachd nam biodh Luchd-gairm air an taghadh gun neartaicheadh sin an obair a tha a’ Phàrlamaid a’ dèanamh agus gun cuireadh e ris mar a tha cumhachd air an roinn eadar a’ Phàrlamaid, Riaghaltas na h-Alba agus muinntir na h-Alba. An-dràsta bidh a’ Phàrlamaid a’ co-dhùnadh cò am pàrtaidh poilitigeach bhon tig neach-gairm gach Comataidh; agus thèid Luchd-gairm nan Comataidhean a roghnachadh leis na Comataidhean a rèir sin an uair sin.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach, Stiùbhart Stevenson BPA:

“Tha e follaiseach gu bheil na molaidhean seo air tighinn aig àm nuair a tha daoine air ùidh às ùr a nochdadh ann am poilitigs agus anns na dòighean sam bith Pàrlamaid na h-Alba ag obair.

“Chunnacas grunn atharraichean ann am pròiseasan na pàrlamaid sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, leithid ceistean cuspaireil a chaidh a thoirt a-steach agus mar a chaidh pàtran nan amannan suidhe atharrachadh. Tha a’ Chomataidh againn a-nis a’ dol a dh’fhaicinn an e luchd-gairm air an taghadh an ath cheum a bu chòir a bhith ann.

“Tha a’ Chomataidh againn airson cluinntinn bho dhaoine aig a bheil ùidh sa chùis, feuch a bheil iad a’ smaoineachadh gun obraicheadh na molaidhean seo agus gu dearbh ciamar a dh’obraicheadh iad.”

Bidh a’ Chomataidh a’ faighneachd grunn cheistean nuair a tha iad a’ sireadh bheachdan. Nam measg bidh:

* A bheil dad ann a chuireadh bacadh air a’ Phàrlamaid air fad bho bhith taghadh luchd-gairm?

* Dè na buannachdan is na h-anacothroman a bhiodh ann le luchd-gairm air an taghadh?

* Dè an dòigh sam bu chòir daoine a bhith air am moladh airson dreuchd agus dè an ìre de thaic a bu chòir a bhith aig Ball mus urrainn don ainm aca a bhith air a chur air adhart?

* Ciamar a bu chòir a’ bhòt a bhith air a chumail? Am bu chòir a chumail gu dìomhair no ann an dòigh eile?

* Am bu chòir fhathast a bhith a’ roinn dreuchdan an luchd-gairm eadar nam pàrtaidhean a rèir an àireamh shuidheachain a th’ aca sa Phàrlamaid?

Cùl-fhiosrachadh

Sgrìobh an t-Oifigear Riaghlaidh chun na Comataidh san Dàmhair 2014 ag iarraidh orra coimhead air a’ mholadh le dùil, nan rachadh aontachadh leis, gum biodh am pròiseas air a chur an gnìomh airson toiseach an ath sheisein den phàrlamaid ann an 2016.

Chithear lethbhreac den litir aig an Oifigear Riaghlaidh an cois a’ cheangail gu h-ìosal:

http://www.scottish.parliament.uk/S4_StandardsProceduresandPublicAppointmentsCommittee/Inquiries/2014.10.31_Elected_Committee_Conveners.pdf

Tha a’ Chomataidh gu bhith ag iarraidh fianais gu 7 Gearran 2015 agus gheibhear barachd fiosrachaidh air duilleag-lìn na Comataidh:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/83477.aspx

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.