28.10.2014
Bidh eucoir an aghaidh fiadh-bheatha fon phrosbaig a-rithist nuair a bheir Oifis a’ Chrùin agus àrd oifigearan poileis fianais phoblach ann am Pàrlamaid na h-Alba air 29 Dàmhair 2014. Bidh a’ choinneamh mar phàirt den sgrùdadh a nì Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus Àrainneachd (RACCE) air an aithisg a dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba, Eucoir an Aghaidh Fiadh-bheatha ann an Alba.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:
“Tha daoine a’ fàs nas mothachail air mar a tha uiread eucorach ann an aghaidh fiadh-bheatha agus air cho toinnte agus a tha an cuspair, agus mar sin tha a’ Chomataidh gu mòr airson cluinntinn bho na daoine a tha a’ feuchainn ri stad a chur air. Seo dòigh chudromach san urrainn don Phàrlamaid taic a chumail ris an obair fìor fheumail a bhios iad a’ dèanamh gus dìon a chur air dualchas nàdair na h-Alba airson an ath ghinealaich, agus am measg na tha iad a’ dìon tha ar n-eòin-creiche, ar sinich agus fiadh-bheatha na mara.
“Bidh a’ Chomataidh a’ toirt sùil shònraichte air na dùbhlain a tha ro dhaoine ris a bheil e an urra reachdas airson eucoir an aghaidh fiadh-bheatha a chur an sàs.”
Bho 2011, tha e air a bhith mar uallach fon lagh air Ministearan na h-Alba aithisg bhliadhnail a sgrìobhadh air an t-suidheachadh a th’ ann a thaobh eucoir an aghaidh fiadh-bheatha ann an Alba, le fiosrachadh na cois air cia mheud eucoir a bh’ ann sa bhliadhna agus cia mheud neach a chaidh casaid a thogail nan aghaidh. Chaidh an dàrna aithisg aig Riaghaltas na h-Alba air Eucoir an Aghaidh Fiadh-bheatha ann an Alba fhoillseachadh air 20 Dàmhair 2014.
Lean Mgr Gibson BPA:
“Tha mar a tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith toirt sùil air seo thar na dà bhliadhna a dh’fhalbh a’ sealltainn gu bheil e na amas follaiseach dhaibh tuigse fhaighinn eucoir an aghaidh fiadh-bheatha, cuspair a tha iom-fhillte agus suidheachadh a’ sìor atharrachadh, agus gu bheil e na amas dhaibh modhan a dh’aona-ghnothach a dhealbh gus eucoraich a lorg agus a chur fo chasaid.
“Tha sinn a-nis airson cluinntinn mu na h-oidhirpean soilleir, èifeachdach agus a ghabhas tomhas a tha an Riaghaltas a’ dèanamh gus na h-amasan sin a thoirt gu buil an-dràsta agus san àm ri teachd.”
Cumaidh a’ Chomataidh airson Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus an Àrainneachd (RACCE) orra a’ sgrùdadh na h-aithisge le bhith gabhail fianais bhon Mhinistear airson na h-Àrainneachd is Atharrachadh Clìomaid, Pòl Wheelhouse BPA, air 5 Samhain 2014. Sgrìobhaidh a’ Chomataidh chun an Riaghaltais le molaidhean aig deireadh na Samhna.
A’ toirt fianais do CDACA air 29 Dàmhair 2014:
- Iar-Àrd-Chonstabal Calum Greumach, Mòr-eucoir is Dìon a’ Phobaill, Poileas Alba
- Lorg-phoileas Àrd-Stiùireadair Robbie Allan, Òs Cionn Eucoir an Aghaidh Fiadh-bheatha, Poileas Alba
- Pàdraig Hughes, Ceannard an Aonaid airson Eucoir an Aghaidh Fiadh-bheatha no san Àrainneachd, Oighreachd a’ Chrùin
Gheibhear fianais sgrìobhte a fhuair a’ Chomataidh an seo: http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/82757.aspx
Gheibhear pàipearan na Comataidh airson seisean Dhimàirt an seo: http://www.scottish.parliament.uk/S4_RuralAffairsClimateChangeandEnvironmentCommittee/Meeting%20Papers/Meeting_Papers_29_10_2014.pdf
Chithear an seisean airson fianais tron cheangal seo:
http://www.scottishparliament.tv/?vid=live-committee-room-5
Fios conalraidh
Fios do na meadhanan
Fios comataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
