Comataidh Eaconamaidh na Pàrlamaid a’ tadhal air Peairt

20.10.2014

Bidh BPAan bho Chomataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd a’ fàgail Pàrlamaid na h-Alba airson an latha gus coinneachadh san Taigh-òsta Salutation ann am Peairt Diluain 3 Samhain.

Cumaidh a’ Chomataidh coinneamh Comataidh oifigeil sa bhaile, agus iad a’ gabhail fianais air a’ bhuidseat a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh airson Iomairt na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Le buidseat iomlan luach £341 millean airson 2015-16 tha e an urra ris an dà bhuidhinn iomairt cuideachadh gus piseach a thoirt air eaconamaidh na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh cuideachd airson sùil a thoirt air mar a dh’fhaodar feum a dhèanamh den bhuidseat airson cuideachadh leis an amas aig Riaghaltas na h-Alba gus às-mhalairt (export) a chur am meud.

Cumaidh a’ Chomataidh bùithtean-obrach le luchd-gnothaich ionadail gus bruidhinn air a’ bhuaidh a bhios aig a’ bhuidseat agus mar a thèid a chosg air an sgìre ionadail.

Cuideachd, bidh BPAan a’ gabhail pàirt ann an seiseanan le ceistean is freagairtean còmhla ri sgoilearan bho sgoiltean ionadail.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Murchadh Friseal BPA:

“Bidh a’ Chomataidh againn a’ dèiligeadh ri cùisean a bheir buaidh air gnothachasan air feadh na dùthcha, mar sin tha e gu h-àraidh cudromach gum bi sinn a’ tadhal air àiteachan taobh a-muigh Dhùn Èideann feuch gun cluinn sinn beachdan dhaoine air cùisean ionadail.

“’S e aon de na h-amasan a th’ aig Riaghaltas na h-Alba sna planaichean cosg aca, dùthaich a stèidheachadh a tha soirbheachadh ri linn leudachadh seasmhach san eaconamaidh. Tha e mar uallach air a’ Chomataidh seo ceistean a chur air na buidhnean ris a bheil e an urra sin a thoirt gu buil, feuch a bheilear a’ cosg airgead luchd-pàighidh chìsean san dòigh as èifeachdaiche agus as buadhmhoire as urrainnear.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha coinneamh oifigeil na Comataidh fosgailte don phoball. Thèid a cumail san Taigh-òsta Salutation, Peairt aig 1.45f Diluain 3 Samhain.

Chan fheum daoine pàigheadh airson a dhol chun na coinneimh. Faodar tiogaidean a ghleidheadh le bhith cur fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail aig a’ Phàrlamaid aig sp.bookings@scottish.parliament.uk no 0131 348 5200 no air loidhne-fòn an-asgaidh 0800 092 7600).

Bidh a’ Chomataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd a’ coinneachadh gach seachdain nuair a tha a’ Phàrlamaid na suidhe agus tha 9 BPAan nam buill oirre.

 

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.