Comataidh a’ Bhun-structair a’ dol an sàs ann an èifeachd reachdais a thaobh daoine gun dachaigh

10.10.2014

Tha buaidh reachdais a nì cinnteach gum faigh daoine -  a tha air am measadh mar dhaoine gun dachaigh gun choire aca fhèin - àite-còmhnaidh air a bhith mar fhòcas rannsachaidh aig Comataidh Bun-structair is Cur-an-Seilbh Calpa.

Fhuair a’ Chomataidh fios is fianais o ghrunn bhuidhnean a dh’obraicheas ann an raon na ceiste-sa, nam measg buidhnean carthannais, ùghdarrasan ionadaile, buidhnean taice agus comainn taigheadais.

Cuideachd, chuala a’ Chomataidh o chionn ghoirid on Mhinistear Taigheadais is Sochairean, Mairead Burgess BPA, mu mar a bha an reachdas ag obrachadh, a’ gabhail a-steach buaidh ìrean nan daoine gun dachaigh an ceartuair, mar a tha e a’ bualadh air co-dhùnaidhean a thaobh measadh dhaoine a tha gun dachaigh a dh’aona ghnothach, roghainnean taic taigheadais a tha ri fhaotainn agus buaidh nan ath-leasachaidhean sochairean a thachair o chionn ghoirid.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Maureen Watt BPA:

 

“Tha a h-uile neach ag aontachadh nach eil àite sam bith aig dìth dachaigh ann an comann-dhaoine ar latha-ne. Chuala ar Comataidh gu bheil Alba air a dhol air thoiseach a thaobh cuid den reachdas as adhartaiche san Roinn Eòrpa a chur an gnìomh gus a dhol an sàs ann an dìth dachaigh.

 

“Mar sin, bha a’ Chomataidh seo airson faighinn a-mach dè cho èifeachdach ‘s a tha an reachdas air a bhith bho bhun a thaobh toirt aghaidh air dìth dachaigh agus a’ bhuaidh a bh’ aig a bhith a’ cur às don rud ris an canar prìomh èiginn (priority need). Chuala sinn gun robh, san fharsaingeachd, deagh bhuaidh aig seo agus tha sinn gu mòr airson ‘s gun dèan sinn rannsachadh air mar a dh’fhaodas cur ri seo agus ris an deagh chleachdadh a tha air a roinn thar Alba.

 

“’S e a tha san amharc aig ar Comataidh a-nis ach sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba gus na fhuair sinn a-mach a chur an cèill agus molaidhean a dhèanamh an dèidh cluinntinn bhuapasan a tha a’ dèiligeadh ris a’ chùis seo bho bhun.”

 

Thathar an dùil gun tèid litir na Comataidh gu Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh san t-Samhain.

 

Cùl-fhiosrachadh

 

Ghabh a’ Chomataidh rannsachadh os làimh roimhe air rùn 2012 a thaobh dìth dachaigh, rùn laghail a chuireas an cèill gu bheil iadsan a tha air am measadh mar dhaoine gun dachaigh airidh air àite-còmhnaidh, agus tha an rannsachadh seo air adhartas pròiseas cur-an-gnìomh na cùise a chur fo sgrùdadh.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.