Foillseachadh fiosrachadh mu chosgaisean nam Ball an 2013/14

09.10.2014

Chaidh am mion-fhiosrachadh as ùire mu chosgaisean pàrlamaideach nam BPAan uile fhoillseachadh an-diugh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Tha cosgaisean Ceathramh 4 o bhliadhna an ionmhais 2013/14 a-nis ri fhaotainn air-loidhne tro ghoireas so-lorg stòr-dàta na Pàrlamaid.

Cuideachd, chaidh paipear-ullachaidh a chuireas an cèill àireamhan caiteachas iomlan deireadh na bliadhna fhoillseachadh an-diugh.

Tha iomlan deireadh na bliadhna - £12,523,959 – a’ riochdachadh àrdachadh de 2.14% air na bh’ ann sa bhliadhna roimhe.

Thuirt neach-labhairt o Phàrlamaid na h-Alba: “Tha an àrdachadh de 2.14% air cosgaisean nam Ball an-uiridh san fharsaingeachd a’ cur an cèill buaidh na h-atmhorachd air cosgaisean oifisean is tuarastail luchd-obrach.”

 ·          Pàipear-ullachaidh a chuireas an cèill àireamhan caiteachas iomlan deireadh na bliadhna (156KB pdf)

 

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.