08.10.2014
Bidh Comataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba a’ sgrùdadh nan roghainnean a th’ ann gus barrachd chumhachdan ionmhasail a thiomnadh do dh’Alba ann an rannsachadh ùr a thèid fhoillseachadh an-diugh (Diardaoin 9 Dàmhair).
A’ leantainn air bhon reifreann, agus bho mar a chaidh Coimisean Mhic a’ Ghobhainn a chur air bhonn, bidh rannsachadh na Comataidh a’ toirt sùil air na prionnsapalan coitcheann a bu chòir a chur an sàs nuair a thathar a’ tiomnadh tuilleadh chumhachdan ionmhasail agus air dè na cumhachdan a bu chòir bhith ann. Cuideachd, beachdaichidh an rannsachadh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig cumhachdan ionmhasail a bharrachd air a’ mheall-thabhartas (block grant).
Rè ùine an rannsachaidh, bidh a’ Chomataidh a’ gabhail fianais bho ghrunn dhaoine agus bidh i ag iarraidh air daoine na beachdan aca a chur a-steach a thaobh nan roghainnean a th’ ann airson cumhachdan ionmhasail a thiomnadh do dh’Alba.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Coinneach Gibson BPA:
“A’ leantainn air bhon reifreann, tha deasbad ann a-nis air mar a thèid tuilleadh chumhachdan a thiomnadh do dh’Alba. Tha Coimisean Mhic a’ Ghobhainn a’ beachdachadh an-dràsta air dè na cumhachdan a bharrachd a bu chòir a thiomnadh do dh’Alba agus am measg na prìomh fheadhainn bidh cumhachdan ionmhasail. Tha e ceart gun cuir sinne ris an deasbad a tha sin.
“Bidh ar rannsachadh a’ coimhead air dè na cumhachdan a bu chòir a bhith air an tiomnadh agus dè a’ bhuaidh a bheireadh iad air a’ mhaoineachadh a gheibh Alba. Tha sinn airson taghadh farsaing de bheachdan a chluinntinn a thaobh na bhiodh seo a’ ciallachadh do dh’Alba.”
Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan air grunn cheistean, nam measg tha:
Dè na prionnsapalan a bu chòir a chur an sàs nuair a thathar a’ tiomnadh barrachd chumhachdan ionmhasail do Phàrlamaid na h-Alba?
- Dè na cumhachdan ionmhasail a bharrachd a bu chòir a bhith air an tiomnadh do Phàrlamaid na h-Alba agus carson?
- Dè na cumhachdan ionmhasail a bharrachd nach bu chòir a bhith air an tiomnadh do Phàrlamaid na h-Alba agus carson?
- Gu dè an ìre a dh’fhaodadh Riaghaltas na h-Alba a bhith air an cuingealachadh a thaobh mar a chleachdas iad na cumhachdan ùra airson cìsean ri linn mar a bhios na cumhachdan sin co-cheangailte ri co-dhùnaidhean ionmhais airson na RA?
- Dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig barrachd chumhachdan ionmhasail air a’ mheall-thabhartas*?
- Dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig cumhachdan ionmhasail a bharrachd air na dleastanasan a bhios aig Teachd-a-steach na h-Alba?
Cùl-fhiosrachadh
’S e an ceann-latha airson freagairtean Dihaoine 14 Samhain 2014. Bu chòir a h-uile freagairt a chur ann am post-d gu: finance@scottish.parliament.uk.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air rannsachadh na Comataidh air duilleag-lìn na Comataidh:
http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29822.aspx
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Fios comataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
