Bidh Tosgaire na h-Eadailt a’ bruidhinn ri BPAan air prìomh amasan san Roinn Eòrpa

06.10.2014

Thèid prìomh amasan na h-Eadailte – agus an dùthaich mar uachdarain air Comhairle an Aonaidh Eòrpaich fad sia mìosan – a chur an cèill air Diardaoin 9 An Dàmhair le Tosgaire na h-Eadailte san RA, A Shoillse, Pasquale Terracciano. 

 

Bruidhnidh an Tosgaire ri Comataidh nan Cuisean Eòrpach is Taobh-a-Muigh am beul an t-sluaigh aig 10.20m. Agus i a’ bruidhinn ron choinneamh, mhìnich Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona NicShealbhaich BPA:

"’S cinnteach gum bi an t-seisean seo inntinneach. Tha prìomh amasan uachdaranachd na h-Eadailte co-ionnan ri tòrr dhe na h-amasan na th’ aig muinntir na h-Alba. Tha fàs eaconamach mar raon cudromach ris an dèilig an dà dhùthaich agus sinn uile a’ feuchainn ri faotainn seachad air a’ chrìonadh eaconamach a bh’ ann o chionn ghoirid.

"Bha tòrr a bharrachd luchd-bhòtaidh na riamh roimhe an sàs ann an reifreann neo-eisimeileachd na h-Alba san t-Sultainn agus tha mi an dùil gum bi ar Comataidh a’ gabhail ùidh nach beag ann an obair na h-Eadailte ‘s iad a’ cur romhpa còraichean an t-sluaigh, cho math ri cothrom a bhith an sàs ann an obair Comhairle an Aonaidh Eòrpaich, a chur air adhart.

Air 1 Iuchair 2014, ghabh an Eadailt thairis Uachdaranachd Comhairle an Aonaidh Eòrpaich. ‘S iad fàs is fastachd, daingeanachadh còraichean an t-sluaigh agus ròl nas làidire san Roinn Eòrpa prìomh amasan na h-Eadailte ri linn a h-uachdaranachd. Bidh seo air chois aig an aon àm ‘s a bhios ciad shia mìosan Pàrlamaid Eòrpaich ùir ann, a chaidh a thaghadh sa Chèitean. Cuideachd, ‘s ann ri linn Uachdaranachd na h-Eadailte a bhios Coimisean Eòrpach ùr a’ dol an dreuchd.

Roimh tabhairt fiosrachaidh is fianaise don Tosgaire, èistidh a’ Chomataidh ri Fiona Hyslop BPA, Rùnaire Caibineit Riaghaltas na h-Alba airson Cultair is Cùisean Taobh a-Muigh, mu na ceistean a dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba mar chùisean cudromach rè na h-uachdaranachd Eadailtich. Gu sònraichte, nì a’ Chomataidh sgrùdadh air dol-an-sàs Riaghaltas na h-Alba sna ceithir raointean poileasaidh sa bheilear ag iarraidh ròl air leth a bhith aca: Lùths is Atharrachadh Clìomaid, Àrainneachd na Mara; Rannsachadh is Cruthachd; agus Saorsa, Sàbhailteachd is Ceartas.

Cùl-sgeul

 

Tòisichidh Coinneamh Comataidh Eòrpach is Cùisean Taobh a-Muigh air Diardaoin 09 an Dàmhair 2014, ann an Seòmar Raibeart Bhurns, Seòmar Comataidh 1, aig 9.00m.

Thèid coinneamh na Comataidh a chraobh-sgaoileadh air an eadar-lìon aig http://www.scottish.parliament.uk/tv air neo gabhaidh ticeadan a chur air leth tron phost-dealain aig sp.bookings@scottish.parliament.uk / 0131 348 5200 no air saor-fhòn 0800 092 7600 (luchd-cleachdaidh fònaichean-teacsa: 0800 092 7100).

Bidh dealbhan-camara dhen tachartas ri fhaotainn saor ‘s an asgaidh. Rachaibh an conaltradh ri Oifis Caidreamh nam Meadhanan aig a’ Phàrlamaid gus iad seo fhaighinn.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fiosrachadh a' Phobail

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.