Bhruidhinn an t-Oifigear Riaghlaidh a-nochd air a' Phrìomh Mhinistear a' leigeil às a dhreuchd, bhon t-Samhain a-mach.
"Aithnichidh Buill às a h-uile pàirt den t-Seòmar gur e fìor dheagh neach-pàrlamaideach a th' anns a' Phrìomh Mhinistear agus còmhla riumsa, aithnichidh iad na buadhan a bh’ aige agus an t-seirbheis phoblach a thug e seachad e mar Bhall Pàrlamaid, Ball Pàrlamaid na h-Alba agus mar am Prìomh Mhinistear as fhaide san dreuchd ann an Alba. Fàgaidh e an dreuchd às dèidh deasbaid nàiseanta a bha fìor shònraichte agus às dèidh ùrachadh deamocratach a bhith san nàisean againn”.