19.09.2014
Tha an ìre bhòtaidh fìor fìor àrd air cothroman a chruthachadh ach tha e cuideachd air dùbhlain nach beag a chruthachadh airson pàrtaidhean poilitigeach is institiudean poilitigeach a rèir an Oifigear Riaghlaidh.
Às dèidh do 3,619,915 bhòtadh anns an reifreann – ìre bhòtaidh de 84 sa cheud – bidh feum air ath-leasachaidhean poilitigeach agus institiuideach gus am mair a’ bheatha dheamocratach ùraichte ann an Alba a rèir Tricia Marwick.
Agus i a’ bruidhinn madainn an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba, thuirt i:
“Chunnaic sinn com-pàirteachadh gun choimeas sa pròiseas dheamocratach.
Bha an saoghal air fad a’ coimhead le farmad air a’ phròiseas shìtheil chatharra anns an robh sin an sàs. Tha dùbhlan ann a-nis do na h-institùidean – poilitigeach is eile – a bhith a’ toirt seachad freagairt gu seo. Feumaidh sinn uile aontachadh na cultaran againn atharrachadh gus an dèan sinn cinnteach gun tog na daoine a ghabh pàirt an turas seo an cuid ghuthan san àm ri teachd.”
Stiùiridh an t-Oifigear Riaghlaidh a’ chiad Àm Cnuasachaidh aig a’ chiad choinneamh de Phàrlamaid na h-Alba às dèidh an reifreinn. Gabhaidh seo àite Dimàirt 23 Sultain.
Fios conaltraidh
Fios do na Meadhanan
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: