21.08.2014
Tha cruthachadh buidhne leatha fhèin an urra ri inbhean-bidhe ann an Alba air taic fhaighinn bho Bhuill air Comataidh Slàinte is Spòrs.
Tha Bile Bidhe (Alba) a’ moladh gun tig an àite Buidheann-gnìomha Inbhean-bidhe ann an Alba mar a tha ann an-dràsta Inbhean-bidhe na h-Alba aig am biodh àite, a bharrachd air riaghladh sàbhailteachd-bhidhe, ann am poileasaidh mu riaghailt-bidhe agus bheathachadh.
Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Buill ag iarraidh barrachd mionaideachd air na dreuchdan a thaobh rannsachaidh a thathar a’ moladh airson Inbhean-bidhe na h-Alba agus mar a nì na dreuchdan seo ceangal ri buidhnean-rannsachaidh air am maoineachadh anns an Rìoghachd Aonaichte. Chuir an aithisg cuideam cuideachd air cothroman nach gann don bhuidhinn ùir buannachd a thoirt à sruthan-maoineachaidh Eòrpach, Horizon 2020 nam measg agus dh’iarr a’ Chomataidh barrachd mionaideachd a thaobh mar a ghabhas feum a thoirt às na cothroman seo air maoineachadh.
Bidh de chomas aig a’ bhuidhinn ùir cuideachd smachdan rianachdail a chur an sàs, rabhadh stèidhichte mu pheanasachadh nam measg, air an fheadhainn a nì eucoir ceangailte mu lagh a’ bhidhe ann an Alba. Ged a tha i taiceil ris a’ phrionnsapal, tha a’ Chomataidh a’ gairm air Riaghaltas na h-Alba beachd a ghabhail air modh-obrachaidh ghearanan a stèidheachadh airson nan smachdan ùra.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA:
“Tha gnìomhachas a’ bhidhe agus na dibhe ann an Alba air cliù a chosnadh air feadh na cruinne airson càileachd, agus bidh àite deatamach aig cruthachadh na buidhne seo mar sin ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi earbsa aig luchd-caitheimh ann an sàbhailteachd a’ bhidhe a bhios iad ag ithe.
“Bheir an reachdas a thathar a’ moladh barrachd cumhachd don bhuidhinn smachdan a sgaoileadh air an fheadhainn a bhriseas lagh a’ bhidhe ann an Alba a bheir misneachd do luchd-caitheimh air a’ cheann thall.”
Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA:
“Ged a chanadh neach nach eil sa Bhile seo ach atharrachadh a thaobh rianachd, ann am fìrinn is e na thathar a’ moladh buidheann ùr a bhios an urra ri chan e a-mhàin sàbhailteachd-bidhe ach riaghailt-bidhe is beathachadh cuideachd.
“Bha e follaiseach gu bheil na ceistean seo air fad cudromach gus slàinte is fallaineachd muinntir na h-Alba a dhìon agus cliù gnìomhachas a’ bhidhe is na dibhe ann an Alba a dhìon. Tha a’ Chomataidh againn ag aontachadh gum biodh cruthachadh na buidhne ùire seo na cheum mòr air adhart.”
Cùl-fhiosrachadh
Bha a’ Chomataidh a’ gabhail beachd air Bile Bidhe (Alba) aig ìre a h-aon. Ghabh a’ Chomataidh ri fianais bho chaochladh eagrachaidhean, Tesco, an t-Àrd-ollamh Hugh Pennington, Co-bhanntachd Reic na h-Alba (Scottish Retail Consortium) agus Caidreachas Biadh is Deoch na h-Alba nam measg.
Leugh an Aithisg
Stage 1 Report on the Food (Scotland) Bill
Fios conaltraidh
Fiosrachadh do na meadhanan
Fiorsachadh mun chomataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
