Comataidh aig Taigh an Ròid a’ faighneachd a bheil cùisean air fàs nas fheàrr do chloinn ann an cùram?

31.07.2014

Thèid mar a dh’atharraich cùisean do na mìltean de chlann na h-Alba ann an cùram a sgrùdadh le Comataidh Foghlaim agus Cultair aig Pàrlamaid na h-Alba an ath sheachdain nuair a chluinneas i fianais bho dhaoine a dh’fhàg cùram (5 Lùnastal 2014). 

Tha leasachadh thoraidhean do chloinn ann an cùram air a bhith mar chuspair do mhòran de dh’obair na Comataidh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad. Ghabh seo a-steach rannsachadh air cho math agus a nì clann ann an cùram ann am foghlam agus co-dhùnaidhean mu dheidhinn an gabhar clann a-steach ann an cùram.

Rinn a’ Chomataidh sgrùdadh o chionn ghoirid cuideachd air Achd Cloinne agus Dhaoine Òga (Alba), anns a bheil ceuman aig a bheil e mar amas leasachadh a thoirt air beatha cloinne ann an cùram, leithid ullachaidhean an dèidh cùraim a leudachadh.  

Bliadhna cha mhòr an dèidh dhi crìoch a chur air an rannsachadh aice air gabhail cho-dhùnaidhean mu chlann ann an cùram, bheir a’ Chomataidh sùil air a’ cheist a-rithist gus faighneachd a bheil toraidhean do chuid de na daoine as so-leònte ann an Alba a’ fàs nas fheàrr.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart MacSuail BPA:

“Tha na rannsachaidhean againn o chionn ghoirid air a bhith air an cruthachadh gu ìre mhòir leis a’ chloinn agus na daoine òga ris an do bhruidhinn sinn, agus bha mòran dhiubh aig an robh sgeulachdan uabhasach rin aithris. Fhuair sinn a-mach gur tric a dh’fhiosraicheas daoine òga ann an cùram toraidhean nas ìsle na na co-aoisean aca, ìrean nas ìsle de shoirbheachadh ann am foghlam nam measg.  

“Mhol sinn sreath de leasachaidhean air dòigh-obrach nan co-dhùnaidhean an lùib dìon-cloinne, agus dh’iarr sinn air Riaghaltas na h-Alba sealladh coitcheann a chruthachadh den choltas a bhiodh air soirbheachadh do chlann ann an cùram agus goireasan a thogail a rèir an t-seallaidh sin.

“Dh’èist Riaghaltas na h-Alba ris na bha ri ràdh againn agus leag iad a-mach sreath de leasachaidhean a tha e fhèin agus buidhnean eile a’ gabhail fo làimh gus feuchainn ri taic nas fheàrr a chur ri clann ann an cùram.

“Tha sinn ag iarraidh cluinntinn an d’rinn na h-atharrachaidhean seo diofar ann am fìrinn air beatha nam mìltean de chloinn agus de dhaoine òga ann an cùram air feadh na h-Alba. Tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach a bheil na toraidhean aca a’ fàs nas fheàrr agus a bheil iad daonnan a-nis aig cridhe dòigh-obrach nan co-dhùnaidhean. Cha robh na duilgheadasan a chaidh a chur an cèill dhuinn gu bhith soirbh am fuasgladh a-riamh, tha e deatamach mar sin gun cluinn sinn gu dìreach bhon fheadhainn aig a bheil eòlas air a bhith ann an cùram.”

A’ bruidhinn mus toir i fianais seachad an ath sheachdain agus a’ gabhail beachd air na tha obair na Comataidh gu ruige seo air a bhith a’ ciallachadh dhi, thuirt Ashley Camshron, tè òg a tha an dèidh cùram fhàgail:

“Tha na rinn Comataidh Foghlaim agus Cultair air diofar mòr a dhèanamh don chùram a dh’fhiosraicheas daoine òga ann an Alba. Thug iad cothrom do dhaoine òga na dh’fhiosraich agus na chunnaic iad a sgaoileadh am measg càch-a-chèile gus am faodamaid cùisean a dhèanamh na b’ fheàrr.

“Bha na rinn a’ Chomataidh a’ faireachdainn diofraichte cuideachd. Ghabh i fianais ann an dòigh a bha fosgailte agus cùramach. Thadhail buill air daoine òga ann an suidheachadh sàbhailte agus chuir iad eòlas oirnn. Fhuair sinne eòlas orra fhèin.

“Tha a h-uile rud a thachair bho chaidh fianais a thoirt a’ sealltainn gun do dh’èist a’ Chomataidh. Thog iad ar guth le bhith a’ gabhail ri Achd na Cloinne agus nan Daoine Òga agus nuair a thàinig e gu bhith, b’ iadsan an guth againn anns an t-seòmar-dheasbaid. Ghabh iad ris na sgeulachdan againn a bha doirbh dhuinn a bhith a’ sgaoileadh, agus rinn iad sabaid air ar son. Bha iad mar luchd-tagraidh dhuinn anns a’ Phàrlamaid agus rinn iad cinnteach gun deach ar toirt a-steach ann an cùisean.”

Aig coinneamh 5 Lùnastal, gabhaidh a’ Chomataidh fianais bho dhaoine a tha air cùram fhàgail agus Who Cares? Scotland, a’ bhuidheann shaor-thoileach nàiseanta a chuireas taic ri clann agus daoine òga aig a bheil eòlas air cùram suas gu aois 25. 

Gheibh a’ Chomataidh ùrachadh eile bho Riaghaltas na h-Alba air 12 Lùnastal.

Cùl-fhiosrachadh

Tha liosta iomlan de dh’fhianaisichean airson 5 Lùnastal ri faotainn an seo: 

Ri linn an rannsachaidh aice air soirbheachadh ann am foghlam cloinne ann an cùram, fhuair a’ Chomataidh beàrn eagallach ann an soirbheachadh cloinne ann an cùram an taca ri cloinn eile. Fhad is a fhuair 56% den fheadhainn a’ fàgail na sgoile còig teiseanasan no barrachd, cha d’fhuair ach 4.7% den chloinn ann an cùram air falbh bhon dachaigh agus 0.5% den chloinn ann cùram aig an dachaigh na h-aon toraidhean. Gheibhear copaidh den aithisg sin (31 Cèitean 2012) aig:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/51538.aspx 

Anns an Ògmhios 2012, chuir a’ Chomataidh rannsachadh na bu dhoimhne air bhog air dòigh-obrach nan co-dhùnaidhean a thathar a’ gabhail mu thoirt pàiste ann an cùram. Thuirt aithisg na Comataidh gun deach cus de na daoine òga as so-leònte ann an Alba fhàgail ann an suidheachadh mì-fhreagarrach aig an dachaigh nuair a bha còir a bhith gan toirt ann an cùram. Thuirt an aithisg cuideachd gun fheumadh na leasachaidhean a bhathar a’ toirt air rian dìon na cloinne toraidhean na b’ fheàrr a lìbhrigeadh don chloinn agus do na teaghlaichean aca. Gheibhear copaidh de dh’aithisg dheireannach na Comataidh (Dàmhair 2013) an seo:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/52590.aspx  

Ann an Achd Cloinne agus Dhaoine Òga (Alba), a chaidh aontachadh anns a’ Ghearran 2014, tha caochladh cheuman aig a bheil e mar amas leasachadh a thoirt air beatha cloinne air feadh na dùthcha. Am measg na tha a’ buntainn gu sònraichte ris a’ choinneimh seo tha:

  • A’ chòir air taic an dèidh cùraim ri faotainn do gach neach a tha air cùram fhàgail a bhith air a sìneadh bhon fheadhainn suas ri aois 21 don fheadhainn suas ri aois 26.
  • A’ chòir a bhith aig a h-uile neach òg ann an cùram a rugadh an dèidh a’ Ghiblein 1999 air fuireach ann an cùram-altraim, cùram-càirdeis no cùram ann an dachaigh gu aois 21.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.