Ladysmith Black Mambazo ri cluich aig Pàrlamaid na h-Alba mar chuid de Chruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann

22.07.2014

Faodaidh am poball iarrtas a dhèanamh air cothrom ainneamh gus Ladysmith Black Mambazo fhaicinn a’ cluich aig Pàrlamaid na h-Alba mar chuid de  chruinneachadh a bhios a’ sgrùdadh mar a thèid poileasaidh a thaobh cultair a leasachadh.

Thathar air clàr dara Cruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann ainmeachadh aig am bi Ministearan ri cultar agus eòlaichean ealain agus cultair às gach ceàrn den t-saoghal a’ cruinneachadh bho Dhidòmhnaich 10 gu Dimàirt 12 Lùnastal 2014 gus deasbad a chumail air na ceistean ag èirigh às a’ chuspair:  ‘Cultar agus Earbsa’.  Bheir Ladysmith Black Mambazo oirfideas goirid aig a’ chuirm mu dheireadh Dimàirt 12 Lùnastal.

Ri linn an tachartais a mhaireas trì latha, tha trì seiseanan air an cumail ann an Seòmar-deasbaid Pàrlamaid na h-Alba fosgailte don phoball. Faodaidh am poball tiogaidean iarraidh tro shiostam-bhòtaidh a’ phobaill gu meadhan-latha Dihaoine 25 Iuchar.

A’ bruidhinn ron tachartas, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:

“Cha leig thu leas ach coiseachd a-steach don talla mhòr againn agus sluagh air a chruinneachadh fhaicinn airson Grèis-bhrat Mòr na h-Alba gus an cumhachd a tha aig cultar gus ceangal ri daoine a thuigsinn.

“Tha e na thoileachas mòr dhuinn mar sin dara Cruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann a chumail. Tha sinn cho toilichte an cothrom ainneamh a thoirt don phoball cluinntinn bho luchd-labhairt cliùiteach agus iad a-mach air a’ chumhachd a bheir cultar air dùthchannan. Tha e na thogail-inntinn gu sònraichte an cothrom a thairgse do dhaoine luchd-ciùil den chiad ìre a chluinntinn agus iad a’ cluich anns an t-Seòmar Dheasbaid air leth againn.”

Tha Cruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann 2014 na cho-obrachadh eadar Comhairle Bhreatainn, Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Tha clàr iomlan a’ phobaill mar a leanas:

Didòmhnaich 10 Lùnastal

16:00-18:00  

Aig an Fhosgladh bidh fàilte bho Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba am Fìor Urr Tricia Marwick BPA, Rùnaire na h-Alba airson Cultair Fiona Hyslop BPA, Rùnaire Stàite na Rìoghachd Aonaichte airson Cultair is Spòrs Sajid Javid BP agus Sir Jonathan Mills, Stiùiriche Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann.

Cluichidh am fear-ciùil iomraiteach Jordi Savall taghadh de cheòl tràth còmhla ris an luchd-chiùil Hespèrion XXI.  Tha Savall air urram fhaighinn mar Thosgaire Aonadh na h-Eòrpa airson deasbaireachd eadar-chultarail agus tha e a’ moladh a bhith a’ cleachdadh a’ chiùil mar mheadhan gus tighinn gu tuigse. 

Tòisichidh Seisean Làn a h-Aon le taisbeanadh cumhachdach bho Irina Bokova, Àrd-stiùiriche UNESCO – a’ sealltainn san ùine fhada air tagradaireachd (advocacy) eadar-nàiseanta, agus Simon Anholt àrd-ollamh, fear-breithneachaidh agus fear-gnìomha air cultar agus buaidh air feadh na cruinne; agus an dèidh sin Saskia Sassen, sgrìobhadair agus sòisealach agus Michael Power eòlaiche air ionmhas.

Diluain 11 Lùnastal

09:30-10:30  

Aig Seisean Làn a Dhà bidh Benjamin Barber a’ gabhail beachd air Cultar a’ Bhaile-mhòir; bidh Nandi Mandela a-mach air ìomhaigh chultarail mar ‘Inneal gus Atharrachadh Deimhinneach a thoirt air Àrainneachd na Cruinne’; nì Robyn Archer sgrùdadh air dè tha ‘cleachdadh agus luach nan ealain’ a’ ciallachadh. Thèid an seisean a thoirt gu crìch leis an stiùiriche-dannsa a ghabhas beachd air an t-saothair aice a-mach aoir cultar dùthchasach Vietnam agus nochdadh an duine aonair a-mach à beachdachadh coitcheann.

14:30-15:30  

Aig Seisean Làn a Trì thèid sùil a thoirt air saothair Basma El Husseiny a tha air pròiseactan iomlaid chultarail a chur air adhart fad còrr is fichead bliadhna. Bidh Danilo Santos de Miranda, Stiùiriche Sao Paulo air Buidheann-ionmhais Ealain Bhrazil a’ gabhail beachd air modal sònraichte soirbheachail SESC. Bidh Paul Carter a-mach air diofar riochdan cultarail, cleachdadh-ealain agus dealbhadh gus ‘suidheachaidhean’ ùra poblach a chruthachadh agus bheir Kent Larson an seisean gu crìch le òraid air teicneòlas ùr gus fiosrachadh mu na bailtean-mòra a bheachdachadh.

Dimàirt 12 Lùnastal

10:00-11:30  

Thig an Cruinneachadh gu crìch leis an t-Seisean Làn mu Dheireadh. Bheir luchd-aithisg giorrachadh air na taisbeanaidhean agus deasbadan eadar-dhealaichte a’ Chruinneachaidh le Sir Nicholas Kenyon air Luachan agus Tomhas agus Bridget McConnell air Tagradaireachd agus Ìomhaigh.

Bidh cothrom ann do na riochdairean freagairt a thoirt le beachdan bhon làr. Bheir Sir Jonathan Mills, Stiùiriche agus Ceannard Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann buidheachas.

Bidh oirfideas deireannach ann bho bhuidheann-seinn urramach Ladysmith Black Mambazo, air an do ghabh Nelson Mandela tosgairean cultarail Africa a Deas. Bheir am Fìor Urr Tricia Marwick BPA, Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba an Cruinneachadh gu crìch.

Gailearaidh a’ Phobaill

Faodar tiogaidean iarraidh tro phost-dealain aig culturesummit2014@scottish.parliament.uk no le bhith a’ sgrìobhadh gu Baileat a’ Phobaill, Cruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann, EH99 1SP.

Thathar ag iarraidh air a’ phoball fios a leigeil gu soilleir dè an fheadhainn de na seiseanan air am bu mhath leotha frithealadh ro Dhihaoine 25 Iuchar, meadhan-latha agus thèid fios a thoirt dhaibh mun chuibhreann aca fhèin ro Dhimàirt 29 Iuchar.

Faodaidh am poball cumail ris an fhios as ùire air adhartas a’ Chruinneachaidh tron t-sruth bheò air an làrach-lìn – www.culturesummit.com agus air Truitrich air @culturesummit

Cùl-fhiosrachadh

Tha www.culturesummit.com a’ toirt fios do riochdairean, luchd-tadhail agus a h-uile duine aig a bheil ùidh ann am poileasaidh mu na h-ealainean agus cultar. Tha e cuideachd a’ nochdadh bheachdan ann an sgrìobhadh bho luchd-cultair air feadh an t-saoghail, cho math ri sruthadh beò bhideothan bhon tachartas trì latha.

Tha Cruinneachadh a’ Chultair stèidhichte ann an cùisean cultarail na cruinne mar thachartas gach dà bhliadhna a-nis, an dèidh soirbheachadh Cruinneachadh 2012 aig an robh 33 dùthchannan. Tha e mar amas aig an dara Cruinneachadh cur ris an stèidh làidir gus barrachd sgaoileadh bheachdan, deasbaireachd agus co-obrachaidh san àm ri teachd a bhrosnachadh agus am beachd gu bheil cultar na dhrochaid a chuireas air chomas còmhradh eadar dùthchannan, ann am farsaingeachd shuidheachaidhean, a leudachadh.

Thèid a chumail uair a-rithist eile san Lùnastal aig togalach Pàrlamaid na h-Alba nuair a bhios Fèisean Dhùn Èideann nan leum. Bidh an cothrom aig Ministearan ri Cultar, luchd-ealain agus luchd-rianachd frithealadh air oirfideas agus tachartasan barraichte, a bhios a’ tàladh luchd-èisteachd bho bharrachd agus 70 dùthchannan.

A’ cur ris a’ Chruinneachadh agus ris a’ chuspair ‘Cultar agus Earbsa’ bidh na com-pàirtichean ùra Aga Khan Music Initiative (AKMI), a thòisicheadh ann an 2000 le A Shoillse Aga Khan; Asialink aig Oilthigh Melbourne; agus Comataidh nam Bailtean-mòra agus Riaghaltais Ionadail Aonaichte – Clàr-obrach 21. Cuiridh na com-pàirtichean ri leud agus farsaingeachd còmhraidhean cultarail cruinneil  a’ Chruinneachaidh.

Fios conaltraidh

 

Fios do na meadhanan

 

 

  • Sally Coyne: 0131 348 6265
  • Fàilte ro Text Relay
  • sally.coyne@scottish.parliament.uk

 

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.