Molaidhean mu airm adhair agus mu cheadachadh gu bhith air an sgrùdadh

01.07.2014

Tha ceuman ùra a bheir a-steach rèim-ceadachaidh ùr airson airm adhair agus a nì atharrachaidhean air rèim-ceadachaidh deoch-làidir gu bhith air an sgrùdadh aig Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha Bile Airm adhair is Ceadachadh (Alba) na Bhile farsaing a bheir a-steach rèim ùr de cheadachadh airson obrachadh ionadan oirfideas feiseil. Tha e cuideachd ag atharrachadh an rèim-cheadachaidh a tha ann an an-dràsta a’ bualadh air tagsaidhean agus carbadan prìobhaideach rin gabhail air iasad, dèiligeadh ann am meatailt air a caitheamh agus ionadan oirfideas poblach.

Tha a’ Chomataidh air gairm fianais a chur air bhog an-diugh, a’ lorg bheachdan bho na h-uile aig a bheil ùidh sa Bhile. Tòisichidh a’ Chomataidh an uair sin ag èisteachd ri fianais-labhairt nas fhaide air adhart am-bliadhna.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA:

“Tha sinn mothachail gu bheil ùidh nach beag ann bho dhà thaobh an deasbaid air ceadachadh airm adhair cho math ri nithean eile an lùib a’ Bhile seo. Tha sinn a’ sireadh fiosrachaidh agus bheachdan a chuidicheas ris an obair againn ann a bhith a’ sgrùdadh nam moladh seo.  

“Bheir am Bile seo buaidh air a h-uile duine ann an Alba. Is e Bile farsaing a tha ann agus e a’ feuchainn ri atharrachadh a thoirt air na h-ullachaidhean mu cheadachadh a tha ann an-dràsta ann an iomadh raon, gu sònraichte deoch-làidir, tagsaidhean agus carbadan prìobhaideachd rin gabhail air iasad agus ionadan oirfideas poblach.

“Tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh cluinntinn ciamar a bheir na h-atharrachaidhean seo leasachadh air beatha dhaoine. Tha sinn cuideachd ag iarraidh tuigsinn dè bhios na h-atharrachaidhean a’ ciallachadh ann an gnìomh dhuibh fhèin mar neach-aonair, no mar ghnìomhachas.”

Tha a’ Chomataidh airson gum faigh i fiosrachadh air a h-uile nì an lùib a’ Bhile, nam measg:  

Airm adhair

·    Dè na dòighean san cuidich cruthachadh siostam gus airm adhair a cheadachadh gus rian is sàbhailteachd phoblach a ghlèidheadh, eucoir a lùghdachadh agus poileasaidh air slàinte phoblach a thoirt air adhart? 

  • A bheil gu leòr comainn airm adhair ann, no comas gu leòr ann an cur air dòigh, ann gus gu leòr a thoirt de dh’àireamhan freagarrach de chomainn airm adhair anns gach sgìre ann an Alba rin cleachdadh le luchd-seilbh/-cleachdaidh airm-àile chlàraichte?
  • A bheil gu leòr solar ann airson comainn airm, no comas gu leòr ann solar a chur air dòigh, airson luchd-cleachdaidh/seilbh airm adhair ann an Alba?
  • Ciamar a bheir siostam-ceadachaidh airm adhair buaidh air an fheadhainn a chleachdas airm adhair air adhbharan pearsanta no mar chur-seachad?

Ceadachadh Deoch-làidir

  • Dè na dòighean san adhbharaich na h-ullachaidhean mu cheadachadh deoch-làidir lùghdachadh air eucoir agus gleidheadh riaghailt phoblach?
  • Am bu chòir ceum sam bith eile a ghabhail gus seo a dhèanamh?
  • Dè na dòighean sam meudaich na h-ullachaidhean sa bhile na h-amasan mu cheadachadh ann an Achd 2005?
  • An do dh’èirich buil sam bith gun rùn à Achd 2005, mar eisimpleir, buaidh air sgìrean dùthchail, no ath-ùrachadh eaconamach cheàrnaidhean?
  • Dè na h-eucoirean buntainneach a bu chòir nochdadh (disclose), ma tha gin, agus dè na buannachdan a bheireadh seo nur beachd?

Tagsaidhean agus Carbadan Prìobhaideach rin Gabhail air Iasad

  • Dè na buannachdan a bu chòir do cheadachadh thagsaidhean agus charbadan prìobhaideach rin gabhail air iasad lìbhrigeadh do luchd-cleachdaidh?
  • Dè na dòighean san toir luchd-cleachdaidh, luchd-solair seirbheisean thagsaidhean/charbadan prìobhaideachd rin iasad agus ùghdarrasan ionadail buannachd às an rèim-cheadachaidh dà ìre do thagsaidhean agus do charbadan prìobhaideachd rin gabhail air iasad?
  • Tha an Riaghaltas ag ràdh gum feumadh atharrachadh bunaiteach air an rèim-cheadachaidh dà ìre a tha ann an-dràsta “ìre àrd de ghoireasan agus gun adhbharachadh e briseadh a-steach nach beag don ghnìomhachas, do na h-ùghdarrasan ionadail, don phoileas agus, air a’ cheann thall, do luchd-siubhail”. Dè ur beachd air seo agus am biodh na cosgaisean agus am briseadh a-steach a dh’fhaodadh a bhith ann na bu mhotha de na buannachdan a bheireadh siostam aonaichte?

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Bile Airm adhair is Ceadachadh (Alba) a thoirt a-steach anns a’ Chèitean 2014 gus “nithean ceangailte ri ceadachadh deoch-làidir gu h-ionadail agus tro riaghaltas catharra a neartachadh agus a leasachadh gus rian agus sàbhailteachd phoblach a ghleidheadh, eucoir a lùghdachadh agus slàinte phoblach a chur air adhart”.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun Bhile an seo: Bile Airm adhair is Ceadachadh (Alba).

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/Bills/76383.aspx  

Tha gairm-fianais na Comataidh fosgailte gu Diluain 29 Sultain 2014.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu chur a-steach fianais don Chomataidh air duilleag-lìn na Comataidh: Bile Airm àile is Ceadachadh (Alba).

http://www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/ComataidheanAn-dràsta/78273.aspx

Fios Conaltraidh

Fios conaltraidh

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.