Iuchar

Comataidh aig Taigh an Ròid a’ faighneachd a bheil cùisean air fàs nas fheàrr do chloinn ann an cùram?

31.07.2014

Thèid mar a dh’atharraich cùisean do na mìltean de chlann na h-Alba ann an cùram a sgrùdadh le Comataidh Foghlaim agus Cultair aig Pàrlamaid na h-Alba an ath sheachdain nuair a chluinneas i fianais bho dhaoine a dh’fhàg cùram (5 Lùnastal 2014).

Ladysmith Black Mambazo ri cluich aig Pàrlamaid na h-Alba mar chuid de Chruinneachadh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann

22.07.2014

Faodaidh am poball iarrtas a dhèanamh air cothrom ainneamh gus Ladysmith Black Mambazo fhaicinn a’ cluich aig Pàrlamaid na h-Alba mar chuid de chruinneachadh a bhios a’ sgrùdadh mar a thèid poileasaidh a thaobh cultair a leasachadh.

‘Dè tha air fàire do dh’Alba?’ tha Fèis Phoilitigs na bliadhna seo a’ faighneachd

18.07.2014

Tha an fhèis a chuireas daoine aig cridhe poilitigs air clàr beothail a chur air bhog an-diugh, a’ sealltainn air ‘Dè tha air fàire do dh’Alba?’

Cuiribh Fuaigheal ri Pannal an t-Sluaigh agus Grèis-bhrat Mòr na h-Alba na h-Alba a’ tilleadh do Thaigh an Ròid

01.07.2014

Agus 15 bliadhna o chaidh a’ Phàrlamaid fhosgladh gu h-oifigeil an 1999, tha fear de phròiseactan mòra ealain coimhearsnachd na h-Alba, Grèis-bhrat Mòr na h-Alba, air tilleadh gu Pàrlamaid na h-Alba.

Molaidhean mu airm adhair agus mu cheadachadh gu bhith air an sgrùdadh

01.07.2014

Tha ceuman ùra a bheir a-steach rèim-ceadachaidh ùr airson airm adhair agus a nì atharrachaidhean air rèim-ceadachaidh deoch-làidir gu bhith air an sgrùdadh aig Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.