Roghainn Luchd-deasbaid òg na h-Alba ri fhaicinn aig Taigh an Ròid

02.06.2014

Is e am bu chòir fiachan eachdraidheach eadar dùthchannan sa Cho-fhlaitheas a sgrìobhadh dheth a bhios mar chuspair an deasbaid aig Taigh an Ròid Diardaoin nuair a thig roghainn luchd-deasbaid òg na h-Alba còmhla sa chuairt mu dheireadh de dh’Fharpais-deasbaid Dhòmhnaill Mhic an Deòir aig Comann-lagha na h-Alba.

Is e seo an ceann mu dheireadh de dh’fharpais anns an robh 128 sgiobaidhean an sàs bho air feadh Alba. Am-bliadhna, chùm na sgoilearan deasbad air cuspairean cho fada bho chèile ri cur às don tuarastal as lugha agus àireamhan airson ìre nam boireannach anns a’ Phàrlamaid.

Agus an Leas-Oifigear Riaghlaidh Iain Scott BPA anns a’ chathair, bidh ceithir sgiobaidhean am farpais airson a’ chiad duais. is iad na sgiobaidhean a tha an sàs:

 

  • Acadamaidh Dhùghlais (Muileann Dhàibhidh) - Amitai Gottleib agus Rosie Duthie
  • Àrd-sgoil Craigmount (Dùn Èideann) – Liam Stewart agus Michael Davidson
  • Àrd-sgoil na Trianaid (Siorrachd Rinn Friù) – Sean Cosgrove agus David Campbell                           
  • Colaiste Ghleann Amain (Siorrachd Pheairt) – Robert Wilson agus Issy Arnaud

Agus e a’ bruidhinn ron chuairt mu dheireadh, thuirt an Leas-Oifigear Riaghlaidh Iain Scott BPA:

“Tha e iomchaidh gun tèid a’ chuairt mu dheireadh de dh’Fharpais Mhic an Deòir a chumail ann an Seòmar-deasbaid Pàrlamaid na dùthcha, àite airson deasbad mu cheistean a bhios a’ bualadh oirnn uile.

“Le còrr is 250 de chlann-sgoile an sàs ann am farpais na bliadhna seo, tha an fheadhainn sa chuairt mu dheireadh airidh air a bhith air am moladh airson an ìre seo a ruigsinn agus tha fiughair agam ri bhith a’ cur fàilte orra don Phàrlamaid. Bidh roghainn de dheasbad anns a’ chuairt mu dheireadh agus tha mi cinnteach gun còrd e rinn a bhith ag èisteachd ri deasbad bheothail.”

Thèid cùisean a chraoladh beò air an Lìon air làrach-lìn na Pàrlamaid 18.00 gu 21.45 (http://www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/tbh) Diardaoin 5 Ògmhios.

Agus i air a stèidheachadh ann an 1999, tha an fharpais-deasbaid bhliadhnail as motha do sgoiltean na h-Alba fosgailte do sgoilearan anns gach àrd-sgoil ann an Alba. Tha e mar amas aig an fharpais tuigse a chur air adhart mu cho cudromach agus a tha deasbad, tagradh agus conaltradh do luchd-lagha, do dheamocrasaidh agus do chomunn-sòisealta anns an fharsaingeachd. Agus i air a cur air dòigh agus a cumail le Comann-lagha na h-Alba, tha an fharpais mar chuimhneachan air a’ Phrìomh Mhinistear Dòmhnall Mac an Deòir BPA nach maireann. 

Thuirt Heather NicEanraig, manaidsear dreuchdan is ceanglaichean a-muigh aig a’ Chomann-lagha:

“Rinn na sgiobaidhean uabhasach fhèin math a’ chuairt mu dheireadh a ruigsinn agus tha dùil gum bi e mar chrìoch bheothail air an fharpais nuair a choinnicheas iad ann an Seòmar-deasbaid Pàrlamaid na h-Alba.

“Am-bliadhna, thug sinn a-steach gluasadan ceangailte ris a’ cho-fhlaitheas agus mar a thig na Geamaichean faisg oirnn as t-samhradh, tha e iomchaidh dhuinn uile beachdachadh air dè tha a’ ciallachadh a bhith mar phàirt de na dùthchannan seo. Tha na sgiobaidhean-deasbaid iad fhèin air a bhith gu mòr air an togail leis a’ chuspair seo agus bha argamaidean nan togail-inntinn aca sna cuairtean roimhe seo nuair a rinn iad deasbad am bu chòir don Rìoghachd Aonaichte a bhith air cùl a chur ri coinneamh ceannardan riaghaltasan a’ Cho-fhlaitheis an-uiridh no am bu chòir gun rachadh dùthchannan sa Cho-fhlaitheas a mheasas fearas-feise na eucoir a phutadh a-mach às a’ bhuidhinn.

“Tha togail agam ris na tha ri ràdh aig na sgiobaidhean a chluinntinn nuair a thèid iad an sàs gus an gluasad mu dheireadh a dheasbad ann an suidheachadh uasal Seòmar-deasbaid na Pàrlamaid.”

Gheibh an sgoil a bhuannaicheas geall-dùbhlain agus duais £1,000, air a thoirt mar thiodhlac le Comann-lagha na h-Alba agus gheibh an fheadhainn san dara h-àite £250, air a thoirt mar thiodhlac le Comann Luchd-tagraidh Ghlaschu. Gheibh na h-uile sa chuairt mu dheireadh cuach an urra agus teisteanas gus an soirbheachadh a chomharrachadh agus bheir an luchd-urrais am-bliadhna Luchd-foillseachaidh Hodder Gibson leabhraichean-foghlaim gu luach £500, ri bhith air an roinn eadar an sgoil a bhuannaicheas agus an dara sgoil.

Is iad na britheamhan airson an tachartais:

  • Jon Dye, a bha na Chathraiche air Aonadh na Beurla (Ceann-suidhe nam Britheamhan).
  • Irene McGrath, cathraiche Comhairle-deasbaid Eadar-nàiseanta Sgoiltean na h-Alba.
  • Rob Marrs, Àrd-chomhairle Poileasaidh, Comann-lagha na h-Alba, a bha na oifigear ri òraidean agus deasbadan aig Aonadh na Beurla.   
  • Steven Doherty, Ceannard Rèiteach-strì, Luchd-lagha Wright, Johnston & Mackenzie LLP.
  • Marc Dòmhnallach BPA.

Dealbhan 

Bidh dealbhan den tachartas rim faotainn an-asgaidh. Cuiribh fios gu dealbhadair Pàrlamaid na h-Alba Anndra Cowan air 0131 348 5878.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.