Pàrlamaid na h-Alba air bhioran mu Chupa Ryder ’s stuth-cuimhneachain ainneamh air thaisbeanadh ann

30.04.2014

Bidh Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba a’ toirt am follais taisbeanadh is obair-ealain nach fhacas roimhe seo an-diugh mar chomharradh air fear dhe na gnothaichean spòrs as cliùitiche ann an saoghal a’ ghoilf, Cupa Ryder 2014, a thig a dh’Alba san t-Sultain.

Thèid dealbh-ealain oifigeil Cupa Ryder 2014 a chur air thaisbeanadh sa Phàrlamaid gu 4 Samhain. Air a dhèanamh le neach-ealain goilf Graeme Baxter, a tha aithnichte air feadh an t-saoghail, tha an dealbh a’ sealltainn an 2a toll tarraingeach air Cùrsa Ceud Comann Luchd-goilf Proifeiseanta ann an Gleann Eagas. 

Thèid Taisbeanadh Dualchas Cupa Ryder a thaisbeanadh ann am Prìomh Thrannsa na Pàrlamaid gu Dihaoine 30 Cèitean. Anns an taisbeanadh tha grunn rudan ainneamh a thaobh cuimhne is comharra a chuireas an cèill eachdraidh an tachartais shuaicheantaich seo, a thòisich mar gheama càirdeil eadar luchd-proifeiseantaich às Breatainn ’s às Aimeireagaidh, a bha nam buill den Chomann Proifeiseantach, ann an Gleann Eagas.  

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urr. Tricia Marwick: 

“Tha e iomchaidh gun tèid fear de na gnothaichean spòrs as cliùitiche agus as aithnichte a chomharradh sa Phàrlamaid mar seo agus daoine air bhioran thar Alba Cupa Ryder fhaicinn san t-Sultain.  

“Eadar luchd-goilf is luchd-leanmhainn eachdraidh, tha mi cinnteach gun toir luchd-tadhail gu Taigh an Ròid tlachd às an taisbeanadh àraid seo agus às sàr-obair ealain Graeme Baxter.”  

Thuirt Sandy Jones, Ceannard Comann Luchd-goilf Proifeiseanta:  

“Tha Cupa Ryder air fear dhe na tachartasan as motha dùil aig daoine ri linn mìosachan an spòrs agus e air tighinn gu bith às toiseach-tòiseachaidh an ìre mhath beag air ais sna 1920an agus e nis mar fhear de mhòr-thachartasan spòrs an t-saoghail.  

“Sa bhliadhna a thilleas Cupa Ryder a dh’Alba, tha sinn fìor thoilichte Taisbeanadh Dualchas Cupa Ryder a thoirt gu Pàrlamaid na h-Alba agus tha mise an dòchas gun toir luchd-leanmhainn goilf tlachd às an taisbeanadh shònraichte seo anns a bheil tòrr stuth tarraingeach a bhuineas ri cuimhneachain o gheamaichean a chaidh seachad, a’ dol air ais cho fada ris a’ chiad gheam oifigeil ann an 1927.”  

Thuirt Richard Hills, Stiùiriche Cupa Ryder na h-Eòrpa:   

“Tha Cupa Ryder air fear dhe prìomh thachartasan spòrs an t-saoghail agus tha sinn glè thoilichte gu bheil e a’ tilleadh a dh’Alba, Dachaigh Goilf. Bidh na muilleanan de dhaoine bho air feadh an t-saoghail a’ coimhead air ìomhaighean tarraingeach Cupa Ryder 2014 ann an Gleann Eagas, nam measg an sealladh suaicheantach seo a chaidh a chruthachadh ’s a ghlacadh leis an neach-ealain, Graeme Baxter.” 

Cùl-fhiosrachadh 

Thèid Taisbeanadh Dualchas Cupa Ryder a shealltainn aig Pàrlamaid na h-Alba o Dhiciadain 30 Giblean gu Dihaoine 30 Cèitean. 

Anns an taisbeanadh gu sònraichte bidh rudan pearsanta bho luchd-goilf a bha ann cho math ri dealbhan-camara nach fhacas ach ainneamh, fhad ’s a bhios sreath de bhogsaichean-taisbeanaidh – a chaidh a chur ri chèile a dh’aona ghnothach – agus bùird sgeulachdan graifigeach, ag innse eachdraidh nan geamaichean, a’ dèiligeadh ri mar a dh’fhàs seo o cho-fharpais chàirdeil gu fear dhe na tachartasan spòrs as motha air an t-saoghal.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.