11.04.2014
Thig ionmhas poblach na h-Alba an dèidh 2014 fo sgrùdadh Comataidh Ionmhas Pàrlamaid na h-Alba agus iad a’ cumail sreath de sheiseanan fianaise air a’ chuspair on Ghiblean seo air adhart.
Thèid iarraidh air luchd-Acadaimigeach, eòlaichean eaconamach is eòlaichean ionmhas poblach, cuide ri riochdairean o bhuidhnean catharrach na h-Alba, am beachdan a chur an cèill air na prìomh cheithir chuspairean a leanas:
- Cìsean
- Iasadan
- Fiachan san earrainn phoblach
- Riaghailtean Fiosgail
Cuideachd, cumaidh a’ Chomataidh dà dheasbad shònraichte le pannal air peinnseanan na h-Alba an dèidh 2014, Foirmle Barnett agus meud buidseat na h-Alba an dèidh an reifreinn.
Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais, Coinneach Gibson BPA:
“Bheir ar seiseanan fianais cothrom cudromach seachad airson deasbaid is soilleireachaidh air cuid de na ceistean ionmhais as cudromaiche a tha fo aire mòr-shluaigh na h-Alba. ’S e sin an t-adhbhar a thug sinn cuireadh do dh’eòlaichean aithnichte ann an raoin nan cìsean, nam fiachan ’s nam peinnseanan am beachdan a thoirt dhuinn a thaobh de an coltas a bhiodh air ionmhas na h-Alba an dèidh 2014.”
Cùl-sgeul
Cumaidh Comataidh an Ionmhais sreath de sheiseanan fianaise eadar an Giblean is an t-Ògmhios am-blaidhna seo. Tha liosta luchd-fianais airson a’ chiad cheithir Coinneamhan aig Comataidh an Ionmhais gu h-ìseal:
30 Giblean 2014
- Dr Angus Armstrong, Ionad Nàiseanta Rannsachaidh Eaconamaidh is Sòisealtais
- Jo Armstrong, Ionad nam Poileasaidhean Poblach airson nan Sgìrean
- Jim agus Margaret Cuthbert, luchd-eaconamaidh neo-eisimeileach
7 Cèitean 2014
- An t-Oll. Peter McGregor, Ceannard na h-Eaconamachd aig Sgoil Ghnìomhachais Shrath Chluaidh
- An t-Oll. Gavin McCrone
- An t-Oll. John Kay
14 Cèitean 2014
· Dr Matt Qvortrup, Àrd-òraidiche, Oilthigh Cranfield
21 Cèitean 2014
· An t-Oll. Andrew Hughes-Hallet, Buidheann-obrach a’ Choimisein Fhiosgail
· An t-Oll. David Simpson
· An t-Oll. Jeremy Peat
· An t-Oll. Alan Trench, acadaimigeach agus iar-neach-comhairle Comataidh Thaghte Ad Hoc Thaigh nam Morairean a thaobh Foirmle Barnett.
Gheibhear liosta iomlan den luchd-fianaise gu-lèir a bhios a’ toirt seachad fiosrachaidh gu Comataidh an Ionmhais air duilleagan-lìn na Comataidh - http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29822.aspx
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Fios comataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: