Comataidh gus sgrùdadh a dhèanamh air na bhios ag obair ann an riaghaltas ionadail

04.04.2014

Bidh sgrùdadh air mar a bhios riaghaltas ionadail ag obair agus na dh’fhaodar ionnsachadh airson na h-Alba mar chuspair do bhuill Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba nuair a choinnicheas iad ri oifigearan sa Ghearmailt, san Danmhairg agus san t-Suain.

Tha an turas ga chumail agus a’ Chomataidh a’ tòiseachadh air an sgrùdadh aice air sùbailteachd is fèin-ùghdarras riaghaltas ionadail. Ri linn an turais, coinnichidh na buill ri buill de Phàrlamaid-stàite Hamburg, Roinn Riaghaltas Ionadail na Danmhairge, Comann Cathraichean Ionadail na Danmhairge, cho math ri riaghaltas Stàite agus Cathrach anns an t-Suain gus faighinn a-mach mar a bhios nithean sònraichte ceangailte ri riaghaltas ionadail ag obrachadh agus mar a nì iad ceangal ris na daoine a bhios gan riochdachadh aca. 

Agus e a’ bruidhinn ron turas, thuirt Neach-gairm na Comataidh Caoimhin Stiùbhart BPA: 

“Buinidh an rannsachadh againn ri sealltainn air riaghaltas ionadail ann an Alba agus dèanamh cinnteach gu bheil an acfhainn agus an t-sùbailteachd aige a tha a dhìth gus lìbhrigeadh do mhuinntir na h-Alba air fad. Ged a tha tòrr eisimpleirean barraichte de dheagh chleachdas ann an Alba, le bhith a’ sealltainn thar nan crìochan againn fhìn; gheibh sinn beachdan is brosnachadh ris am faod sinn cur. 

“Ri linn an turais againn chì sinn le ar sùilean fhèin mar a bhios riaghaltas ionadail ag obair ann an àiteachan eile. Bidh an cothrom againn cluinntinn mar a bhios dùthchannan eile a’ gabhail gnothaich ri cuid de na ceistean a thig oirnn uile.

“Cuidichidh a bhith a’ gabhail fàth air fosadh na Pàrlamaid gus trì dòighean gu math eadar-dhealaichte le muinntir na h-Eòrpa a sgrùdadh rinn gus seirbheisean poblach nas fheàrr a chruthachadh do dh’Alba. Nì seo cinnteach gun cum aid orra a’ toirt a-mach feumalachdan nan coimhearsnachdan air am bi iad a’ frithealadh.”

Cùl-fhiosrachadh

Agus e air a chur air bhog anns a’ Ghearran 2014, nì rannsachadh na Comataidh mu na tha an dàn don riaghaltas ionadail sgrùdadh a bheil an t-sùbailteachd, am fèin-ùghdarras agus na h-innleachdan bun-reachdail a tha a dhìth aig riaghaltas ionadail gus feumalachdan coimhearsnachdan na h-Alba an-dràsta agus san ùine air thoiseach a thoirt a-mach.

Gu sònraichte, nì e sgrùdadh air— 

·         Coimeas eadar suidheachadh riaghaltais ionadail agus frèam reachdail is laghail reachdaireachdan eile ann an Aonadh na h-Eòrpa; 

·         Sgrùdadh air an ìre de cheanglaichean poblach agus eadar-ghnìomhadh le riaghaltas ionadail, agus an ìre de shluagh a bhios a’ nochdadh aig na taghaidhean ionadail; 

·         Beachdachadh air innleachdan-maoineachaidh laghail is reachdail air a bheil cothrom aig riaghaltas ionadail; 

·         Beachdachadh air mar a thathar a’ frithealadh air coimhearsnachdan fad’ às, iomallach no eileanach fo dhòighean riaghaltais ionadail, agus

·         Beachdachadh air an ìre de shùbailteachd laghail, agus de dh’fhèin-ùghdarras bhon riaghaltas fhèin, a tha aig riaghaltas ionadail. 

Bidh triùir bhall den Chomataidh air an turas, nuair a thadhlas a’ Chomataidh air Hamburg agus air an Danmhairg an latha an dèidh sin. Air an latha mu dheireadh den turas, cumaidh a’ Chomataidh sreath choinneamhan ann am Malmo mus till iad don Rìoghachd Aonaichte. Is iad na buill a bhios a’ frithealadh air an turas:

Caoimhin Stiùbhart BPA

Marc Dòmhnallach BPA

Anna Nic an t-Sagairt BPA

Contact information

 Media information

Committee information

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.