03.04.2014
Agus tarraing Cupa Ryder ann an Gleann Eagas nas fhaide air adhart am-bliadhna a’ fàs, bidh cothrom air leth aig luchd-tadhail gu Pàrlamaid na h-Alba coimhead a-staigh air eachdraidh fear de na tachartasan as ainmeile ann an spòrs.
Innsidh Taisbeanadh Dualchas Cup Ryder an sgeul mun ghnothach as ainmeile ann an golf agus bidh e ri fhaicinn ann am Prìomh Thalla na Pàrlamaid o Dhimàirt 29 Giblean gu Dihaoine 30 Cèitean.
Thuirt Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid, am Ball Urramach Tricia Marwick BPA:
“Tha a’ Phàrlamaid pròiseil a cuid fhèin a dhèanamh gus fàilte a chur air Cupa Ryder gu Alba le bhith air cheann an t-sàr-thaisbeanaidh seo.
“O luchd-leanmhainn golf gu feadhainn le ùidh ann an eachdraidh, bidh e comasach don a h-uile duine tlachd a thoirt às an taisbeanadh àraid seo, a tha a’ cur an cèill eachdraidh Cup Ryder o thùs gu ruige an latha a th’ ann agus e na mhòr-tharraing don t-saoghal.”
San taisbeanadh bidh rudan pearsanta o luchd-cluich linn eile, cho math ri dealbhan nach fhaicear gu tric. Cuiridh sreath de bhogsaichean-taisbeanaidh – a chaidh a dhèanamh a dh’aona ghnothach – agus bùird-sgeulachd grafigeach an cèill ìomhaigheachd làidir an tachartais-gholf, a thòisich mar gheama neo-fharpaiseach eadar proifeiseantaich Comann Proifeiseanta a’ Gholf às Breatainn agus Aimeireaga ann an Gleann Eagais sa bhliadhna 1921.
Thuirt Ceannard CPG, Sandy Jones:
“’S e co-fharpais Cupa Ryder rud a bheilear air bhioran air a shon am measg tachartasan mìosachan an spòrs, agus e air fàs o thùs an ìre mhath ìseal sna 1920an gu bhith mar fhear dhe na tachartasan spòrs as motha air an t-saoghal.
“Sa bhliadhna a tha Cupa Ryder a’ tilleadh a dh’Alba, tha sinn fìor thoilichte Taisbeanadh Dualchas Cupa Ryder a thoirt gu Pàrlamaid na h-Alba agus tha mi an dòchas gun toir luchd-leanmhainn golf tlachd às an taisbeanadh àraid seo anns a bheil tòrr stuthan-cuimhneachain o gheamaichean a bh’ ann, a’ dol air ais don chiad gheama oifigeil ann an 1927.”
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: