Pàrlamaid na h-Alba an sàs ann an Seachdain na h-Alba

03.04.2014

Tòisichidh an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA, Linda Fabiani BPA agus Rhoda Grant BPA an-diugh air sreath de dh’iomairtean às leth Pàrlamaid na h-Alba gus Seachdain na h-Alba 2014 a chomharrachadh.

Tadhlaidh a’ bhuidheann-riochdachaidh air New York, Ottawa agus Toronto agus iad a’ coinneachadh ri luchd-pàrlamaid agus eagrachaidhean Albannach ag obair ann an America a Tuath. Riochdachaidh iad a’ Phàrlamaid aig caochladh thachartasan air an cur air dòigh gus Latha a’ Bhreacain, a chaidh ainmeachadh mar 6 Giblean, a chomharrachadh.  

Mar chuid den phrògram, bidh a’ bhuidheann-riochdachaidh an sàs ann an caismeachd Latha a’ Bhreacain ann an New York Disathairne 5 Giblean, a’ coiseachd còmhla ri mu 2,000 de luchd-caismeachd am feadh 6th Avenue. Nas tràithe air an latha sin, cuiridh a’ bhuidheann-riochdachaidh taic ris an luchd-ruithe an sàs ann an 11mh Ruith na h-Alba ann an Central Park.  

Am measg nan tachartas eile tha coinneamhan mu phoileasaidh ann an New York agus Canada, gnìomhachdan gus Alba agus Pàrlamaid na h-Alba a chur air adhart, agus coinneamhan aig Pàrlamaid Fheadarail Chanada agus Reachdaireachd-stàite Ottawa gus deagh chleachdaidhean a nochdadh ri càch-a-chèile. 

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:    

“A h-uile bliadhna, bidh mòran daoine is bhuidhnean ann an America a Tuath gu lèir a’ comharrachadh nan ceanglaichean aca ri Alba air 6 Giblean, air a bheilear a’ gabhail Latha a’ Bhreacain. Tha mi cho riaraichte a bhith an ceannas air buidheann-riochdachaidh Pàrlamaid na h-Alba gus tighinn còmhla riutha gus an ìomhaigh Albannach aca a thaisbeanadh agus a chomharrachadh. 

“Cha bhuin na ceanglaichean seo dìreach ris an eachdraidh choitchinn againn ge-tà. Tha càirdeas làidir is seasmhach againn fhathast ris na caraidean Americanach againn agus ri linn an turais againn coinnichidh sinn ri luchd-pàrlamaid gus sealltainn air dè nas urrainn dhuinn ionnsachadh bho chàch-a-chèile. Cuiridh sinn taic cuideachd ri ionadan Gàidhlig Albannach agus iad a’ sgaoileadh thar America a Tuath gus ceanglaichean cultarail agus eaconamach a chruthachadh.”   

Tha prògram trang chuairtean aig an Oifigear Riaghlaidh agus i an sàs ann an coinneamhan ri a samhail ann an Ottawa agus Toronto, a bharrachd air bruidhinn ri aoighean aig cuirm Seachdain a’ Bhreacain aig Comann an Naoimh Anndra Stàit New York agus cuirm ‘Pop International’ gus fosgladh taisbeanadh Broad Daylight ‘As Others See Us’ a chomharrachadh, anns am bi dealbhan de dh’Albannaich ainmeil stèidhichte air saothair le bàrd nàiseanta na h-Alba, Robert Burns.  

Bidh Linda Fabiani BPA agus Rhoda Grant BPA an sàs ann an caochladh thachartasan eile gus ceistean air sochar, seann daoine, fòirneart aig an taigh agus poileasaidhean cultarail a sgrùdadh.   

Thuirt Linda Fabiani BPA:  

“Bheir Seachdain na h-Alba cothrom mìorbhaileach dhuinn bruidhinn ris na càirdean againn ann an America a Tuath, agus tighinn còmhla riutha gus na tha an ìomhaigh Albannach aca a’ ciallachadh dhaibh a chomharrachadh. A bharrachd air seo ge-tà, tha e na chothrom dhuinn ceistean coitcheann a thig air sluagh nan dùthchannan againn a dheasbad. An dà chuid ann an New York agus Toronto, coinnichidh mi luchd-obrach a bheir taic do dhaoine air sochar, agus ann am bancaichean-bidhe. Bu mhath leam fhìn agus leis na Buill eile air Comataidh Ath-leasachadh Shochairean barrachd fhaighinn a-mach a thaobh mar a bheir dùthchannan eile taic do chuid den fheadhainn as so-leònte againn agus bheir mi aithisg air ais dhaibh air na gheibh mi a-mach nas fhaide air adhart air a’ mhìos seo.”  

Thuirt Rhoda Grant BPA:  

“Is e urram a tha ann Pàrlamaid na h-Alba a riochdachadh aig tachartasan Latha a’ Bhreacain agus airson Seachdain na h-Alba. Tha Latha a’ Bhreacain na chomharrachadh mòr air a h-uile nì Albannach ann an New York agus bidh e a’ cuideachadh gus Alba a chur air adhart anns na Stàitean. Tha mi an dòchas cuideachd gun cuir an turas againn gu Canada ris an deagh chàirdeas agus a’ chultar choitcheann a tha againn le iomadh ceàrnaidh de Chanada. Is e cothrom mòr a tha ann a bhith ag ionnsachadh mar a ghabhas dùthchannan eile gnothach ris na ceistean ris am bi sinn a’ strì agus deagh chleachdas a dheasbad. Bidh sinn cuideachd a’ nochdadh mar bheir sinn aghaidh air cur air adhart an dà chuid Alba agus na Pàrlamaid.”  

Am measg nan tachartasan eile an-dràsta tha:  

A’ frithealadh air fosgladh ‘Scots Jews: Identity, Belonging and the Future’. Taisbeanadh dhealbhan a bhuineas ris an latha an-diugh anns a bheil saothair leis an dealbhadair-aithriseachd Judah Passow. Tha ìomhaighean ann a chaidh a thogail air feadh na h-Alba – bho Shealtainn gu na Crìochan – a’ nochdadh coimhearsnachd eugsamhail a-cheart cho comhfhurtail le ìomhaigh Iùdhach agus Albannach. Chaidh a thaisbeanadh ann am Pàrlamaid na h-Alba sa Ghearran 2014.  

Mar thaic ris na gnìomhachdan ann am Pàirc Bryant tha tionndaidhean air an lùghdachadh de dheilbheadh Andy Scott, The Kelpies, stèidhichte bho 21 Màrt gu 22 Giblean 2014.Tha an t-saothair bho thùs anns an Eaglais Bhric.  

Cuairt gu àrainn ùr Oilthigh Caledonian Ghlaschu, a’ chiad oilthigh Breatannach a stèidhich àrainn ann an New York agus a’ cur ris an euchd eile a thug an t-Oilthigh a-mach nuair a dh’fhosgail e àrainn ann an Lunnainn ann an 2010. Bidh àite cudromach aig GCU NY ann a bhith a’ sìneadh lìonra cruinneil an Oilthighe, rud a tha deatamach do dh’fhàs CGU san àm air thoiseach agus a tha na cuid gu math bunaiteach den ro-innleachd eadar-nàiseanta aige.  

A’ tadhal air:   

An t-Urramach Anndra Andrew Scheer BP, Labhraiche Thaigh nan Cumantan aig Pàrlamaid Chanada ann an Ottawa

An t-Urramach Nollaig Cinsealach, Labhraidh an t-Seanaidh aig Pàrlamaid Chanada ann an Ottawa

An t-Urramach Dàibhidh Levac BP, Labhraiche Tional Reachdail Ontario 

Air na tursan seo bithear a’ sealltainn air gnothaichean nam Pàrlamaid cuideachd. 

Coinneachadh ri, agus òraid leis an Oifigear Riaghlaidh gu, Buidheann Càirdeas Pàrlamaideach Chanada agus na h-Alba. 

Cùl-fhiosrachadh

Bho 1998, thathar Latha a’ Bhreacain air a bhith air aithneachadh le Taigh nan Riochdairean sna Stàitean mar chomharrachadh oifigeil air na chuir Americanaich na h-Alba ri cultar is saoghal nan Stàitean. Thairis air an deich bliadhna a chaidh seachad, tha gnothaichean Albannach Latha a’ Bhreacain air leudachadh gu clàr fad seachdain gus Alba a chur air adhart ann an America a Tuath agus is e Seachdain na h-Alba na thathar a’ gabhail air a-nis.

Tha Seachdain na h-Alba 2014 na prògram fad seachdain de thachartasan ann an America, aig a bheil mar amas a h-uile nì Albannach a chur air adhart. Tha leth-cheud millean neach air feadh an t-saoghail ag agairt sinnsearachd Albannach – a’ chuid as motha aca ann an America agus Canada. 

Tha barrachd fiosrachaidh mu na tachartasan uile ri linn Seachdain a’ Bhreacain ri fhaotainn air an Lìon. 

Thathar air buidseat Pàrlamaid na h-Alba airson gach nì ceangailte ri Seachdain na h-Alba a chumail aig £30,000 aig an ìre as àirde bho 2009 mar a tha agus am-bliadhna.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.