Luchd-pàrlamaid Breatannach agus Èireannach a’ tighinn còmhla ann am Baile Àtha Cliath

28.03.2014

Thig luchd-pàrlamaid Breatannach agus Èireannach còmhla san Talla Mhòr, Ospadal Rìoghail Chill Mhaighneann, Baile Àtha Cliath, Diluain nuair a thèid òraidean a thoirt seachad leis An Taoiseach, Éanna Ó Cionaoith TD agus le Mícheál Ó Laoire, Ceannard, Ryan Air.

An ceann buidheann-riochdachaidh Pàrlamaid na h-Alba bidh an Leas-oifigear Riaghlaidh Iain Scott BPA agus còmhla ris bidh na Buill Uilleam Ó CobhthaighMìcheal Mac MhathainAlison NicAonghais agus Gòrdan Dòmhnallach. 

Thèid dà latha de dh’òraidean air ath-leasachadh na roinne phoblach gu na dùbhlain a thig air luchd-fastaidh is luchd-obrach a chumail san 48mh seisean làn de Thional Pàrlamaidean Bhreatainn agus na h-Èireann (31 Màrt gu 1 Giblean). 

A’ bruidhinn ron cho-labhairt, thuirt Mgr. Scott: 

“A dh’aindeoin nan crìochan eadar an dà reachdaireachd againn, tha na h-uidhir a dhùbhlain den aon seòrsa oirnn sna coimhearsnachdan againn. Cha dèan tighinn còmhla gus na dh’fhiosraicheas sinn a chur còmhla agus gus ceistean coitcheann a sgrùdadh ach cuideachadh gus poileasaidhean is cleachdaidhean a leasachadh. Tha mi toilichte gu h-àraidh fhaicinn gum bruidhinn An Taoiseach, Éanna Ó Cionaoith TD, ris na Buill a-rithist agus tha fiughair agam ri bhith a’ cluinntinn nam beachdan aige.”  

Am measg cuspairean nam buidhnean-deasbaid tha: 

‘Obair san Àm air Thoiseach’ le Leas-cheann Suidhe Seòmar-malairt Dhoire Chaluim Chille, Gearóid Ó Caoinnealáin; Cathraiche Fonndas-saidheans na h-Èireann, Áine Ní Ríordáin; agus Cathraiche Ùghdarras Leasachadh-gnìomhachais, Proinsias Ó Riain. 

‘Ath-leasachadh na Roinne Poblaich’ leis an Oll. Eoin Ó Máille, Sgoil Lagha agus Riaghaltais, Oilthigh Cathair Bhaile Àtha Cliath agus an t-Oll. Risteard Ó Baoill, Ceannard Rannsachaidh, Foillseachaidh is Dàimh Chorporra, Institiùid Rianachd Phoblach. 

Cùl-fhiosrachadh  

Is e rùn BIPA co-obrachadh a chur air adhart eadar riochdairean poilitigeach ann am Breatainn agus ann an Èirinn agus cur ris a’ chàirdeas dhlùth a chaidh a chruthachadh o chionn beagan bhliadhnaichean eadar luchd-poilitigs air feadh Bhreatainn agus na h-Èireann.  

Chaidh a stèidheachadh ann an 1990 mar cheangal eadar Taighean na Pàrlamaid agus Taighean an Oireachtais. Ann an 2001 chaidh a’ bhallrachd a leudachadh gus Pàrlamaid na h-Alba, Seanadh na Cuimrigh, Seanadh Èireann a Tuath, Àrd-chùirt an Tynwald agus Stàitean Guernsey is Jersey a thoirt a-steach. 

Bidh na buill a’ dol an sàs ann an raon farsaing de dh’obraichean neo-reachdail tro choinneamhan làn a h-uile dà bhliadhna agus obair leanmhainneach aig ìre Chomataidhean. 

Aig na coinneamhan làn, thathar a’ deasbaireachd air ceistean an latha, aithisgean bho Chomataidhean agus ceistean air Ministear aig ìre àrd às an dùthaich a tha ga cumail. Bidh ceithir Comataidhean a’ coinneachadh gu cunbhalach agus a’ gabhail ri fianais ann an labhairt is sgrìobhadh air ceistean sònraichte. Bidh Comataidhean cuideachd ag obair le Pàrlamaid na h-Eòrpa agus leis a’ phoball eadar-nàiseanta san fharsaingeachd.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.