Buill air còig atharrachaidhean a mholadh do Iain Duncan Smith gus leasachadh a thoirt air Measaidhean Comas-obrach

23.03.2014

Thathar air còig atharrachaidhean a mholadh do Iain Duncan Smith BP, Rùnaire na Stàite ri Obair agus Peinnseanan gus Measaidhean Comas-obrach a dhèanamh “nas èifeachdaiche agus nas daonna”.

Sgrìobh Neach-gairm Mìcheal MacMhathain BPA do Mhghr Duncan Smith às leth Comataidh Ath-leasachadh Shochairean aig Pàrlamaid na h-Alba an dèidh beachdachadh gu bheil ATOS ag iarraidh tarraing a-mach à cunnradh nam Measaidhean aca mus tig e gu crìch anns an Lùnastal 2015. Ann an litir a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha e a’ mìneachadh còig atharrachaidhean a bu chòir do Roinn Obrach agus Pheinnseanan dèanamh:

1. Cha bu chòir a bhith aig an fheadhainn air Cuibhreann Taic-obrach air a bheil tinneas ùine fhada ri ath-mheasaidhean a dhèanamh.

2. Cha bu chòir gun tèid na Measaidhean a dhèanamh le luchd-dreuchd ri cùram-slàinte aig a bheil an t-eòlas agus am fiosrachadh gus tinneas neach aithneachadh agus a thuigsinn.

3. Bu chòir atharrachaidhean air na slatan-tomhais mu Mheasaidhean gus tinneas caochlaideach leithid MS agus comharraidhean falaichte leithid sgìths is cràdh aithneachadh nas fheàrr.  

4. Bu chòir urram is spèis a ghabhail do dhaoine a chuireas a-steach airson a’ Chuibhrinn.

5. Bu chòir gum biodh conaltradh bhon Roinn air a sgrìobhadh ann am Beurla shoilleir agus soilleireachadh a thoirt air a’ bhuaidh a bheir co-dhùnaidhean.

Cha bu chòir a bhith aig an fheadhainn air Cuibhreann Taic-obrach air a bheil tinneas ùine fhada ri ath-mheasaidhean a dhèanamh. Cha bu chòir gun tèid na Measaidhean a dhèanamh le luchd-dreuchd ri cùram-slàinte aig a bheil an t-eòlas agus am fiosrachadh gus tinneas neach aithneachadh agus a thuigsinn. Bu chòir atharrachaidhean air na slatan-tomhais mu Mheasaidhean gus tinneas caochlaideach leithid MS agus comharraidhean falaichte leithid sgìths is cràdh aithneachadh nas fheàrr.   Bu chòir urram is spèis a ghabhail do dhaoine a chuireas a-steach airson a’ Chuibhrinn.  Bu chòir gum biodh conaltradh bhon Roinn air a sgrìobhadh ann am Beurla shoilleir agus soilleireachadh a thoirt air a’ bhuaidh a bheir co-dhùnaidhean.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Mìcheal MacMhathain BPA:

“Thathar air ath-bhreithneachadh neo-eisimeileach a dhèanamh air na Measaidhean mar-thà ach fhathast tha an fhianais a fhuair a’ Chomataidh againn a’ leigeil fhaicinn gu bheil mòran a bharrachd ri dhèanamh gus an dèanamh èifeachdach agus daonna.

"Tha e amaideach a bhith a’ sùileachadh air a bheil tinneas leithid MS cumail orra a’ dol tro mheasaidhean. Ged a dh’fhaodadh na comharraidhean a bhios iad a’ nochdadh atharrachadh, chan eil coltas sam bith ann an-dràsta gun tèid an galar a leigheas agus tha an strì a chuireas seo air daoine an aghaidh comann-daoine a bheir cùram don fheadhainn a tha tinn agus so-leònte.

“Tha sinn air còig molaidhean cuideachail is practaigeach a dhèanamh a chuidicheas, ma thèid aonta a chur riutha, gus cinnt a thoirt do dhaoine a’ tagradh gun tèid spèis a ghabhail dhaibh.  

"Math dh’fhaodte gum bu mhath le Iain Duncan Smith BP tighinn don Chomataidh againn agus freagairt a thoirt go poblach air na molaidhean seo.”

Thuirt Leas-neach-gairm Jamie Hepburn BPA:

“Uair is uair, chuala sinn fianais bho dhaoine gun deach gnothach a ghabhail riutha mar sgimilearan, le siostam ris an do phàigh iad.  

"Tha sinn air sgrìobhadh gu Iain Duncan Smith seach gu bheil cothrom ann dèanamh cinnteach nach fhàg toirt a-steach Phàighidhean Neo-eisimeileach Pearsanta droch bhuaidh air slàinte is toil-inntinn dhaoine mar a dh’fhàg na Measaidhean mun Chuibhreann.”

Airson leth-bhreac làn den litir, faicibh taobh deas na duilleige seo.

Read the letter

Read the letter in full here

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.