Sùbailteachd a dhìth mun reachdas air càradh thogalaichean

18.03.2014

Tha ceuman a chuidicheas ri ùghdarrasan ionadail gus na cosgaisean a thig orra ann a bhith a’ dèanamh togalaichean easbhaidheach no cunnartach sàbhailte fhaighinn air ais air fàilte fhaighinn an-diugh bho Chomataidh Riaghaltais Ionadail agus Ùrachaidh aig Pàrlamaid na h-Alba.

Is iad na ceuman a’ chuid as cudromaiche de Bhile Bhall a chaidh a thoirt a-steach le Dàibhidh Stiùbhart BPA. Fo Bhile Thogalaichean Easbhaidheach is Cunnartach (Aiseag Chosgaisean) (Alba) thigeadh cosgaisean a thig air ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ càradh thogalaichean easbhaidheach no cunnartach air ais tro òrdan-chìsean. 

Ann a bhith a’ cur a taice ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile, mhol a’ Chomataidh gun rachadh sùbailteachd a thoirt do na h-ùghdarrasan ionadail gus cosgaisean fhaighinn air ais thar ùine an crochadh air an t-sùim a thig orra cho math ri comas-pàigheadh nam fèichearan. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA: 

“Tha e mar amas Achdan nan Togalach a tha ann an-dràsta daoine a dhìon bho chron a dh’fhaodadh a bhith air adhbharachadh le togalaichean a tha easbhaidheach no cunnartach. Tha am Bile far comhair air modh-obrach follaiseach a chruthachadh far am faod ùghdarrasan ionadail, mar as còir, na cosgaisean gus na togalaichean seo a chàradh fhaighinn air ais.  

“Ach gus am bi am Bile na uidheam a tha dha-rìribh èifeachdach agus feumail do na h-ùghdarrasan ionadail, feumaidh sùbailteachd a bhith aige gus raointean-ama a chur an sàs a fhreagras air gach suidheachadh sònraichte.” 

Ghabh a’ Chomataidh beachd cuideachd air suidheachadh nan comann-taigheadais nuair a dh’fheumar càradh a dhèanamh le cead gach sealbhadair agus às aonais. Tha a’ Chomataidh air iarraidh air na h-ùghdarrasan ionadail uile obrachadh gu dlùth le comainn-taigheadais gus an cuideachadh gus an càradh a tha a dhìth a dhèanamh.

Cùl-fhiosrachadh

Agus e air a thoirt a-steach anns an Dàmhair 2013, tha e mar amas aig Bile Thogalaichean easbhaidheach is Cunnartach (Aiseag Chosgaisean) (Alba) leigeil le ùghdarrasan ionadail òrdain-chìsean (a dhaingnicheas am fiach air an t-seilbh) a dhèanamh airson nan cosgaisean a dh’èireas nuair a tha iad air obair a dhèanamh air togalaichean a tha easbhaidheach no cunnartach fhaighinn air ais.

Is e a tha ann an òrdan-chìsean cìs reachdail a’ bualadh air fearann is seilbh, mar eisimpleir, a thaobh ais-phàigheadh iasaid, cosgaisean a dh’èireas fhaighinn air ais no tabhartasan air an dèanamh. 

Fiosrachadh airson nam meadhanan  

Linda Peters: 0131 348 6269 

Conaltradh Text Relay dì-beathte 

linda.peters@scottish.parliament.uk  

Fiosrachadh mun chomataidh  

David Cullum: 0131 348 5217 

Conaltradh Text Relay dì-beathte 

david.cullum@scottish.parliament.uk  

Fiosrachadh poblach

 

  • Fòn: 0800 092 7500
  • Faodaidh luchd-cleachdaidh Fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100
  • Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis Text Relay 
  • Teachdaireachd-teacsa: 07786 209888

 

Gabhaibh spèis dhuinn air Facebook airson an fhiosrachaidh as ùire air naidheachdan is tachartasan

Air neo faighibh a-mach barrachd air YouTube   

 

 

 

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.