Comataidh Lùths ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu riaghailtean air dealbhadh thuathanasan-gaoithe agus gas neo-ghnàthach

14.03.2014

Tha an dreachd de fhrèama na h-Alba mu dhealbhadh feumach air soilleireachadh mu riaghailtean-dealbhaidh mu thuathanasan-gaoithe air tìr agus gas neo-ghnàthach, a rèir Comataidh Lùtha Pàrlamaid na h-Alba.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha ceist air a’ Chomataidh mu chion an fhiosrachaidh air mar a bheir raointean mòra fearainn air an comharrachadh nam fàsach bunaiteach buaidh air leasachadh thuathanas-gaoithe ann an Alba. An-dràsta, tha cus mì-chinnt ann an cuir a bhith ag ainmeachadh ceàrnaidh mar fhàsach stad air pròiseactan-leasachaidh eaconamach.

 

 

Bu chòir barrachd stiùiridh do na h-ùghdarrasan-dealbhaidh mu leasachaidhean san amharc air gas neo-ghnàthach no ‘fragadh’ a bhith sa phoileasaidh mu dheireadh mu dhealbhadh cuideachd. 

 

Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba leantainn air adhart ag obair leis a’ ghnìomhachas agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus cuideachadh ach an toir leasachadh air tasgadh-taosgaidh a chuid comais gu buil.   

 

Tha an dreachd den Fhrèam-dhealbhaidh Nàiseanta agus Poileasaidh-dealbhaidh na h-Alba mar bhunait ris an t-siostam-dhealbhaidh ann an Alba. Tha na sgrìobhainnean seo gan sgrùdadh an-dràsta le ceithir comataidhean aig a’ Phàrlamaid. 

 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd, Murchadh Friseal BPA: 

 

“Fhuair a’ Chomataidh briseadh-dùil nach b’ urrainn dhi sgrùdadh iomlan a dhèanamh air na poileasaidhean a bhios mar bhunait ris an t-siostam-dhealbhaidh againn, gu sònraichte ceistean connspaideach leithid suidheachadh nan tuathanasan-gaoithe air tìr san ùine air thoiseach agus tarraing ola is gas neo-ghnàthach. 

 

“Tha Alba airidh air poileasaidh follaiseach seasmhach a bheir soilleireachadh do luchd-dealbhaidh, luchd-leasachaidh agus do choimhearsnachdan. 

 

“Tha cion soilleireachaidh a thaobh mar a thèid Clàr nam Fàsaichean Bunaiteach a chleachdadh agus teagamh mun astar a dhealaicheas coimhearsnachdan is tuathanasan-gaoithe air mì-chinnt a chruthachadh sa ghnìomhachas ri lùth ath-nuadhachaidh agus ann an coimhearsnachdan far am faodadh tuathanasan-gaoithe a bhith air an suidheachadh. Ma tha Alba gus cumail oirre gus na h-amasan dùbhlanach aice mu lùth ath-nuadhachaidh a thoirt gu buil, feumar aghaidh a thoirt air seo gun dàil.” 

 

Thuirt an Leas-neach-gairm, Dennis Robastan BPA: 

 

“Chuir sinn fàilte air a’ chothrom cluinntinn bho luchd-pàirteachaidh, aig an robh farsaingeachd bheachdan mu phoileasaidh-dealbhaidh na h-Alba. A’ toirt tarraing air lùth, nochd na beachdan seo an cuideam air feum air cothromachadh eadar dìon nam fàsaichean a thoirt a-mach agus leigeil comas na h-Alba a thaobh lùtha mu sgaoil. Gu h-àraidh, chuala a’ Chomataidh ceistean mu ainmeachadh nam fàsaichean agus dh’iarr i barrachd stiùiridh airson nan ùghdarrasan-dealbhaidh agus iad a’ beachdachadh air molaidhean mu leasachadh ola is gas air tìr. Tha seo air a bhith na chothrom luachmhor cur ris sa’ phoileasaidh mu dhealbhadh agus tha fiughair againn ri deasbad air seo an ath sheachdain sa Phàrlamaid.” 

 

Anns an aithisg aice, tha a’ Chomataidh air na puingean a leanas a dhèanamh: 

 

Raointean bunaiteach de chlàran nam fàsaichean  

 

• Ged a thuigeas a’ Chomataidh an t-adhbhar airson barrachd co-chomhairleachaidh air a’ cheist chonnspaidich seo, tha an t-àm san do nochd e air buaidh a thoirt air comas na Comataidh beachdan luchd-phàirteachaidh mun t-suidheachadh a tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh a thaobh mar a thèid Ceàrnaidhean Bunaiteach Clàr nam Fàsaichean a chleachdadh. Tha seo air bacadh a chur air a’ chomas againn an raon seo a sgrùdadh gu h-iomlan. Tha a’ Chomataidh a’ moladh mu ùrachadh air an Fhrèam-dhealbhaidh Nàiseanta agus ath-bhreithneachadh air Poileasaidh-dealbhaidh na h-Alba, bu chòir gum biodh a h-uile co-chomhairleachadh agus beachdachadh le buidhnean-obrach air an crìochnachadh mus tèid am frèam-dealbhaidh a stèidheachadh gus am bi am fiosrachadh gu lèir a bhios a dhìth aig comataidhean na Pàrlamaid gus molaidhean an Riaghaltais a sgrùdadh. 

 

• Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun fheum am Frèam agus am Poileasaidh mu dheireadh barrachd soilleireachaidh a thoirt a thaobh mar a thèid Ceàrnaidhean Bunaiteach Clàr nam Fàsaichean a chleachdadh ann an gnìomh gus an dìon a tha a dhìth a thoirt gu buil ann an dòigh a tha seasmhach is follaiseach. An-dràsta, tha cus mì-chinnt ann am bi ainmeachadh ceàrnaidh mar fhàsach a’ cur stad air pròiseactan-leasachaidh eaconamach. 

 

• Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun toir am Frèam mu dheireadh aithris shoilleir an e an rùn a tha ann gum faodar leasachadh a chumail ann an ceàrnaidhean air an comharrachadh mar fhàsach ann an suidheachaidhean, nuair a ghabhas aghaidh cheart toirt air bacaidhean a thaobh na h-àrainneachd. 

 

Astar nan tuathanasan-gaoithe air falbh 

 

• Tha e follaiseach bhon fhianais a fhuair sinn gu bheil diofar mhìneachaidhean air an fhacal ‘coimhearsnachd’ agus mar a thèid an teirm ‘tuathanas-gaoithe’ a mhìneachadh. Mar eisimpleir, cia mheud àitreabh a tha a dhìth gus coimhearsnachd a chruthachadh agus dè cho mòr is a dh’fheumas leasachadh a bhith mus bi e na thuathanas-gaoithe? Mar thoradh air seo, tha a’ Chomataidh a’ moladh gun toir sgrìobhainnean deireannach an Fhrèama agus a’ Phoileasaidh fad a bharrachd de shoilleireachadh air an dà cheist seo.  

 

• Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air rùn a’ Mhinisteir beachd às ùr a ghabhail air an fhianais a fhuaireadh mus tèid co-dhùnadh deireannach a dhèanamh air a’ mholadh a bha ann bho thùs cur ris an astar air falbh bho 2cm gu 2.5cm eadar tuathanasan-gaoithe agus coimhearsnachdan ionadail. Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun toir am Ministear stiùireadh sa Phoileasaidh mu dheireadh an gabh an t-astar air falbh cur an sàs mar chrìoch stèidhichte no am faod ùghdarrasan-dealbhaidh sùbailteachd a chur an sàs an crochadh air ìre is meudachd nan innealan-gaoithe, a’ bhuaidh air uachdar na dùthcha agus an ìre de thaic bhon choimhearsnachd.  

 

Leasachadh air gas neo-ghnàthach agus alt-obrach ‘fragaidh’ (fracking) 

 

• Tha a’ Chomataidh a’ moladh, a thaobh follaiseachd, gum bi mìneachadh sa Phoileasaidh dheireannach air na diofar dhleastanasan aig na buidhnean-gnìomha gu lèir a tha an sàs ann an ceadachadh is dearcnachadh tarraing gas neo-ghnàthach agus bloigheachadh hiodrolach agus gum mìnich am poileasaidh-dealbhaidh na tha a dhìth de cho-chomhairleachadh anns gach modh-obrach. 

 

• Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air rùn a’ Mhinisteir beachd a ghabhail am bi na modhan-obrachaidh gus gas neo-ghnàthach a tharraing agus cleachdadh bloigheachadh hiodrolach a’ toirt a-steach nan coimhearsnachdan gu h-iomlan nuair a dh’fhaodte an obair-tarraing a dhèanamh agus tha iad a’ moladh gum bu chòir gum biodh an dà mhodh-obrachaidh fon aon ìre de cho-chomhairleachadh leis a’ choimhearsnachd.

 

• Seach gu bheil na làraichean a dh’fhaodadh a bhith ann gus gas neo-ghnàthach a tharraing air an suidheachadh anns na bailtean gu tric, tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air rùn a’ Mhinisteir crìoch a chruthachadh eadar na leasachaidhean seo agus coimhearsnachdan ionadail. Tha sinn a’ moladh gun gabh am Ministear beachd air an fhianais a fhuair a’ Chomataidh mun bhuaidh a bheireadh a leithid de leasachadh air àrainneachd, turasachd is coimhearsnachd agus dearbhadh gum bi astar mòr air falbh anns a’ Phoileasaidh dheireannach agus am bi e na astar stèidhichte no air a bhonntachadh air suidheachaidhean air leth.1 

 

 
• Ged a tha sinn a’ cur fàilte air raon-ùghdarrais Pannal nan Eòlaichean “bunait neo-eisimeileach gun chlaonadh a thoirt mu tharraing ola is gas neo-ghnàthach gus cruth a chur air seasamh làidir a thaobh poileasaidh” fhuair sinn briseadh-dùil nach deach an obair seo a thoirt gu crìch mus do ghabh a’ Chomataidh ri fianais agus nach do dhearbhaich am Ministear fhathast an toireadh Pannal nan Eòlaichean aithisg an taobh a-staigh ùine-sgrùdaidh trì fichead latha na Pàrlamaid.
 

 

• Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun toir am Poileasaidh deireannach barrachd stiùiridh do na h-ùghdarrasan-dealbhaidh agus iad a’ gabhail beachd air molaidhean mu leasachadh ola is gas air tìr na na thathar an-dràsta, mothachail gu sònraichte air buaidh a thaobh na h-àrainneachd agus buaidh shòisealta air coimhearsnachdan.

 

 

 

• Air sàillibh na connspaid agus cion tuigse mu dè tha sa mhodh-obrachaidh gus gas neo-ghnàthach a tharraing, tha a’ Chomataidh a’ moladh gun gabh Riaghaltas na h-Alba beachd air mar a dh’fhaodas an SEPA agus na h-ùghdarrasan-dealbhaidh ionadail obrachadh còmhla gus a dhèanamh cinnteach gun tèid comhairle gu leòr a chur ri coimhearsnachdan mu iarrtasan sam bith gus gas neo-ghnàthach a tharraing agus mu bhloigheachadh hiodrolach agus gum bi stiùireadh anns a’ Phoileasaidh dheireannach air modhan-obrachaidh gu leòr mu aiseag aontachadh.2 

 

Tasgadh-lùths

 

• Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun gabh am Ministear beachd mar a dh’fhaodar modh-obrachaidh nan ceanglaichean airson ùrachaidhean air an Fhrèam-dhealbhaidh Nàiseanta agus Poileasaidh-dealbhaidh na h-Alba san ùine air thoiseach a leasachadh gus a dhèanamh cinnteach gum bi ceangal iomlan ri luchd-pàirteachaidh ri linn na h-obrach, gu sònraichte nuair a thèid leasachaidhean nàiseanta a chur riutha an dèidh don cho-chomhairleachadh fhoirmeil tighinn gu crìch, mar a tha air a bhith ann a thaobh pròiseactan tasgadh-lùths. 

 

Cùl-fhiosrachadh 

 

Chaidh an treas Frèam-dealbhaidh Nàiseanta a chur sa Phàrlamaid 14 Faoilleach. Rinn trì Comataidhean eile sgrùdadh cuideachd air an Fhrèam a rèir nan roinnean aca, Eaconamaidh, Àrainneachd is Turasachd, Riaghaltas Ionadail is Ùrachadh agus Bun-structar is Cur-an-seilbh Calpa nam measg.

 

[1]

 

Bha bhòt ann air aon atharrachadh air a’ mholadh seo, ris an deach eas-aonta a chur le tearbadh, chaidh eas-aonta a chur ris a’ mholadh le bhòt-sheulachaidh: Airson 4 (Alison NicIain, Mairead NicDhùghaill, Richard Baker agus Seònaid NicAilpein) An Aghaidh 4 (Murchadh Friseal, Mìcheal MacCoinnich, Chic Brodie agus Christian Allard), Seachnadh 1 (Marco Biagi).

 

[2]

 

Bha bhòt ann air aon atharrachadh air a’ mholadh seo, ris an deach eas-aonta a chur le tearbadh: Airson 1 (Alison NicIain), An Aghaidh 7 (Murchadh Friseal, Mìcheal MacCoinnich, Chic Brodie, Marco Biagi, Christian Allard, Mairead NicDhùghaill agus Richard Baker), Seachnadh 1 (Seònaid NicAilpein).

Related Content

  • Economy Energy and Tourism Committee: Report on the Proposed National Planning Framework 3

Contact information

Media information

 

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.