Barrachd cofharpais a dhìth gus piseach a thoirt air ruigsinneachd maoineachaidh do Ghnìomhachasan Beaga ’s Meadhanach

12.03.2014

Bu chòir uile-smachd dà bhanca na h-àrd-shràide – Banca Rìoghail na h-Alba agus Banca na h-Alba – a bhith air a bhriseadh suas le bhith a’ stèidheachadh dòighean ùra creideis do ghnìomhachasan beaga agus meadhanach (GBMan), a rèir aithisg le Comataidh na h-Eaconamaidh aig Pàrlamaid na h-Alba.

An dèidh rannsachaidh a bha goirid mionaideach air ruigsinnneachd maoineachaidh do GhBMan, fhuair a’ Chomataidh gum feum sinn feadhainn aig a bheil raon diofraichte de bhathar is de mhalairt seach mar a gheibhear an ceartuair gus fìor roghainn a chruthachadh sa mhargaid, ’s chan e barrachd dhen aon seòrsa rud.

Chaidh Banca Rìoghail na h-Alba a bhrosnachadh cuideachd fianais ath-sgrùdadh air iasad airgid neo-eisimeileach a chur an gnìomh. Dh’iarr BPAan air a’ bhanca, a tha leis a’ mhòr-shluagh, sealltainn gu bheil e gu cinnteach air gabhail ri pròiseas an tiomnaidh a thaobh co-dhùnaidhean mu iasadan-airgid a bhith aig bancaichean ionadail ’s le manaidsearan a tha co-cheangailte riutha.

Cuideachd, bheachdaich an rannsachadh air diofar dhòighean maoineachaidh agus b’ e an co-dhùnadh ach gum feum an dà bhuidheann iomairt agus Geata Gnìomhachais fiosrachadh is eòlas tòrr nas fheàrr air modailean eile maoineachaidh a chor is gun urrainn dhaibh comhairle nas fheàrr a thoirt do ghnìomhachasan mu dheidhinn caochladh dhòighean iasaid seach dòigh àbhaisteach a’ bhanca.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd, Murchadh Frìseil BPA:

“Thathar glè chleachdte air duilgheadasan iasadan banca an dèidh crìonadh na h-eaconamaidh. Ged a tha cùisean a’ coimhead rud beag nas fheàrr, ’s e seo duilgheadas a tha fhathast a’ cur dragh air gnìomhachasan beaga.

“Ged a thuirt an dà bhuidheann-iasaid as motha sa mhargaid gu bheil iad fosgailte do ghnìomhachasan, mar gum biodh, feumaidh sinn barrachd cofharpais ’s chan e barrachd dhen aon rud, a chor is gun tèid na dh’fhaodadh a bhith ann de shoirbheas do na mìltean de ghnìomhachasan Albannach fhuasgladh.

“Cuideachd, chan eil e math gu leòr gum bi na buidhnean iomairt againn, a gheibh maoineachadh on sporan phoblach, a’ fàilligeadh a thaobh comhairle a thoirt do ghnìomhachasan mu dè na dòighean-maoineachaidh eile a tha ri fhaotainn. Bu chòir dhaibh a bhith air thoiseach gus dèanamh cinnteach gum faigh gnìomhachasan na h-Alba am maoineachadh a tha a dhìth orra a chor is gum bi iad a’ fàs agus a’ meudachadh.”

Cùl-fhiosrachadh

B’ iad Banca Rìoghail na h-Alba (BRA) agus Banca na h-Alba (BnA) maraon a thug seachad aon 70% de dh’iasaidean-gnìomhachais na h-Alba ann an 2012.

Stiùir a’ Chomataidh trì seiseanan fianais anns an robh grunn neach-fianais, nam measg riochdairean o bhuidhnean leithid Banca Rìoghail na h-Alba, Banca na h-Alba, BrewDog, Caidreachas Gnìomhachasan Beaga na h-Alba, Banca Cur-an-Seilbh na h-Alba agus twintangibles. 

Read the report

Economy, Energy and Tourism Committee report: Access to Finance and Alternative Financing Models

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.