Comataidh ri sgrùdadh a dhèanamh air mar a stiùirear àrainneachd eachdraidheil na h-Alba sna làithean ri teachd

10.03.2014

Thathar a’ dol a dhèanamh sgrùdadh air mar a stiùirear àrainneachd eachdraidheil na h-Alba ’s air mar bu chòir a cur air adhart anns na làithean ri teachd aig Comataidh Foghlam is Cultar Pàrlamaid na h-Alba.

Bidh Bile Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba a’ cruthachadh buidheann ùr, Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, a ghabhas thairis obair Alba Aosmhor agus Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Bidh gach rud a bhuineas ri cur-air-adhart àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a’ tighinn fo chùram na buidhne ùire. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart MacSuail BPA: 

“Tha pàirt cudromach aig àrainneachd eachdraidheil na h-Alba nar beathannan uile. Nì i ceangal ris an latha a dh’fhalbh agus cuiridh i cumadh air ar fèin-aithne chultarach. Uime sin, tha e glè chudromach gun dèan sinn cinnteach gun tèid a stiùireadh, a cur air adhart is a glèidheadh airson nan ginealachdan ri tighinn. 

“Tha a’ Chomataidh ag iarraidh faighinn a-mach an iad na molaidhean a tha romhainn an dòigh as fheàrr air dèanamh cinnteach gun glèidhear ar n-àrainneachd eachdraidheil. Tha sinn airson cluinntinn o dhaoine thar Alba mu amasan na buidhne ùire agus a bheil gus nach eil na h-amasan seo a’ dol fada gu leòr gus dèanamh cinnteach gum faod a h-uile duine tlachd a thoirt às ar buannachdan mòra eachdraidheil is cultarach.”


Bu mhath leis a’ Chomataidh cluinntinn bhuapasan uile aig a bheil gnothach ris a’ Bhile agus san ro-innleachd ùr-fhoillsichte a bhuineas ris an àrainneachd eachdraidheil, rud a tha cuideachd ag amas air tuigse is tlachd àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a chur am feabhas.

 Am measg cheistean eile a bhios fo aire na Comataidh, tha: 

·         Ciamar a chuidicheas cruthachadh Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba ann a bhith a’ leasachadh stiùireadh is cur-air-adhart àrainneachd eachdraidheil na h-Alba san fharsaingeachd?

 

·         An cuidich am Bile a thaobh àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a dhèanamh nas tarraingiche do choimhearsnachdan, theaghlaichean is luchd-turais?

 

·         A bheil am Bile a’ cur air chois com-pàirteachas soilleir iomchaidh eadar Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba agus gach buidheann phoblach is phrìobhaideach aig a bheil gnothach ri àrainneachd eachdraidheil na h-Alba?   

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh am Bile a thoirt a-steach air 3 Màrt 2014 agus e ag amas air buidheann-stiùiridh ùr a stèidheachadh airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba. Chaidh am Bile fhoillseachadh cuide ri ciad roi-innleachd àrainneachd eachdraidheil na h-Alba.

’S e an ceann-latha airson beachd a chur a-steach ach Dimàirt 22 Giblean 2014. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air duilleagan-lìn na Comataidh:

http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/ComataidheanAnCeartuair/74063.aspx

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.