Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach ag iarraidh soilleireachadh nas fheàrr air mar a thèid cìsean teachd-a-steach na h-Alba a thogail

10.03.2014

Feumar soilleireachadh nas fheàrr fhaotainn ma tha Taigh an Ròid gu bhith comasach air sgrùdadh a dhèanamh air mar a thogas Oifis Cìsean is Cusbainn na Banrighe (HMRC) Cìs Teachd-a-Steach ùr na h-Alba, a rèir comataidh phàrlamaideach.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach a’ cur an cèill airson a’ chiad uair am fiosrachadh-sgrùdaidh ris am bu chòir dùil a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba, agus cuideachd na bhios a dhìth an dèidh seo ma tha Taigh an Ròid gu bhith a’ dèanamh sgrùdadh is beachdachadh ceart air cìs teachd-a-steach luach £4.5b a thogas HMRC o luchd-pàighidh-chìsean na h-Alba.

Ged a chaidh fàilte a chur air na rinn HMRC agus Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh de cho-obrachadh thuige seo, tha a’ Chomataidh air dàta sònraichte ‘coileanaidh’ ainmeachadh a tha iad ag ràdh a bu chòir a bhith air a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba – dàta a ghabhadh a-steach fiosrachadh mu chìsean a chaidh a dhubhadh às, foill agus ìrean de mhearachdan, cho math ri tomhaisean air dè cho math ’s a tha HMRC a’ frithealadh air luchd-pàighidh-chìsean na h-Alba.  

Thuirt Neach-gairm Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach, Ùisdean Henry BPA: 

“Prìomh ghnothach a bh’ aig a’ chomataidh ri linn an rannsachaidh seo, ’s e a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh Pàrlamaid na h-Alba gu leòr de dh’fhiosrachadh brìghmhor a chuireas nar comas sgrùdadh a dhèanamh air coileanadh HMRC ann a bhith a’ togail teachd-a-steach Cìse Ràta Singilte (CRS), oir tha e soilleir gu bheil buaidh dhìreach aig na thogas HMRC de chìsean air na gheibh Alba de dh’airgead. 

“Aithnichidh a’ chomataidh seo gu bheil comas na Pàrlamaid a thaobh HMRC a chumail fo sgrùdadh mun choileanadh aca ann a bhith a’ togail CRS gu cruinn ceart glè chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh Alba a cuid iomchaidh de chìs teachd-a-steach.” 

Anns an aithisg aca, molaidh a’ chomataidh gun toir HMRC do Thaigh an Ròid na leanas de dh’fhiosrachadh coileanaidh taobh ri taobh ri cuid CRS o na cunntasan bliadhnail aca:  

·         measadh a thaobh nach deach a phàigheadh ri linn foill is mearachdan a thaobh luchd-pàighidh-chìsean na h-Alba a tha stèidhichte ann an Alba;  

·         coileanadh a thaobh fiachan cìse agus Àrachas Nàiseanta (ràta-ròla), fiachan a tha air luchd-pàighidh-chìsean na h-Alba a lìonas a-steach foirmean Fèin-Mheasaidh cìse: 

·         tomhais de mheud cìs teachd-a-steach na h-Alba a chaidh dubhadh às:  

·         na gheibhear de ghearanan a thaobh CRS.    

Tha a’ chomataidh cuideachd air moladh gum bu chòir Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gealltanas a bharrachd a thoirt seachad mu sgrùdadh Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh air coileanadh HMRC ann a bhith a’ togail agus a’ rianachd CRS.  

Rud eile san aithisg, molaidh a’ chomataidh gum foillsich Riaghaltas na h-Alba a cuid dàta air pàtranan-imrich na h-Alba oir bidh seo mar chuideachadh don Phàrlamaid ann a bhith a’ beachdachadh air buaidh nan ìrean diofraichte de ChRS – eadar am brosnaicheadh neo nach brosnaicheadh ràta eadar-dhealaichte daoine iad fhèin a chur an cèill mar luchd-pàighidh chìsean Albannach.  

Tha dà mhìos aig Riaghaltas na h-Alba ri freagairt a thoirt do dh’aithisg na comataidh. Cuideachd, thèid iarraidh air HMRC, Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh agus Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba freagairt a thoirt a thaobh molaidhean cothromach na h-aithisg. 

Cùl-fhiosrachadh  

Fo Achd Alba 2012, rachadh na ràtaichean bunaiteach, àrd-ìre agus a bharrachd dhe na leigeas Riaghaltas na RA de chìs teachd-a-steach a lùghdachadh le 10sg san not dhaibhsan a dh’ainmichear mar luchd-pàighidh-chìsean Albannach. Nuairsin, chuireadh a’ Phàrlamaid an gnìomh aon ràta singilte de chìs teachd-a-steach (CRS) thar gach bann-cìse. Tha an còrr de structair cise teachd-a-steach fhathast mar chùis ghlèidhte agus bidh seo fhathast air a chur air dòigh aig Pàrlamaid na RA. Mar thoradh air seo, chan e rud tiomnaichte a tha ann an CRS ach ràta cìse a chuirear an cèill aig a’ Phàrlamaid a bhios a’ gabhail àite pàirt de chìs teachd-a-steach na RA.  

Bidh feum aig Riaghaltas na h-Alba CRS ùr a mholadh a h-uile bliadhna, le rùn ris an gabh a’ Phàrlamaid Albannach ann an leithid a dh’ùine a leigeas leotha na cìsean a thogail aig toiseach gach bliadhna-cìse (rud a thòisicheas ann an Giblean 2016 agus a leanas air adhart gach Giblean an dèidh sin). 

Mar fhianais, chuala Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach gu bheil mu thimcheall 40 millean neach-pàighidh-chìsean san RA agus mu 2.6 millean ann an Alba. O thaobh airgid dheth, thathar a’ measadh gum faighear mu £152 billean às cìsean teachd-a-steach san RA, le mu £4.5 billean a-tighinn o luchd-pàighidh na h-Alba.  

Chaidh a mheasadh gun cosg cur-an-gnìomh is obrachadh CRS £40-£45 millean do HMRC, le cosgaisean bliadhnail stiùiridh de £4.2 millean an dèidh sin. Thèid na cosgaisean seo a choileanadh le Riaghaltas na h-Alba agus mar sin bidh iad cuideachd fo sgrùdadh aig Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba. Cuideachd, bidh Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh a’ toirt aithisg bhliadhnail do Phàrlamaid na h-Alba air prìomh phàirtean de rianachd is de thogail HMRC de ChRS.  

Gheibhear an aithisg iomlan, ‘Frèama Sgrùdaidh Ràta Cìs Teachd-a-Steach na h-Alba’, air duilleagan-lìn na comataidh:  

http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/ComataidheanAnCeartuair/29860.aspx

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.