Na tha a dhìth air na boireannaich ga dheasbad aig Pàrlamaid na h-Alba

07.03.2014

Is e ‘Na tha boireannaich ag iarraidh, Na tha a dhìth air boireannaich’ cuspair Latha Eadar-nàiseanta nam Boireannach am-bliadhna a thèid a chomharrachadh aig Pàrlamaid na h-Alba Disathairne.

Bidh na ceudan de bhoireannaich à iomadh suidheachadh air feadh na h-Alba an làthair aig an tachartas bhliadhnail aig a bheil e mar amas euchdan nam ban a chomharrachadh agus cur ri pàirteachadh bhoireannach gus buaidh a thoirt air poileasaidh. 

Air a’ phannal bidh tosgaire, cleasaiche, tè-phàrlamaid, saor-thoiliche agus tè-àbhachdais. 

Thuirt Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA, a bhios sa chathair aig an tachartas: 

“Tha Pàrlamaid na h-Alba cho toilichte a bhith an sàs ann an comharrachadh seo Latha Eadar-nàiseanta nam Ban a chuir Còmhdhail Boireannaich na h-Alba air dòigh.  

“Comharraichidh tachartas na bliadhna seo boireannaich à farsaingeachd dhreuchdan a’ tighinn còmhla gus an sgeul mu na bhios boireannaich ag iarraidh agus na tha a dhìth orra innse. Tha cruinneachadh farsaing is misneachail againn de luchd-labhairt againn agus nam measg tosgaire, tè-phàrlamaid, cleasaiche, saor-thoiliche agus tè-àbhachdais. Leigidh an tachartas seo le gach tè dhiubh a sgeul fhèin innse agus briathar a chur air na bhith a dhìth orra gus an gnothach a dhèanamh air cnapan-starra sam bith nam beatha.” 

Tha Pàrlamaid na h-Alba air tachartas bliadhnail a chumail gus Latha Eadar-nàiseanta nam Boireannach a chomharrachadh a h-uile bliadhna bho 2007. tha an tachartas ga chur air dòigh le Còmhdhail Boireannaich na h-Alba agus is e an luchd-labhairt am-bliadhna: 

  • Agnes Tolmie – Cathraiche air Còmhdhail Boireannaich na h-Alba agus neach-iomairt gnìomhach ann an gluasad nam boireannach fad còrr is deich bliadhna air fhichead.
  • Nicola Sturgeon BPA – Leas-Phrìomh-mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Bun-structair, Tasgaidh agus nam Bailtean-mòra.
  • Alicia Castro – Tosgaire Argentine na Rìoghachd Aonaichte.
  • Alison Fraser – Saor-thoiliche aig SWC.
  • Abby Mavers - Cleasaiche (ann am pàirt Dynasty Barry) ann an Rathad Achadh a’ Chùirn air Telebhisean BBC.
  • Susan Mhoireasdan – Tè-àbhachdais. 

Cùl-fhiosrachadh 

Tha Latha Eadar-nàiseanta nam Boireannach, air a chur air dòigh le Còmhdhail Boireannaich na h-Alba, ga chumail a h-uile bliadhna air 8 Màrt. Is e latha cruinneil a tha ann a’ comharrachadh euchdan eaconamach, poilitigeach agus sòisealta le boireannaich san àm a dh’fhalbh, san àm an làthair agus san àm ri tighinn. 

Bidh Còmhdhail Boireannaich na h-Alba ag obair gus dòighean a leasachadh gus dèanamh cinnteach gum faod boireannaich ann an Alba buaidh a thoirt air na ro-innleachdan is na poileasaidhean a bhios a’ bualadh orra. Tha lìonra aig a’ Chòmhdhail de chòrr is 300,000 boireannach, feadhainn ri gnìomhachas, san eaglais, ann an aonaidhean-ciùird agus ann am buidhnean saor-thoileach nam measg.  

Bidh buill de Chòmhdhail Boireannaich na h-Alba cuideachd a’ frithealadh air c-labhairt nan tè-phàrlamaid bho Roinn Eileanan Bhreatainn is na Mara (BIMR). Tha an tachartas ga chumail le Comann Luchd-pàrlamaid a’ Cho-fhlaitheis (CPA) agus thèid a cur air dòigh aig Pàrlamaid na h-Alba Disathairne is Didòmhnaich 15 is 16 Màrt.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.